Gàidhlig / English
Eòlas air Euslaint Dhaoine: Pàirt 1 (Eòlasan agus Seuntan Dìonaidh)

Eòlas air Euslaint Dhaoine: Pàirt 1 (Eòlasan agus Seuntan Dìonaidh)

Air a sgrìobhadh le Calum air 13mh Am Faoilleach, 2022
“Tha leigheas air gach càs ach chan eil leigheas air a’ bhàs,” agus “Mean air mhean thig an t-slàinte ach na tonnan mòr an euslaint” ’s iad seo a tha fìor do a h-uile duine agus chan eil na Gàidheil saor bhuapa nas motha. Tha na Gàidheil eadar-dhealaichte ged-thà leis ar cuid “Eòlasan,” geasan agus orthaichean a th’ againn air euslaint no trioblaidean-slàinte. Tha iomadh adhbhar gun gabhar os làimh eòlas, geas agus ortha: air euslaint, dìonadh o bhuadhan òs-nàdarra agus eòlas gus meòrachadh no piseach a thoirt air feart pearsanta an daoine fhèin. Lorg mi alt air leth inntinneach ann an Tàr-Ghnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis don ainm “Gaelic Incantations,” le Mgr A. Mac a' Bheathain, agus bheir sinn sùil orra an-seo.
 
Seun Cleithe
Bha an seun seo air aithris le frith-mhèirlich, cùiltearan no mùtairean airson teichidh o maoraichean-sìthe no luchd-riaghaltais na dùthcha:
“Fà fithe cuiream ort
Bho chù, bho chat,
Bho bhò, bho each,
Bho dhuine, bho bhean,
Bho ghille, bho nighean,
’S bho leanabh beag,
Gus an tig mise ’rithisd
Gus an tig mise rithisd
Ann ainm an Athar, a’ Mhic, ’s an Spioraid Naomh.”
 
Seun Dìonaidh
Tha an Seun seo air a dhèanamh airson neach an seun a dhìonadh o lotan agus cron. Airson an seun seo a dhèanamh thèid neach-aithris an seuna agus neach-faighinn an seuna gu cùil chleithte. ’S ann an sin a chuireas neach-aithris an làmh air ceann an neach-faighinn, an neach-aithris leis an sùilean dùinte, agus thèid an neach-aithris mun timcheall gu deiseil dà thuras agus gu tuathail turas.
[An neach-aithris a’ dol gu deiseil]
“Sian a chuir Moire air Mac ort,
Sian ro’ marbhadh, sian ro’ lot ort,
Sian eadar a’ chìoch ’s a ghlùn
Sian eadar a’ ghlùn ’s a’ bhroit ort,
Sian nan Trì ann an aon ort,
O mhullach do chinn gu bonn do chois ort,
Sian seachd paidir a h-aon ort,
Sian seachd paidir a trì ort,
Sian seachd paidir a ceithir ort,
Sian seachd paidir a còig ort,
Sian seachd paidir a sia ort,
Sian seachd paidir nan seachd paidir dol deiseil ri deagh uarach ort, ga do ghleadheadh bho bheud ’s bho mhi-thapadh.

Agus tòisichear a dhol gu tuathal mu timcheall an neach-faighinn:
“Clogaid na slàinte mu d’ cheann,
Cearcall a’ chùmhnaint mu d’ amhaich,
Uchd-èididh an t-sagairt mu d’ bhroilleach.
Ma’s ruaig bho ’n taobh-chuil,
Brògan na h-Oigh ga d’ ghiùlan gu luath.
Sian nan Trì ann an aon ort
Bho mhullach do chinn gu bonn do shàil,
Agus sian paidir nan seachd paidir
Dol tuaitheal is deiseil, deiseil is tuaitheal,
Gu d’ ghlèidheadh bho d’ chùl
Bho luaidh ’s bho chlaidheamh.
Bho lot ’s bho mharbhadh,
Gu uair is am do bhàis.”

Às dèidh an Seun aithris thèid an neach-faighinn air falbh bhon neach-aithris, agus iadsan leis an sùilean dùinte fhathast agus cha fosgail iad an sùilean gus am bi an neach-faighinn air falbh bhuapa.

Leanaidh sinn oirnn an ath-sheachdain le tuilleadh eòlasan agus seuntan. A bheil fear agaibhse, no a bheil fios agaibhse air eòlas no sion mar an leithid? Nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo