Gàidhlig / English
Tha cruinneachadh de dh’fhaclan Gàidhlig a chaidh a chruinneachadh bhon t-sluagh ann am Faclan bhon t-Sluagh agus bha iad air an trusadh mar phàirt de phròiseact Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG). Tha còig seòrsachan de stuthan clàraichte air pàipear agus ann an cruth labhairteach bho na 1960an, na 1970an agus na 1980an anns a’ chruinneachadh:
  • ceisteachain air cuspairean sònraichte
  • liostaichean-fhacal
  • teipichean cèiseig agus rìdhle de chlàraidhean labhairteach
  • tar-sgrìobhainnean de chriomagan agus agallamhan a chaidh a chlàradh air teip
  • bileagan pàipeir, stèidhichte air na clàraidhean agus na tar-sgrìobhainnean

Anns a’ chruinneachadh tha faisg air 700 sgrìobhainn a’ gabhail a-steach mu 50,000 ceann-fhacal a chaidh a thional bho luchd-labhairt na Gàidhlig air tìr-mòr agus eileanan na h-Alba cho math ri Alba Nuadh. Nam measg sin tha 24 seòrsa ceisteachain air cuspairean sònraichte, agus tha farsaingeachd de liostaichean-fhacal ann a tha a’ toirt iomradh air raointean leicseachail a tha a’ buntainn ri saoghal dualchasach na Gàidhlig. Tha dealbhan eireachdail a chaidh a dhèanamh le làimh, leithid ‘Leabhar Deilbh’ Mhurchaidh MhicLeòid, nam measg sin. Faodar na stuthan a choimhead le bhith a’ cleachdadh a’ mhodh amhairc air an duilleig obair trusaidh, Faclan bhon t-Sluagh. Is iad na cuspairean a leanas a tha air an riochdachadh anns na ceisteachain:

Àiteach
Togail Bhàtaichean
Eathraichean
Crodh
Bàs is Adhlacadh
An Eaglais
Acfhuinn Iasgaich
Biadh is Deoch
Iasgach an Sgadain
Taigh Gàidhealach
Saoirsinneachd
Cruth na Tìre
Iasgach a’ Ghiomaich
Blàthan-Leighis
Mòine
Coltas an Duine
Nàdur an Duine
Pìobaireachd
Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean
Faireachdain
Caoraich
Maorach
Sìde
Obair na Clòimhe

Am measg nan raointean air ciall nam facal a tha ann an liostaichean-fhacal fa-leth tha:

biastagan, eòin, bàtaichean, cairtean, aodach, ainmhidhean, leigheasan, fèidh, nithean am broinn an taighe, dealbhan agus mìneachadh, comharran-cluaise (air caoraich), obair tuathanais no croitearachd, ainmean pearsanta bhoireannach, iasgach, lìn, acfhainn iasgaich, dìtheanan, obair coilltireachd, gràmar, litreachas, corp mhic-an-duine, galair, nàdar an duine, fighe, cleachdadh talmhainn agus cleachdadh fearainn, cruth na tìre, iasgach le slat, tughadh, muilnean Lochlannach, ainmean-àite, planntrais, treabhadh, seanfhacail & gnathasan-cainnt, tòimhseachain, muir, tràigh, feamainn, coin chaorach, maorach, faclan Gàidhlig ann an Albais, lusan fiadhaich.

Gu tric, bidh na faclan a tha clàraichte air an cur ann an co-theacsa le abairtean, rosgrannan, gnathasan-cainnt agus seanfhacail nan cois.

Bu chòir beachd a ghabhail air gu bheil mòran caochlaideachd ann an litreachadh nam facal ann am Faclan bhon t-Sluagh. Tha sinn an dòchas dòigh fhèin-ghluasadach a thoirt air rannsachadh a dhèanamh air na h-eadar-dhealachaidhean anns an litreachadh san àm ri teachd agus cruthan coitcheann a thoirt airson cheann-fhacal.