Gàidhlig / English
Gairmean do Bheathaichean (Pàirt 2)

Gairmean do Bheathaichean (Pàirt 2)

Air a sgrìobhadh le Calum air 13mh April, 2023
Fàilte air ais gu Gairmean do Bheathaichean (Pàirt 2)! Leanaidh sinn oirnn le gairmean a bharrachd a thèid a chleachdadh los beathach a thàladh no a shaodachadh.

Laoigh: Geadh:
  • Sìol (Ìle).
Gobhair:
  • Sìoc (Ros an Iar).
Muc:
  • Boitidh; Poitidh (Cataibh) – Tha “boit” ann airson bìdh, nuair a tha muc air a chur ri beathachadh fad treise ann am feur fhada.
  • Durradh (Earra-Ghàidheal).
  • Gus (Ìle).
  • Gnius/gniusaidh (Peairt).
Tha “Sto-foil” ann airson an saodachadh.

Pònaidh:
  • Pruchag (Srath, An t-Eilean Sgitheannach).
Reithe:
  • Cirain (Garradh na Mòna, Uibhist a Deas).
Tarbh:
  • Torchan (Na Hearadh).
  • Tuadhi (Cataibh).
Tha an dà ghairm “Tòraidh” agus “Tóra” (Arainn agus Siorrachd Pheairt) ann airson tarbh a thàladh agus tarbh a dhèanamh feargach fa leth, bithibh faiceallach leis an fhacal a chleachdas sibh ma-thà!
Tunnag: Uan: Uircean:
  • Poich/poichidh.
  • poichean/puichean (Siorrachd Pheairt an Ear).
 
Tha sinn air crìoch a’ bhrath-bhloga a ruigsinn! Mar is soilleir dhuibh tha mòran ghairmean ann do bheathaichean ach feumaidh gu bheil tuilleadh ann nach eil againn an-seo. An aithne dhuibh fear de na gairmean fos cionn? A bheil gairmean eile agaibh airson beathaichean eile? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo