Gàidhlig / English

Tha ùidh aig DASG / Corpas na Gàidhlig ann a bhith a’ trusadh agus a’ cur ann an cruth didseatach an fharsaingeachd as motha de ghnèithean teacsa. Tha ùidh againn gu sònraichte ann a bhith a’ faighinn lethbhreacan ann an cruth didseatach de sgrìobhainnean ann an Gàidhlig na h-Alba agus / no cead gus barrachd sgrìobhainnean a chur ann an cruth didseatach.Tha ùidh againn cuideachd ann a bhith a’ tional barrachd dàta leicseachail airson Gàidhlig na h-Alba.

Ma tha sgrìobhainnean no dàta agad a bu mhath leat a thoirt dhuinn, cuir fios aig mail@dasg.ac.uk agus innis dhuinn barrachd mu na sgrìobhainnean (m.e. cò sgrìobh iad, an e sgrìobhainnean litreachais, litrichean, sgrìobhainnean labhairteach, craolaidhean, msaa a tha annta). Ma thèid againn air na sgrìobhainnean agad a chleachdadh agus gu bheil an comas againn an cur ris a’ Chorpas aig an àm seo, cuiridh sinn thugad foirmichean rin lìonadh, foirm Dlighe-sgrìobhaidh nam measg sin gus leigeil leinn an cead iomchaidh fhaighinn, agus foirmean mun Ùghdar agus an Sgrìobhainn gus leigeil leinn fiosrachadh nas mionaidiche a thrusadh.