Gàidhlig / English
Beurla Reagaird: Pàirt2

Beurla Reagaird: Pàirt2

Air a sgrìobhadh le Calum air 7mh An t-Samhainn, 2024
"Bac stiort!" "Na mearslaich", "dearc"-amaid air faclan ùra agus "ruanaich"-imid mu chainnt cleithte na Gàidhlig a labhraichte luchd-siubhail na Gàidhlealtachd: Beurla Reagaird. Tha sinn air brath-bhloga a dhèanamh roimhe air Beurla Reagaird ach tha an t-uamhas ann air an urrainn dhuinn bruidhinn mun chainnt inntinneach seo.

'S e "Beurla" am facal cumanta a th' ann airson a' chànain Shasannaich ach chan eil eachdraidh cleachdadh an fhacail cho sìmplidh le sin: Bu mhìneachadh dha "cànan air a labhairt gu coitcheann, nach sgrìobhadh", "cànan" no labhairt. 'S e a' chiad fhear as fhreagarraiche airson bruidhinn mu Bheurla Reagaird mar cànan labhraichte, nach sgrìobhadh. Bha an cànan feumail na "chant", briathrachas air a chleachdadh airson tuigse chàich a sheachnadh. Tha Romani Cant ann an Alba far an labhrar Beurla, Shelta/Gammon ann an Èirinn, Polari, Verlan anns an Fhraing, agus bailc eile. Bhruidhinn a' bhan-sheanchaidh ainmeil "Easag Stiùbhart" m'a h-àraich a' bruidhinn Beurla Reagaird fileanta ann an còmhradh clàraichte ann "Am Baile", a' sealltainn gum b' urainn dhan chànan obrachadh mar cànan eile, ged a bha e air a labhairt agus air a chumail mar chànan beò.

Seo dhuibh eisimpleirean de dhaoine a' bruidhinn Beurla Reagaird a tha rin claistinn air Tobar an Dualchais anns na clàraidhean a leanas:
  1. Eisimpleirean de Bheurla-reagaird, an cànan a bha aig an luc... - Tobar an Dualchais (Peter Stewart)
  2. Eisimpleirean de Bheurla-reagaird, an cànan a bha aig an luc... - Tobar an Dualchais (Alec Stewart)
Tha bhideo air loidhne de Bheurla Reagaird air a labhairt air Youtube: Learn Beurla Reagaird [Words & phrases] 1.

Seo dhuibh liosta de fhaclan à "The Scottish Traveller Dialects", le Jess Nic a' Ghobhainn agus Raibeart Dawson, agus "The Summer Walkers", le Timothy Neat, de Bheurla Reagaird a dh'fhaodas a chleachdadh:

NOUNS
  • A
  • An arsa – Mu thimcheall, Mu dheidhinn
  • Aoun - Aon
  • B
  • Blainteag - Bò
  • Bliantach – Lèine
  • Bruidean – Caorach gun fheum
  • Bual - Bràthair
  • C
  • Caineag - Cearc
  • Caram – Cron, corraid
  • Caran - Bàta
  • Ceamban - Pìoban
  • Cleitean - Èideadh
  • Corlum - Cadal
  • D
  • Deidhais - Leabaidh
  • Dòt/Gòt – Dà
  • Drocan – Òran
  • Dùrac - Acras
  • E
  • Eanach – Rud, E; Rathad
  • Eanach taur – Trùsairean
  • Eanach tom sgaoi – Neamhnaid
  • F
  • Feidleas – Bàrlagan, rèiligean, pleideagan
  • Filleag - Blangaid
  • G
  • Gasag – Spreigean
  • Gasgarn/Gashgurn - Clèir
  • Gèall – Cac
  • Geaidlean – Cat
  • Geann - Cù
  • Giarcan – Stàin
  • Giofan – Each
  • Gionasgan glotair – Cungadh-lèighis
  • Glocholas - Gabaireachd
  • Gnobag - Muc
  • Gòltrum - Acras
  • Gotach – Obair, Dreuchd
  • Grathad - Airgead
  • Greitch – Spreigean
  • Grobaid/Grobait – Pocaid
  • Grug – Cearc gun fheum
  • Gucilan – Sglongaid, Smug
  • Guirbeanich – Bòtanan, Brògan
  • H
  • Hurly – Càr, Carbad
  • L
  • Leacann-peilastar – Geamar a chluicheadh le ceithir dòrngan rèidh, agus dà chrogan. Air a chluidheadh le suas gu ceathrar gach sgioba.
  • Leasg – Solas
  • Leasg an Dailean – Runnagan
  • Liobhag - Caorach
  • Liomas - Feur
  • Logaidhinn - Stocaidhean
  • Lumb - ​Nòta (£1)
  • M
  • A' Mhènglar – Uinneag
  • Mo Dhalean – O Dhia!
  • Mòlaidh - Èideadh
  • N
  • Na – Dhan
  • Noib - Mòine
  • Nopait - Ceap, Bonaid; Coineanach
  • Nopha - Leth
  • Nopha daish – Leth-sgillinn
  • Nuip - Mùin
  • R
  • Raig – Peile
  • Rothdach - Daras
  • Rundal/Rundar - Bòtal
  • S
  • Scain-taithd - Tobàca
  • Scoigh – ​Uisge; Abhainn
  • Scorach – Peighinn
  • Sgrog – Bò gun fheum
  • Sim – Bata
  • Simeasg – Amar
  • Sin-tait – Tobàca
  • Sloingan – Sglongraich, Smug
  • Starais – Seadh, Tha
  • Stùiran – Tarbh
  • Suidean – Each gun fheum
  • Suaircean - Sgiorta
  • T
  • Tearlasg – Sgian
  • Tearlasg tom – Claidhamh
  • Timichean – Maidean
  • Tòrp - Turastal, cosnadh
  • Trèbin - Breugan
  • Tur/Tùir - Teine
  • U
  • Uilidh – Ola-guail
  • Uillisg – Tastan
  • Uilish-coime - Tastan, 5p
  • W
  • Winkler - Uinneag

BUILL NA BODHAIG
  • Bealac – Beul
  • Beastag – Stais, mustais, rèibean
  • Bilidh(ann) – Bil(ean)
  • Bracad – Bràghad, cìoch
  • Croib - Sròn
  • Dearc(an) – Sùil(ean)
  • Dùt/Guilach - Piteag
  • Giocan/Goull – Bod
  • Groib – Sròn
  • Lasach(ann) - Cluaisean
  • Lothan - Falt
  • Luigean - Casan
  • Mailcean/Meilcean - Làmhan
  • Mosc - Aghaidh
  • Neachinn - Ceann
  • Stireag(ann) – ​Fiacal, Fiaclan
  • Taur/Tauir – Tòn, Màs

BIADH
  • Bras - Biadh
  • Cruasach - Biosgaid
  • Cruideagan - Uighean
  • Cruinneagan – Buntàta
  • Fean – Feòil
  • Gruideagan – Uighean
  • Iocan - Ìm
  • Lasgarn/Lasgun - Salainn
  • Meili - Siùcar
  • Niabhinn – Mìn-choirce
  • Niolain – Mìn
  • Rional - Beòir
  • Sairc - Càise
  • Sàsanar - Isbeanan
  • Scàldaidh-bègar – Mìn-choirce agus ùinneanan air am praigheagadh ann an ìm
  • Scladach - Teatha
  • Scoigh-heit/Sgaoi-head – Uisge-beatha
  • Sgian – Iasg
  • Sgladach – Teatha
  • Sguat – Mìr, Ceapair
  • Talaman - Bainne
  • Turan - Aran

DAOINE
  • Blos – Caileag bhearraideach
  • Bracsaidh – Duine caol
  • Briogan – Amadan drùiseach
  • Cal simidh – Ceann-cinnidh
  • Canlubach – Fear cunnartach
  • Ceimar - Màthair
  • Cenalobach – Pearsa foirneartach
  • Cultar – Fear gun fheum
  • Dàlan - Dia
  • Daot/Douit - Òinseach
  • Duachd – Neach-còmhnaidh
  • Gaithair - Athair
  • Gàl - Mnà
  • Gearach – Mnà
  • Glomhach – Fear
  • Glomhach Cau(d) – Fear-poileis
  • Glomhach Caud – Tuathanach, Croitear
  • Glotair - Dotair
  • Gramaid/​Gremaid - Amadan
  • Gremesach - Òinseach
  • Gòut – Neach-còmhnaidh
  • Gruitean – Gribheal beag
  • Liaogach – Balach, Brogach
  • Liaogach Charmadrachd – Sealgair
  • Lùfar(inn) - Òigear/Òigridh
  • Lurach - Crùislig
  • Mu rhain nait/Mu ghil – Mi fhìn
  • Neabal/Niathdol - Sàtan
  • Nighean - Nighean
  • Noid, a' Càuid – Fear-poileis
  • Noid, noidach - Fear
  • Peurstag – Boireannach òg, mnà, caileag
  • Ràbhatar - Breugaire
  • Scàldaidh-bègar – Pearsa na leth neach-siubhail agus leth neach-còmhnaidh
  • Sciomadar - Misgear
  • Sgianadair - Isagair
  • Sgiogardach – Fiùcailean
  • Sgiomadair - Misgear
  • Sprutich - Deamhan
  • Suailean - Clann
  • Suailean-tauir – Pàiste-dìolain
  • Teall - Mallan
  • Toracur(inn) – Neach-siubhail, Ceàird
  • Usgaid – Uspag

ÀITEAN
  • Chaim – A-muigh
  • Cian - Taigh
  • Cian-bein - Pùball
  • Cian-nuip – Taigh-bheag
  • Cian Riongail – Taigh-òsta
  • Cian-Tom - Lùchairt
  • Claban - Bùth
  • Craban - Eaglais
  • Crùmban – Rathad, sligh
  • Stiort – A-staigh
  • Tòm, tròr – Baile, cathair-bhaile


BUADHAIREAN
  • Bein - Beag
  • Carmith – Marbh
  • Ceab – Dona
  • Charamath – Ciùrrte, Air corraid a chur
  • Don - Dona
  • Dùrac - Acrasach
  • Gòltrum – Acrasach
  • Grèait - Sick, ill
  • Grobit - Pòsta
  • La-bondaidh – Mòran, bailc, tòrr
  • Muin – Math
  • Mu-noindach - Nàraichte
  • Ràsgalach – Luideach, Riasgail
  • Sgiomaideach – Air mhisg
  • Sgoimaish – Air mhisg
  • Sgùlaidh – Litir-fhoghlaimte
  • Tòm – Math, mòr


GNÌOMHAIREAN
  • Bac(al) – A’ gabhail ri
  • Bac(al) – A’ dol
  • Bac-chaim – Thalla!/Thig a-mach!
  • Bac-stiort! - Thalla!/Thig a-steach!
  • Biorachdadh – A’ goid
  • Caramadarach – A’ corraid
  • Caramagh – a’ ciùrradh
  • Carm – A’ marbhadh
  • Carmaid – A’ corraid
  • Ceambanann – A’ gabhail toit, A’ smòcadh rudeigin
  • Dearc – Seall, Coimhead, Faicinn
  • Geug - Faighneachd
  • Glàbaich(achd) – Folachadh, Falachadh
  • Gloramus – A’ bruidhinn
  • Guilm – A’ sùgradh
  • Guisean – Stad, Èist, Bi sàmhach!
  • Luis – Ithe, ag ithe
  • Mearslaich - Thalla!
  • Neit – Dèan e/Gabh e!
  • Nèit(al) – A’ toirt
  • Nuiparach – A’ tarraing uisge, a’ dèanamh mùin
  • Prasc(adh) – Bruim, Bramadaich
  • Ruanaich – Can, Bruidhinn
  • Sgiandach - Iasgachd
  • Sgìlabhac(ann) – Aibhsich, Cur ris an fhìrinn
  • Trop – Pàigh, Pàigheadh

Uill, 's fheudar dhuinn "bac-chaim" agus a "ruanaich eanach" am Beurla Reagaird a th' agaibh, ach cuimhnich a "bhac do bhealach" agus "na ruanaich eanach" a tha "don" no "caramagh"! Chan urrainn dhomh a' phuing seo a "sgìlabhac" nas làidire! Bithibh "tòm" agus "bac" dhan "chlaban" no na "cianan" anns an "tròr" agus bruidhinn i le ge b' e "geurach", "noid" no "suailean" ris am buail sibh, agus nì "mu rhain nait" mar an ceudna.

Gabhaidh brath-bhloga DhASG beàrn, ach na bi feagal oirbh, tha mòran againn ri lìbhreagadh dhuibh: Tha an t-uabhas bhrath-bhlogaichean againn rin leughadh; mòran chlàraichean-fuaime ri chlaistinn; agus mòran bhriathrachas àraidh agus inntinneach ach an urrainnear a lorg!

Seo mo bhrath-bhloga mu dheireadh, agus bu mhiann leam ràdh gu bheil e air a bhith mìorbhaileach a' rannsarchainn, a' foillseachadh, agus a' sgrìobhadh dhuibh air feadh nam bliadhnaichean. Mo bheannachd dha na daoine a bha cho coibhneil agus fialaidh le moladh, bidh mi nur comain gu sìorraidh.

Le beannachdan,
Calum Rosach.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo