- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
- Blog
Chaidh Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG) a stèidheachadh ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Ghlaschu, ann an 1966 leis an Ollamh Ruaraidh MacThòmais. Mhìnich Deasaiche an fhaclair, Coinneach Dòmhnallach, amasan an fhaclair san dòigh a leanas:
B’ e obair mhòr a chaidh a chur mu choinneamh seann luchd-obrach Roinn na Ceiltis ann an Glaschu, gu h-àraid leis na goireasan a bh’ aca airson a coileanadh. A dh’aindeoin a bhith a’ cur crìoch air tiùrr mòr obrach, cha robh e comasach sgioba a chumail a bheireadh am faclair gu buil. Le luchd-obrach na Roinne a bha an sàs ann am FEG a bhith a’ leigeil dhiubh an dreuchd, thàinig an obair trusaidh gu crìch ann an 1997. Tha na h-amasan san fharsaingeachd a-nis air an gabhail a-steach mar phàirt dhen phròiseact eadar-oilthigheil, Faclair na Gàidhlig, aig a bheil e mar phrìomh amas faclair eachdraidheil a chruthachadh. Tha cruaidh-fheum air a leithid de ghoireas, a bhiodh ri choimeas ri goireasan dhe leithid a tha rim faighinn airson Albais agus Beurla, leithid Dictionary of the Older Scottish Tongue agus Oxford English Dictionary.
Cuibhreannan
Bha taghadh chuibhreannan air bileagan pàipeir gu bhith air a dhèanamh às gach cruinneachadh, is ceann-fhacail, facail chudromach, earrannan a bheireadh co-theacsa, mìneachaidhean, tar-sgrìobhainnean fòin-eòlach, tùsan agus fiosrachadh iomchaidh sam bith eile gu bhith air na bileagan. Chaidh 312 obair fhoillsichte (leabhraichean, irisean-rannsachaidh, irisean agus pàipearan-naidheachd am measg eile) a rannsachadh, agus chaidh taghadh chuibhreannan air bileagan faclair a dhèanamh à 216 dhiubh sin. Tha còrr air 500,000 bileag phàipeir leis na cuibhreannan sin anns an tasglann.
Bha cuibhreannan bho thùsan ann an clò air an taghadh anns a’ chumantas le buidheann de chòrr air 100 luchd-taic à Alba, Sasainn, Èirinn agus Canada, agus cuideachd le luchd-obrach a’ phròiseict. Nam measg sin bha:
- Catrìona Chaimbeul (Baile a’ Mhanaich)
- I. L. Caimbeul (Canaidh)
- Isa Caird (Lèansaidh)
- Cairistìona E. Chamshron (Cnoc Iòrdain)
- Lachlainn F. Dick (Inbhir Nis)
- Aonghas Dòmhnallach (Penicuik, agus Loanhead)
- A’ Bh-ph. Ceiteag M. Dhòmhnallach [‘Ceiteag Dhòmhnaill a’ Ghobha’] (Loch nam Madadh)
- Chrisann Dhòmhnallach (Cnoc Iòrdain)
- C. D. Dòmhnallach (Glaschu)
- Dòmhnall Dòmhnallach (Dùn Èideann)
- Fionnlagh I. Dòmhnallach (Glaschu)
- Màiri Dhòmhnallach (Cnoc Iòrdain)
- An t-Urr. Ruairidh Dòmhnallach (Innis)
- An Dr Seòras Dòmhnallach (Jersey)
- Tormod Dòmhnallach (Dòrnoch)
- G. D. Donald (Tioradh)
- A. Friseal (Inbhir Nis)
- I. A. Friseal (Dùn Èideann)
- Dòmhnall Grannd (Glaschu)
- Coinneach C. Grigor (Glaschu)
- D. G. Howells (Glaschu)
- A. J. Lane (Essex)
- An t-Urr. Ruaraidh Mac a’ Ghobhainn (Dùn Èideann)
- Iain MacAoidh (Glaschu)
- An t-Urr. An Dr Iain MacAonghais (A’ Chananaich)
- I. MacAsgaill (Loch nam Madadh)
- An Dr M. Brus MacBhàtair (An t-Eilean Sgitheanach)
- An t-Urr. T. M. MacCalmain (Glaschu)
- Raibeart MacCoinnich (A’ Chomraich)
- R. MacCruimein (Ùige, An t-Eilean Sgitheanach)
- I. MacFhionghain (Glaschu)
- Iain MacFhionghain (An t-Àth Leathann)
- Ruairidh MacFhionghain (Peairt)
- Raghnall I. M. MacilleDhuibh (Glaschu)
- Iain MacIllEathain (Dùn Omhain)
- Iain MacIllEathain (An t-Òban)
- Calum MacÌomhair (Arnol) [?]
- Alasdair I. MacLeòid (An Tairbeart, Na Hearadh)
- Aonghas MacLeòid (Càrlabhagh)
- Calum MacLeòid (Diùrainis)
- Calum MacLeòid (An Comunn Gàidhealach)
- Am Màidsear C. I. N. MacLeòid (Antigonais, Alba Nuadh)
- Donnchadh MacLeòid (Geàrrloch)
- I. MacLeòid (Leòdhas, Sgoil Bheàrnaraigh)
- Iain MacLeòid (Dùn Dèagh)
- An t-Urr. Ruairidh MacLeòid (Beàrnaraigh na Hearadh)
- Calum MacNeacail (Port Rìgh)
- Ruairidh MacNìll (Glaschu)
- An t-Urr. A. A. MacPhilip (Càrlabhagh)
- Ailig I. MacRath (Ceasag a Tuath)
- An Dr Raibeart L. MacThòmais (Leeds)
- An t-Ollamh Ruairidh MacThòmais (Glaschu)
- Seumas MacThòmais (Dùn Èideann)
- Seumas MacThòmais (Baile nan Granndach)
- An t-Urr. M. A. [‘Calum’] MacThòrcadail (Calasraid)
- An Dr A. A. MacUilleim (Hamilton)
- Tormod Moireach (British Columbia)
- Dòmhnall Moireasdan (An t-Òban)
- R. Moireasdan (Crosbost)
- Maighread M. Mhoireasdan (Cnoc Iòrdain)
- An t-Urr. Tormod Moireasdan (Garbh)
- Màiri C. Mhoireach (Glaschu)
- Seasaidh Mhoireasdan (Boydell) (Inbhir Nis)
- Deòrsa Moss (Ceasag)
- Catrìona Nic a’ Mhaoilein (Cnoc Iòrdain)
- Màiri NicAmhlaigh (Dùn Èideann)
- Bella NicAoidh (Cnoc Iòrdain)
- A’ Bh-ph.M. NicCoinnich (Dùn Èideann)
- A’ Bh-chr. MàighreadNicDhòmhnaill (Cambr. Mass.)
- An Dr Alison NicFhearghais (Lunnainn)
- Dolina NicGumaraid (Glaschu)
- Catrìona M. NicIllEathain (Glaschu)
- Peadar C. MacIllEathain (An Eaglais Bhreac)
- Criosaidh Nic Ille na Brataich (Baile Mo Thatha)
- Maighread NicÌomhair (Cnoc Iòrdain)
- Mòrag NicÌomhair (Cnoc Iòrdain)
- Anna NicLeòid (Cnoc Iòrdain)
- A Bh-ph. D. NicLeòid (Cunndainn)
- Màiri Etta NicLeòid (Cnoc Iòrdain)
- A’ Bh-ph. I. NicLeòid (Glaschu)
- Màiri M. NicLeòid (Barbhas)
- Colm Ó Baoill (Obar Dheathain)
- Anna Reilly (Coatbridge)
- Phyllis Reoch (Dùn Èideann)
- An Dr Seumas A. Ritchie (Cathair Ceann Tullaich)
- An t-Urr. Coinneach Ros (Giogha)
- Seumas Stevenson (Dùn Èideann)
- R. S. L Stokoe (Eabhrac)
- Alasdair Urchardan (Steòrnabhagh)
Chaidh FEG a mhaoineachadh le Urras Charnegie airson Oilthighean na h-Alba, Acadamaidh Bhreatainn agus le iomadach buidheann eile.
Airson barrachd fiosrachaidh air na cruinneachaidhean de dh’fhaclan a chaidh a thrusadh bhon t-sluagh ann an Gàidhlig, faic Faclan bhon t-Sluagh.
Airson barrachd leughaidh a dhèanamh mu FEG, faic:
Gillies, William agus Pike, Lorna. ‘The Last Hundred Years’, ann an Scotland in Definition: A History of Scottish Dictionaries, deas. Iseabail Macleod agus J. Derrick McClure (Edinburgh: John Donald, 2012), 236–59 (251–53).
Macdonald, Kenneth D. ‘Dictionaries, Scottish Gaelic’, ann an The Companion to Gaelic Scotland, deas. Derick S. Thomson (Oxford: Blackwell, 1987 [1983]), 61–63.
Ó Maolalaigh, Roibeard. ‘“Bochanan Modhail Foghlaimte”: Tiree Gaelic. Lexicology and Glasgow’s Historical Dictionary of Scottish Gaelic’, Scottish Gaelic Studies 24 (2008), 473–523. Ri fhaighinn cuideachd aig: http://eprints.gla.ac.uk/4830/1/4830.pdf
Dreuchdan agus luchd-obrach aig an robh ceangal ri FEG
- Ailean Boidhd: Neach-cruinneachaidh 1981
- Richard Cox: iomadh dreuchd co-cheangailte ri coimpiutaireachd sa phròiseact: 1985–96
- Coinneach Dòmhnallach: Deasaiche 1966–97
- Anja Gunderloch: Neach-rannsachaidh; rinn i iomadh aithisg fheumail air obair agus tasglann FEG: 1997–98
- Ruth Llewellyn: Neach-taic Rannsachaidh 1984
- A. I. Mac a’ Ghobhainn: Neach-trusaidh 1972
- An t-Ollamh Dòmhnall MacAmhlaigh: Stiùiriche 1991–95
- Raghnall MacIlledhuibh: a’ giorrachadh làmh-sgrìobhainnean 1973–77
- Calum MacMhathain: Iar-Rannsaiche 1977–79
- An t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais: Stiùiriche 1966–91
- Aonghas Màrtainn: Neach-trusaidh 1974–78
- John McShane: Iar-Rannsaiche 1979
- Dòmhnall E. Meek: Iar-Dheasaiche 1973–79
- Catrìona Mhoireach: Deasaiche 1985–86
- An t-Ollamh Cathair Ó Dochartaigh: Stiùiriche 1995–97
- Ailig O’Henley: Neach-trusaidh 1987–88
- Ian Quick: Iar-Dheasaiche 1979–81 agus iomadh dreuchd tro na 1980an gu ruige 1990
Coinneach Dòmhnallach san dealbh le tasglann bileagan pàipeir Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (1969)
Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu (Gàrraidhean Lilybank) [1966–1969?]. Bho chlì gu deas: Aonghas Iain Mac a’ Ghobhainn, James Gleasure, Donald Howells, Coinneach Dòmhnallach, Fionnlagh MacNèill, Cairistìona NicAonghais, Dòmhnall Iain MacLeòid, Ruaraidh MacThòmais.