- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Blèideag, Clòimhneag, Lòineag agus faclan eile airson “Snowflake”
Air a sgrìobhadh le Calum air 12mh an Dùbhlachd, 2019
Tha an geamhradh air a theannadh oirnn a-nis, beag air bheag. Leis an reòthadh a tha air a bhith oirnn o chionn ghoirid cha beag an t-iognadh gum bi sneachd againn san tìm ri teachd! Ach, tha cuimhne agam anns an sgioba DhASG gun robh faclan eile againn cha mhòr airson “snowflake”. Chuala mi blèideag, lòineag, clòimhneag agus uiread eile. Mar sin chuir mi romham an clàradh ann am bloga air ur son. B’ ann anns a’ bhliadhna 2010 a chaidh am pàipear “Caochlaideachd Leicseachail agus “Snowflakes” sa Ghàidhlig” le Roibeard Ó Maolalaigh - Stiùiriche DhASG fhèin! - anns an leabhar “Cànan & Cultar/Language & Culture: Rannsachadh na Gàidhlig 4” le Rannsachadh na Gàidhlig. Anns an leabhar tha iomadh fhacal air an clàradh ann an Suirbhidh Dualchainntean Gàidhlig na h-Alba tha cha mhòr 581 teisteanasan airson “snowflake”! Leis an uiread a chlàradh anns an suirbhidh rinn mi liosta dhiubh airson a’ bhloga seo. Seo na tha ann le gach àite (cha mhòr) anns an deach an clàradh clàraichte fodha, le faclan coltach a tha againn mar an ceudna à “fhaclan bhon t-Sluagh”:- Blèideag - bleid (Srath Ghlais), bleideag (Greòsabhagh, Na Hearadh), bleideag (Cròlasta, Leòdhas), bleideag (Srath Ghlais). Pleideag (Nis), pleòideag (Baghastail, Ceap Breatainn), Pleòiteag/pleòtag(-an) (Uibhist a Deas).
- Cladan - clàdan (Caolas, Tioradh), clàdan (Àirigh nan Gobhair, Cola), clàdan (Port Sgioba, Ìle), clàdan (Tioradh).
- Cleiteag – cléideag (Bòrnais, Uibhist a Deas), cléideag (Sròn an t-Sìthein).
- Clàiteag – (Àird nam Murchan, Suaineart, Earra-Ghàidheal a Tuath, Meadhan Earra-Ghàidheal, Comhghal, Ros an Iar).
- Clòimhneag - cloimheag (Teimheil & Ràineach), clòineag (Dòrnaidh), clòineag (Bun Leothaid), clòineag (Ceann a’ Ghiuthasaich), clòineag (Gleann Urchadan).
- Clòimhteag - (Siorrachd Pheairt).
- Cithean – (Goillspidh) / Cuithe – (Uibhist a Tuath).
- Clìofaid – (A’ Chomraich) & Clìfeid (Cataibh, Ìle, Leòdhas, Uibhist a Deas).
- Cuileag – (Arainn).
- Duilleag (sneachd) – (Brùra).
- Dideag (sneachd) – (Ros an Ear).
- Flèac sneachd – (Euraboll).
- Fliuch-chur sneachd – (Hiort).
- Leònag – (Gallaibh a Thuath, Ros an Ear).
- Leòmag – (Siorrachd Inbhir Nis an Ear agus an Iar).
- Lòinneag – lòineag (Am Blàr Odhar), lòineag (Ceann Loch Bìorbhaidh), lòineag (Srath, An t-Eilean Sgitheannach), lòineag (Saingea Mòr, Diuirnis, Cataibh), lòineag (Cille Mhuire), lòineag (Àsainte), lòineag (Ceann Loch Loch Shubhairne).
- Ròineag – (Siorrachd Inbhir Nis, Cataibh).
- Slad – (Arainn).
- Slathag - slathag (Eilean na Nollaige, Canada) (Barraigh, Èirisgeigh).
Lorgadh feadhainn eile anns an stòras againn fhèin ann am “faclan bhon t-sluagh” a bha inntinneach ri ainmeachadh:
- Brìdeag (Eurabol),
- Clamhuinn (Eòlaigearraidh, Barraigh)
- Dlòdhan (Am Plòc)
- Gim (Srath Ghlais)
- Slach (Srath Ghlais)
- Slam (Srath Ghlais), Slam (Srath Ghlais) agus Slaim (Srath Ghlais).
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo