Gàidhlig / English

Is iad prìomh amasan DASG:

  • tasglann de chruinneachaidhean a chaidh a dhèanamh air sgàth Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG) a ghleidheil agus a bhrosnachadh le bhith ga cur air beulaibh an t-sluaigh an asgaidh agus air-loidhne
  • a’ chiad chorpas làn-theacsa iomlan de sgrìobhainnean ann an clò airson Gàidhlig na h-Alba, Corpas na Gàidhlig, a chruthachadh agus a chur air beulaibh an t-sluaigh an asgaidh agus air-loidhne
  • an corpas teacsail a thoirt airson a’ phròiseict eadar-oilthigheil, Faclair na Gàidhlig
  • rannsachadh a dhèanamh nas goireasaiche agus a bhrosnachadh ann an cuspairean co-cheangailte ri Gàidhlig, gu h-àraid ciall fhaclan is abairtean na Gàidhlig, cruth nam facal agus cànanachas corpais, agus seo cuideachd a’ gabhail a-steach nan Saidheansan Sòisealta
  • goireas a thoirt a nì planadh corpais agus teicneòlas leasachadh corpais airson na Gàidhlig nas fhasa