- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 5): An t-Eilean Dubh
Air a sgrìobhadh le Calum air 20mh an t-Iuchar, 2023
A’ leantainn oirnn gu Tuath bhon Àird, bhon bhrath-bhloga “Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 4): Àird MhicShimidh”, tha sinn a’ dol dhan Eilean Dhubh, no dhan Àird Mheadhanaich (seann ainm an eilein), mas àill leibh.Bailtean
Air an Eilean fhèin tha na ceithir far-ainmean an-seo ri fhaighinn:
1 Drochaid Sguideil: Geòcairean Dhrochaid Sguideil
2 Knockbain: Piatan Cnoc Bhàn
3 Raddery: Na Daimh Radharaidh
4 Cam Uillt: Tuath Grinn Choire Chamuilt
Nas fhaide siar bhon Eilean, am broinn dìthreabh Chat, lorgar na bailtean is baileachanan beaga na leanas:
4 Tairbhidh is Ròagaidh: Crogaichean Thairbhidh is Ròagaidh
5 Srath Garbh: Buic Srath Ghairbh
6 Srath Bran: Meanbhaich Srath Bhran
Rannan
Tha rann againn le ainmean-àite measgaichte air feadh na dùthcha, ag ainmeachadh fhar-ainmean mhuinntir nam baile fa leth, ach tha sinn a’ toirt sùil air Radharaidh gu h-àraidh:
“Sùlairean sgìre na h-Uidh 's muinntir aoidheach nan Loch,
Sùlairean Ullabuil
Fithich Dubha Loch Carann
Buic Srath Ghairbh
Clamhanan Locha Bhraoin
Daimh mhòra Radharaidh”
Seo dhuibh an rann às an d’ fhuair sinn na far-ainmean fos cionn:
“Ròagaidh ‘s crogaichean Thairbhidh;
Buic Srath Ghairbh, meanbhaich Srath Bhrainn;
Fithich dhubh Loch Carrann;
‘s clamhanan Loch Bhraoin.”
On a thug sinn sùil air Buaidh na Gàidhlig air Dualchainnt Beurla Ghallda Rois is Crombaigh chaidh far-ainmean ainmean-àite na sgìre, agus sgìrean eile ma cuairt, a thogail cuideachd. Chan eil eil iad ann an cumadh na Gàidhlig ach tha a buaidh soilleir ri fhaicinn ann am feadhainn dhiubh:
1 Abhach – Avoch Dollies/Doallies
2 Baile a’ Chàil – Ballachalls
3 Tuathanaich Chromba – Crom. Divots
4 Maraichean Chromba – C. Gutties
5 Tuath Chromba – Croompachs
6 Ruigh Solais – Gaelickers
7 A’ Mhanachainn, Àird MhicShimidh – Gutter Sparrows
8 An Eag, Ros an Ear – Peculies, Pikyoolies, Pitoolies
9 Ros Marcaidh, Ros an Ear – Rosemarkie Craws/Cyaws
Leughar a bharrachd mun dualchainnt seo anns a’ bhrath-bhloga “Buaidh na Gàidhlig air Dualchainnt Beurla Ghallda Rois is Chrombaigh” agus aig “Am Baile” anns an leabhar “Dualchainnt Iasgairean Chrombaidh”.
Mholainn oirbh èisteachd ri Alexander Stewart, às a' Bhlàr Dhubh, an t-Eilean Dubh, air Tobar an Dualchais. Bha e na sheanchaidh agus fear-seanchais, mar is soilleir dhuibh ann an sgeulachdan mar "Gille nan Cochall Chraiceann"; "An Tuairisgeul Mòr" agus "MacCruimein, MacLeòid agus an Fharpais Phìobaireachd", agus òrain inntinneach mar an ceudna, "Òran an Dreathain-Duinn" mar eisimpleir.
An aithne dhuibh fear de na far-ainmean fos cionn? A bheil far-ainm, no frith-ainm, eile agaibh airson baile anns an sgìre? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo