- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Amalaidhean-cainnt
Air a sgrìobhadh le Calum air 16mh an Dùbhlachd, 2021
“Bheir britheamh breith air bàillidh breugach brèideil,” dh’fhaodadh an fhìrinn a bhith duilich ri ràdh agus anns a’ chàs seo tha sin fìor gu literalach! Tha pàilt de amalaidhean-cainnt anns a’ Ghàidhlig agus is caomh leam iad oir faodaidh iad a bhith fìor no gòrach (no an dà chuid uaireannan) ach tha sin an lùib amaladh-cainnt! Bheir sinn sùil air bailc dhiubh an-seo.Fhuaradh an dà amaladh-cainnt seo o “Shaoghal Bana-mharaiche,” le Seòsamh Watson:
- “Cha robh reithe ruadh a-riamh reamhar.”
- “Caoraich Baile a’ Bhealaidh ag ithe bealaidh air beulaibh Baile a’ Bhealaidh.”
Lorgar an fheadhainn seo le “tongue-twister.net”:
- “Balach beag bìodach a’ bocadaich air bàrr baraille.”
- “Cha robh laogh ruadh riamh luath, is cha robh laogh luath riamh reamhar.”
- “Lìon làn rionnach ’s ròn làn leanna.”
- “Thuit putan peitein beag à pòcaid Pèigi.”
- “Màs d’ àth-s i, bàth i; bàthaidh mis’ i mas m’ àth-s’ i.”
- “Mar chù ag òl eanbhruich, tha ainmean Chloinn ’Ill Eathain: (fon anail) – Eachann, Lachann, Lachann, Eachann, Eachann, Lachann, Teàrlach, Eachann, Lachann, Lachann, Eachann, Eachann, Lachann, Teàrlach.”
Fhuaradh an fheadhainn seo air duilleig “Akerbeltz”:
- “Am faca tu ’m bacach no ’m faca tu ’mhac, Chan fhaca mi ’m bacach ’s chan fhaca mi ’mhac, Ach nam faicinn-sa ’m bacach, no nam faicinn-sa ’mhac, Cha bhagrainn air a’ bhacach ’s cha bhagrainn air a mhac.”
- “Baraill am broinn baraille ’s baraill Bail’ Ailein.”
- “Cailin dubh à Eòrabus, Cailin donn an Càrabus, Cailin chridheil Uisge an t-Suidhe, ’S pioraidean Charainne.”
- “Donnchadh Mòr is an cù is an cat Is a bhrù air at cho mòr ri poit Is a phìob làn tombaca ’s e feadaireachd.”
- “Faca tu saor an t-sàbhaidh, Faca tu sàbh an t-saoir, Faca tu saor an t-sàbhaidh, Saor an t-sàbhaidh, sàbh an t-saoir.”
- “Gheibhear laogh breac ballach aig taigh gach àirighe, Latha Fhèill-Pàdraig earraich.”
- “Latha dhomh ’s mi falbh le mart, Thòisich mi ri gabhail port, Nuair a chual’ am mart am port Theab am mart mo mhurt.” [Iarr air duine nach cuir ‘sh’ eadar ‘rt’ seo a ràdh ach gun a bhith a’ cur ‘sh’ ann].
- “Oidhche shoilleir thioram agus oidhche thioram shoilleir.”
- “Siud an cliabh san do chleachd a’ chearc bhreac a bhith breith.”
- “Trì uairean gun a dhol iomrall timcheall ceann Loch Strollamaraig.”
- “Ubhal bog abaich dubh ’S ubhal dubh bog abaich.”
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo