- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seòrsaichean Shneachd
Air a sgrìobhadh le Calum air 23mh an Dùbhlachd, 2021
Leis a’ gheamhradh ann a-nis tha na seanfhaclan “Is blianach Nollaig gan sneachd” agus “Aiteamh na gaoithe tuaith air an t-sneachda, tuille a chur na cheann” air m’ aire agus shaoil mi air gach geamhradh a bh’ ann far nach robh mòran shneachd againn! Feumaidh gu bheil diofar sheòrsaichean de shneachd ann agus tha sinn air an togail o “Fhaclan on t-Sluagh” agus bheir sinn sùil orra anns a’ bhrath-bhloga seo.Tha iomadh fhacal againn airson sneachda fhèin, airson iomadh sheòrsa shneachda mar an ceudna. Tha sinn air liosta a dhèanamh dhuibh an-seo:
- Bleid
- Bleideag
- Caiteachan (Sneachd mìn).
- Clach Mhoire (Clachan meallain).
- Clachan meallain (Hail-stones).
- Clàdan (Bleideag mhòr).
- Clìofaid
- Fleachdag
- Flion (Sneachd mìn).
- Fliona (Sneachd agus uisge).
- Gim
- Sgarrach (Flin tiugh).
- Slam
- Slinnteach (Flin).
- Sneachd fluich
- Sneachda-mìn
- Sneachda biorach (Sneachd beag, mìn, pùdarach).
- Sneachda-tioram (Sneachd bleideagach, tioram).
Tha briathrachas sònraichte ann airson seòrsaichean sneachda:
- Blàr-sneachda – Cath-sneachda.
- Bratach de shneachd – Còmhdachadh de shneachd.
- Breac-shneachd – Còmhdachadh breacach de shneachd.
- Breacadh – Sgaoileadh aotrom de shneachd.
- Cabhadh làir/Cabhadh-làir
- Cathadh/Cathadh làir
- Cithean sneachda – Meall sneachda.
- Cuidhe/Cuithe – Meall sneachda.
- Cìean – Meall sneachda.
- Còmhnaidh – Sneachd trom ri tighinn agus ri fuirich.
- Fideag – Balla-sneachda.
- Laog – Cathadh-làir.
- Leòig – Sneachd a leaghas le salachas air an rathad.
- Sneachda an cothrom – Sneachd sgaoilte air feadh na sgìre.
- Spianadh – Sneachd a’ tùirlingeadh gu mìn agus gu gann.
- Sradadh – Sgaoileadh aotram de shneachd.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo