- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Ainmean Pearsanta Bhò ann an Òrain-Luadhaidh
Air a sgrìobhadh le Calum air 25mh an Lùnastal, 2022
Tha ainmean pearsanta againn air càch a chèile: tha ainmean pearsanta air càch a chèile ann am mic an duine; tha ainmean pearsanta againn aig peataichean; tha ainmean pearsanta againn air rudan gun anam fiu, ach mar sin cò na h-ainmean a bha, no a tha, againn air rud agus beathach a bha anabarrach cudromach do chultar agus dualchas nan Gàidheal – a’ bhò?Tha, agus bha, a’ bhò anabarrach cudromach ann an tighinn beò agus beòshlainte a’ Ghàidheil; bhathar feumach oirre airson iomadh rud, mar a bathar-bainne no a feòil. Gu tric bha bà air am moladh agus air an togail gu cuspair ann an òrain agus bàrdachd, agus chan eil na h-òrain-luadhaidh againn eadar-dhealaichte nas motha, tha tòrr againn dhiubh anns an lorgar ainmean bhò. Leugh mi “Hebridean Folksongs”, le Iain Latharna Caimbeul, agus bha deagh liosta ann a thaobh ainmean bhò. Tha mòran de na h-ainmean (feadhainn a tha cruthachail agus mìneachail) againn a thaobh an cumaidh agus an dathaidh, agus bu chaomh leam an toirt mur coinneamh leis an òrain anns an lorgar an ainmean:
Blàrag – “Gu dè nì mi nochd ri m’ àire”
Buidheag – “Gu dè nì mi nochd rim nàire”; “An robh thu sa bheinn?”
Ciar – “A Mhic a’ Mhaoir”
Donn – “A Mhic a’ Mhaoir”
Dubhach – “A Mhic a’ Mhaoir”
Dubhbheag – “A Mhic a’ Mhaoir”
Duibhean – “A Phiuthrag ’s a phiuthar”; “Dhìrich mi suas an Coire Riabhach”
Gruagan – “Dhìrich mi suas an Coire Riabhach”
Ruadhan – “A Phiuthrag ’s a phiuthar”, “An robh thu sa bheinn?”
Siùbhlach – “A Mhic a’ Mhaoir”
Subhach – “Dhìrich mi suas an Coire Riabhach”
A Phiuthrag ’s a phiuthar – LXXII (àireamh an òrain anns an leabhar “Hebridean Folksongs”)
“...Cha chualas riamh _ geum bu chruaidhe
Na geum Duibhein, _ is geum Ruaidhein,
Ach do gheum-sa, _ Dhubhach ghuailfhionn;...”
A Mhic a’ Mhaoir – LXXV
“...’s a Mhic a’ Mhaoir _ a ghaoil ’s a rùin,
Cha phàigh an ‘Donn’ _ dhut an t-ùnnlagh,
No ‘Dubhbheag’ no _ ‘Chiar’ no ’n t-Siùbhlach’!...”
Gu dè nì mi nochd ri m’ nàire? - LXXVIII
Gu dè nì mi o ro ho _ nochd ri m’ nàire o ro ho
Fire fàire, hó ro ho _ Fire fàire, ó ro ho
Nochd ri m’ nàire....
Dheoghail an crodh...
-laoigh ’san fhàsaich...
Dheoghail Buidheag...
Dheoghail Blàrag,...
’S dheoghail gach aon...
Mar a b’ àbhaist...”
’N robh thu ’sa bheinn? - LXXIX
Éileadh le hó ro, ho hu a
’N robh thu ’sa bheinn? _ ’n d’ fhuair thu na fèidh?
Ó ho hù a _ o ho hù a _
Éileadh le hó ro, o hu a, _ éileadh le hó ro, ho hu a,
‘Cha d’ fhuair, no ’n leath,’ _ Có bha bhuat dhiu?’
‘Nighean Buidheig _ ogha Ruadhain,
Nighean na bà _ ’s fheàrr ’sa bhuailidh.’
Dhìrich mi suas an Coire Riabhach - LXXXV
“...Càite ’n cualas _ geum bu chruaidhe
Na geum Dhuibhein _ is geum Ghruagain,
No do gheum-sa, _ Shubhach ghuaillfhionn?
Ag ionndrainn Iain _ dhonn na gruaige...”
Seo na th’ againn a thaobh ainmean pearsanta bhò an t-seachdain-sa. Feumaidh gu bheil ainmean a bharrachd ann nach eil mi air aithris mar-thà, ach nach leig sibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo