Gàidhlig / English
Còmhraidhean eadar Ainmhidh agus Mac an Duine ann am Bàrdachd (Pàirt 2)

Còmhraidhean eadar Ainmhidh agus Mac an Duine ann am Bàrdachd (Pàirt 2)

Air a sgrìobhadh le Calum air 22mh an t-Ògmhios, 2023
​Fàilte air ais! Cha do chreid thu nach robh daoine a bharrachd a bha a' bruidhinn ri ainmhidhean eile, nach do chreid?.. Tha sinn air ais co-dhiù le bàrdachd a bharrachd eadar mac an duine agus ainmhidhean measgaichte an turas-sa, a' tòiseachadh, agus a' tilleadh a Bhàideanach.

Fear Srath Mathaisidh agus Fiadh – CVII ann am “Poetry of Badenoch”, le Urr. Tòmas Sinton.
Chaidh an dàn seo a dhèanamh le Fear Srath Mathaisidh às dèidh Blàr Chuil Lodair, le achdan-caisg air gunnaichean agus air an èideadh Ghàidhealach. Le casgaidhean air dualchas agus cleachdaidhean a’ Ghàidheil thug seo buaidh air fèin-aithne a’ Ghàidheil agus tha sin air a sgrùdadh agus air a thearraideachadh anns an dàn seo eadar an sealgair agus an damh:
Sealgair – "Moch ’s mi ’g éiridh ‘sa mhaduinn,
Gu h-airtnealach pramhail,
Togail a mach ris a’ mhunadh,
'S muladach a ta mi,
Gun bhi ’san éideadh a chleachd mi,
Ach mar bhaigeir Gallda;
Cha'n aithnich uiread nam fiadh mi,
'S fiadhaich leam a dh’ fhàs iad.


Fiadh – Sin 'n uair 'labhair damh nan cabar,
Stad air d'ais mar tha thu;
Nàile ! bheirinn-se ort comhairl]',
Mar choimhearsnach càirdeil;
B' fhèarr dhuit fantail aig a' bhaile,
'San air' thoirt air do phàisdean,
Na bhi 'an dùil gu mealladh tu mise,
Le d' bhrigis, mo nàire!.."

 
Comhradh eadar Fear Srath Mathaisidh agus Dàmh – CXII ann am “Poetry of Badenoch”, le Urr. Tòmas Sinton.
Bha mòran aig Fear Srath Mathaisidh ri ràdh mu casgaidhean air dualchas a’ Ghàidheil agus mar sin bha nas motha aige ri ràdh ri dàmh eile mar an ceudna:
Sealgair – “Gu ’m a slàn do 'n Spàinteach
Nach do mheall mi riamh am fheum,
Cha d’ rinn i dhomh breug ’s b’ aithne dh’ 1;
'N uair chaidh sinn ’n ar cabhaig,
'S 'n ar deannabh le chéile,
Chaidh ise air gleus mar b' ait leam.
 
Damh – 'S mòr a b' fhearr dhuit dho] gu tìoradh,
'S a bhi sìor-chartadh ann,
Na bhi caitheamh do thìm,
Feadh na frìthe beachdadh,—
Bhi falbh leis an seòdulach,!
Gu h-eòlach is gu mall,
’S i obair is fhearr na spaisdearachd...”

Òran na Feannaig
Tha “Òran na Feannaig” glè inntinneach, tha iomraidhean agus dreachan eadar-dhealaichte den òran seo, tha seo soilleir ann an “Òran le Donnchadh MacRath” le Donnchadh MacRath, ann an “Co’-chruinneachadh de dh’ oranan taoghta” agus an t-òran air a sheinn le Ailean Beag. Lorgar an tionndadh seo ann an “Keith Norman MacDonald’s Puirt-à-Beul”:
“’Chiad latha dhen a’ bhliadhna,
B’e Diciadain an latha,
Bha mi muladach cianail,
’S cha robh riamh orm a leithid:
A b’ àirde shealltainn fodham,
’S chunnaic mi feannag na tràigh’
’S i shìos bhuam a’ labhairt.
Ach bha i sean, Ach bha i sean.
 
’Mìle fàilt’ ort fhèin, Fheannag!
Gur math as aithne dhomh do sheòrsa:
Faodaidh tu tighinn nios dàine,
Mas ann à Geàrrloch a sheòl thu!
Innis thusa dhòmhsa gu beachdail,
Bheil sgadan [sna h-]Òban,
Na bheil coltas nios pàilt’ dhiubh
Eadar Asainn agus Cnòidfhiord?
Na bheil iad ac’! Na bheil iad ac’!..”
 
Òran na Faoileig – Àireamh 78 ann an “Keith Norman MacDonald’s Puirt-à-Beul”, le William Lamb).
Ann an “Òran na Faoileig” ’s e faoileag a bhios a’ bruidhinn mu na chunnaic i air an tràigh agus mu na bha i ag iarraidh bhuapa. ’S ann mar sin a bhios na faoileagan uile creididh mi!:
“‘Pi-hilli hò-um, hum-am-im-bo,
Bothan-an, im-bo, am-um-bo,
Pi-hilli hò-um, hum-am-im-bo,
Bothan-im-bo, hi-li-bhear-i.’
 
Siud mar thubhairt an fhaoileag
’S i caoineadh air bràigh a’ chladaich:
‘Chuir iad an fheòil ann an sailleadh
’S am falach ormsa!’...”
 
Tha pailteas de chòmhraidhean eile eadar ainmhidhean agus mic an duine ri leughadh ach leigidh mi leibh ur n-eisimpleirean a cho-roinneadh eadaraibh fhèin. A bheil sibh eòlach air nì de na duain fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo