Gàidhlig / English
An t-Each-Uisge (Pàirt 2)

An t-Each-Uisge (Pàirt 2)

Air a sgrìobhadh le Calum air 10mh An Dàmhair, 2024
Bheir sinn sùil air sgeulachdan agus naidheachdan mun eich-uisge an t-seachdain-sa.

Turas a bh’ ann, bha caileag dheas a’ saodachadh na bà na suidhe air bruach locha agus shuidh balach làimh rithe, agus shìn iad ri bruidhinn. Air dhaibh còmhradh a ghabhail thòisich e a cheann a chur air a sgùird. B' àbhaist dha daoine seo a dhèanamh anns na làithean a dh’fhalbh. B’ ann an sin a mhothaich ise a fhalt làn gainmhich agus eabair. B’ ann aice a bha fios gur e each-uisge a bh’ ann, a bheireadh i leis dhan loch agus a bàs. Thòisich i ris a sgiorta a thoirt dhìth agus togail oirre agus a sgiorta fo cheann. Ach cho luath ’s a bha i air togail oirre dhùisg an t-each-uisge le dubh-leum agus dh’èigh e iomadh thuras “Mas duine ’n seo, is aotrom e,” agus theann e air an loch, gun èirigh às. ’S ann air sgàth seo ’s gu bheil an seanfhacal “‘Mas duine ’n seo, is aotrom e’ man duirt an t-each-uisge,” againn an-diugh.

Chruinneachadh mòran naidheachdan eich-uisge ann an leabhar John Gregorson Campbell, “The Gaelic Otherworld” agus seo dhuibh liosta de na h-àitean air an do nochd an t-each-uisge:
  • Loch Frisa, Muile – Bha each liath ann aig Loch Frisa, Muile, far am faicte a’ mealladh dhaoine a dhìreadh air a mhuin is gun toireadh e iad a chun am bàs. Rinneadh seo leis le fear gu bhith pòsta agus mac oighre Àrois turas eile. (d. 110)
  • Cru-Loch, Àird a’ Chaoil, Muile – Canar gum facas each fo dhìollaid ag ionaltradh aig oir an locha agus ged bhiodte a’ brath a dhol ga ionnsaidh mhothaicheadh lìrean air bun a ladhrain, fianais làidir gum b’ e each-uisge a bh’ ann. (d.111)
  • Loch Annla [Anlaimh], Colla – Chunnaic sluagh fear a’ tighinn gan ionnsaigh agus a cheann comhdaichte le “ratham”, seòrsa stràillich. Air dhaibh falbh theann am farbhalach chun an locha, a’ sealltainn gum b’ esan an t-each-uisge ann an riochd duine. Chualas gairmean ùdlaidh a rinneadh leis an each-uisge mar an ceudna bhon loch tursan eile. (d.111)
  • Loch na Dùnach, Salen, Àird nam Murchan – Tha ainm freagarrach ann airson an sgeòil seo: Là Didòmhnaich seo, canar gun deach deich clann a dhèanamh dibhearsain aig Loch na Dùnach agus lorgadh each ann. Air an là seo chaidh naoinear dhiubh air a mhuin ach pàiste a-mhàin le bìoball anns a’ phocaid. Air dha a mheur a chur air an each ghabh an t-each-uisge air gu ruige an locha na dheann agus bha aig a’ chloinn bhig a mheur a ghearradh às ach an urrainn dha teicheadh. Bhàthadh an naoinear uile. (d.112)
  • Loch na Mnà, Ratharsair – Tha an sgeul seachd àraidh seo leis a’ Ghobha Mhòr, a fhuair an t-ainm “Alasdair na Bèiste”, agus an each-uisge ri leughadh ann an “More West Highland Tales, Volume 2,” le J.F. Caimbeul. (d.112)
  • Loch Cuaich, Inbhir-Ghàrraidh – Bha fear ann, den ainm Mac a’ Phì, na thrèigsinneach on airm, agus na cheatharna air eilean air Loch Cuaich, ris an tugadh “Eilean Mhic a’ Phì” air. Oidhche bha seo, dh’èirich e gu buaileadh air a dhoras agus bha fhios aige gum b’ e an t-each-uisge a bh’ ann ann an riochd duine. Thog e a ghunna dheis agus loisg e dà thuras air an doras ach cha ghlìdichear e. Dh’iarr e air a bhean bonn-airgid a thoirt dha agus loisgeadh an gunna a-rithist. Theich an duine na dheann dhan uisge le plub mhòr. (d.112)
  • Loch an Àir, Caolas, Tiriodh  - Chunnaic sgalag each-uisge ag èalaidh à Loch an Àir, air Caolas, agus thug e a bhuinn leis ged a dh’fhàg e a chòta. Ghabh an t-each-uisge air a’ chòta agus rinn e riasladh e ga fhàgail na rèiligean. Ghabh an t-each-uisge air an sgalaig ach air dhaibh teannachadh air an taigh thug na coin sglamhadh air an each-uisge is thug e an casan leis air ais dhan loch.  (d.113) Canar nach b’ e each-uisge a bh’ ann anns an sgeulachd seo ach uruisg a thuirt na leanas dhan sgalaig:
Aig taigh Loch an Àir thogadh iomadh deagh bhàta
Ainmeil bhon làimh chluicheadh tàl agus tuagh;
Am beagan th’ air fhàgail den tobhta tha ’n làthair,
Tha mi chridh’ ann am bàidh rith’ seach àite mun cuairt.” (370).
  • Loch Assapol, An Ros Mhuileach, Muile – Canar gun d’ fhalbh mna le fear chun na h-eaglaise, no às dèidh dìnneir Didòmhnaich, agus an àite sùgraidh fhuair i bàthadh. (d.114)
  • Loch Meadaidh, Diùranais, Dùthaich MhicAoidh – Canar gun do mhothaich a’ mhna seo fleasgach a’ tighinn ga h-ionnsaigh le gainmheach na fhalt. Thug i leatha a casan agus mhothaich e a’ sgròbadh an talamh na chaothach nach gabhadh i ris. Tha sgeul eile ann nach gabhadh mòine a thogail dhachaigh air a' bhàta, an aon dhòigh a th’ acan, nan deach an togail aig ceann Loch Meadaidh agus bha aca ris am fàgail a dhol a dhòlaidh an-sin. (d.114)
  • Loch Basibol, Tiriodh – Canar gun deach each-uisge a mharbhadh le fear mòr, à Phort Bhiosta, The Green, Tiriodh, a thugadh “Calum Mòr Mac a’ Chlèirich” air. Mharbhadh leis each-uisge agus bean-sìthe le aisinn eich ann an lag ris an canar, “an Lèig”.
  • (d.32, d.114)
  • Eisgeadal, Loch Fada, Stòrr, Eilean Sgitheanach - Thugadh bàs air each-uisge aig bun Eas Eisgeadail (d.115)
  • Loch Obha. Beathach Mòr Loch Obha – Canar gu bheil biast dà-chasach-dheug ann an Loch Obha, thugadh an t-ainm "Beathach Mòr Loch Obha" air, a sgoltadh na deighe a’s Geamhradh. Canar gur e each-uisge a th’ ann no easgainn mhòr. (d.117)
 
Leigibh mi leibh le sgeulachdan an eich-uisge. Tha stòras dhiubh agus ged nach bu chaomh leam stad cha chreid mi gun urrainn dhomh gach sgeul agus lorg a chur an lùib a’ bhrath-bhloga seo. An aithne dhuibh na sgeulachdan fos cionn? Dè an seanchas a th’ agaibh mu eich-uisge? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo