- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
- Blog
Chaidh am pròiseact Dachaigh Airson Stòras na Gàidhlig (DASG) a stèidheachadh leis an Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh ann an 2006 agus is e pròiseact a tha aithnichte le Acadamaidh Bhreatainn a th’ ann a tha stèidhte taobh a-staigh Ceiltis is Gàidhlig ann an Sgoil nan Daonnachdan aig Oilthigh Ghlaschu.
Chaidh a chur air bhonn los gum biodh earrannan cudromach dhen tasglann a chaidh a chruthachadh le Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG), a chaidh a stèidheachadh taobh a-staigh Roinn na Ceiltis, mar a bha, ann an Oilthigh Ghlaschu (1966–97), rim faighinn ann an cruth didseatach.
B’ e a’ chiad phàirt dhen obair a bhith a’ cur Faclan bhon t-Sluagh ann an cruth didseatach. Chaidh an obair seo a choileanadh eadar 2008 agus 2014 le Olga Szczesnowicz, a chuir an dàta ann am faidhlichean WORD agus ASCII. Bha iad sin an uair sin air an cur gu cruth XML le Wojtek Dziejma, Stephen Barrett agus an Dr Mark McConville.
Bha na faidhlichean fuaim a bha co-cheangailte ri Faclan bhon t-Sluagh air an cur ann an cruth didseatach le Ionad Didseataidh Uibhist ann an 2011. Bidh iad seo air an cur air beulaibh an t-sluaigh anns an àm ri teachd.
Chaidh Corpas na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2008 mar phàirt dhen phròiseact DASG. Chaidh a stèidheachadh los gum biodh corpas dealantach iomlan air a chruthachadh do dh’oileanaich agus do luchd-rannsachaidh cànan, litreachas agus cultar Gàidhlig na h-Alba; agus mar ghoireas a bhiodh a’ dèanamh planadh corpais agus teicneòlas leasachadh corpais dhan Ghàidhlig na b’ fhasa. Bheir an Corpas stèidh theacsail airson a’ phròiseict eadar-oilthigheil, Faclair na Gàidhlig.
Tha DASG air maoineachadh fhaighinn gu dìreach agus gu neò-dhìreach bho na leanas:
- Acadamaidh Bhreatainn
- Bòrd na Gàidhlig
- Buileachadh Raibeirt L. MhicThòmais, Oilthigh Ghlaschu
- Comhairle an Rannsachaidh Eaconamaich agus Shòisealta (ESRC)
- Comhairle Maoineachaidh na h-Alba
- Comhairle Rannsachaidh nan Ealain agus nan Daonnachdan (AHRC)
- Comunn na Gàidhlig
- Faclair na Gàidhlig
- Oilthigh Ghlaschu
- Urras Brosnachaidh na Gàidhlig