Gàidhlig / English
Buaidh na Gàidhlig air Dualchainnt Beurla Ghallda Rois is Chrombaigh

Buaidh na Gàidhlig air Dualchainnt Beurla Ghallda Rois is Chrombaigh

Air a sgrìobhadh le Calum air 6mh An t-Iuchar, 2023
Bliadhnaichean air ais dh’fhaoillseachadh sàr leabhar den ainm “Dualchainnt Iasgairean Chrombaidh” (ri fhaicinn air “https://www.ambaile.org.uk/”). B’ e dualchainnt air leth inntinneach agus àraidh a bha Dualchainnt Rois is Crombaigh: tha i air a thighinn o Bheurla Ghallda a chanadh anns an sgìre le teachd luchd-bruidhinn Beurla Ghallda san t-siathamh linn deug. Canar gun robh cainntean measgaichte anns an dualchainnt fhèin a bhiodh tuathanaich, luchd-bhaile agus maraichean a chleachdadh nam measg fa leth, mar a leughar ann an Leabhar “East Sutherland Gaelic”, le Nancy Dorian, far am biodh cainnt nan Tuathanach eadar-dhealaichte bho chainnt nam maraiche.

’S urrainnear mòran a leughadh ma deidhinn air anns an “Litir Bhig 215”, agus tha sàr ghoireas aig “Cromarty Courthouse Museum”, far a bheil “Faclair Dualchainnt Iasgairean Chrombaigh” aca a tha air leth goireasach agus altmhor.

Leis gur e Gàidhlig prìomh chànan na sgìre mun d’ thàinig luchd-labhairt Beurla Ghallda chaidh mheasgachadh is driolamas a dhèanamh leis an dà chànan agus tha sin sin soilleir ri claistinn agus leughadh ann am briathrachas an dualchainnt. Bheir sinn sùil air faclan airidh far a bheil buaidh na Gàidhlig soilleir ri fhaicinn agus chlaistinn, a dh’aindeoin diofaran a tha air nochdadh a thaobh mìneachadh no fuaimneachadh an fhacail.
 
Ainmearan
Amitan – fool – amadan
Beouch/byoch – dear – Beathach!
Binnen – binding – bann
Blairack – bee – Blàrag. Canar “Blàrag” ri bò air a bheil srian air a h-aghaidh.
Blether-bus – chatterbox – bus
Boddach – man, an odd or old – Bodach
Boorie – heap – bùrach
Borack – bradawl (sharp tool for making holes) – Bodhradh.
Brachtan – chaffinch, a young – Breacan-beithe
Brackwast – breakfast – Bracaist (ach cluinnear “bracbhaist” cuideachd)
Bronyach – poor creature – Brònach, ach tha am facal “brònag” nas coltaiche.
Bubba – grandfather/Devil – Boban.
Bullat – large stone – Bulbhag
Callach, culyach – woman, old – Cailleach
Coolan – youngest in a breed – Cuilean
Cootyach/coutyach/kutyach – family group, company or clan – Cuideachd
Cosfeet/cosfit/cosset/cossit/kosfeet – starfish – Crasgan-tràghaid
Cosie – small tub – Cuireasan
Crotyach – person, small and stout – Crotach
Culla – seagull – Tha “guille” ann airson sgòrnan na faoilleig, ach ’s e “guileag” òran na h-eala. Feumaidh gu bheil an òrain caran coltach.
Duffie – chimney – Dubh (mar a bhios cuideigin às dèidh similidh a ghlanadh).
Faucon – sun-dog – Fara-ghrian
Gullachan – ear-wig – Gobhlachan
Kai/kye – brown crab – Tha “Caoidheag” ri lorg ann am Machair Chat anns an leabhar “East Sutherland Gaelic”, le Nancy Dorian.
Keelin craft – croft or small farm whose annual rent is a cod – Tha am facal “Cìlig” ri claistinn ann an Dùthaich Mhic Aoidh airson pollach no trosg.
Laroch/lyaroch – mussel-bed (a bed to which mussels are transported from the scaup where they’re grown) – Làrach
Lyeerin – green slime – Lìrean
Moolachie/moolie – treasure, darling – M’ ulaidh!
Mettal/Muttal – friend – M’eudail!
Nyarroch – cold or sharp extreme weather – Nàireach
Partan/parton – small, green crab – Partan
Peevick – lapwing or peewit – Pìbhinn
Potie/potye/potyie – pig/farmyard animal – Boitidh! (Leughar tuilleadh mu Gairmean do Bheathaichean, brath-bhloga a rinn sinn).
Pyock – bag or poke – Poca
Sachie – willow – Seilleach
Scalder – jellyfish – Sgalldair
Scarf – cormorant – Sgarbh
Speeach – small stick – Spitheag
Smoorach – fire ash – Smùrach
 
Buadhairean
Ablach – odd-looking – Ablach
Brocht – surfeit, excess of drink – Bruchd
Daintyoch – nice, particular – Dèantach
Doochint/dyuchint – obstinate – Duaichnidh
Druntyach – bad-tempered – Drèin
Fyown – squeemish, queasy after drinking – Fann
Gargi(e) – bitter – Garg
Greesoch – shivery, shuddery – Grìseach
Meenyach – greedy for dainty fare, fond of delicacies – Miannach
Moppach – dirty or drunk – Mabach
Pyalach – pale, sickly looking – Peallach
Reenock – firm to the touch – Righinn
Ringan – energetic or boisterous – Rong
Ropach – untidy – Ropach
Spatyel – grand or well-dressed – spaideil
 
Gnìomhairean
Cown – weep, to – Caoidh
Creish – persuade into action – Creist (mar a leughar ann an Easter Ross Gaelic, le Seòsamh Watson).
Devail/devall – stop, cease – Dìomhain
Droog-droogle – wet, heavy work, to do – Trog
Futyuch – bustle – Fuiteach
Preen – pin to – Prìne
Scawl/skyaul/skyawl – bawl – Sgal
Smeech – made a sound – Smid
 
Bidh facal a bharrachd anns an dualchainnt le buaidh na Gàidhlig ach sguiridh sin far a bheil sinn an-diugh. Ach, an aithne dhuibh facal sam bith fos cionn? A bheil aithne no mìneachadh eadar-dhealaichte agaibh airson aon fhacail? Dè na faclan eile a th’ agaibh anns an dualchainnt le buaidh na Gàidhlig as fheàrr leibh? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo