Gàidhlig / English
Mìosachan nan Gàidheal: An Geamhradh (Pàirt 1)

Mìosachan nan Gàidheal: An Geamhradh (Pàirt 1)

Air a sgrìobhadh le Calum air 14mh Am Faoilleach, 2021
Ma tha sibh air a bhith a’ leughadh nam brath-bhloga o chionn ghoirid tha mi air a bhith a’ toirt sùil air làithean naomha agus Fèilltean nan Gàidheal (Albannach agus eile) rè na bliadhna; shaoil mi gum biodh e innteanach an còmharrachadh airson na bliadhna ri tighinn. Mar a leanas agus a thòisicheas a’ bhliadhna Ghàidhealach aig ceann a’ gheamhraidh chuir mi romham ri tòiseachadh leis a’ gheamhradh. Bidh mòran againn à Alba, leis an leabhair “The Gaelic Otherworld” le Iain MacGhriogair Caimbeil, agus à Mhanainn, leis an leabhar “The Folklore of the Isle of Man” le A.W. Moore.

31/10 – Oidhche Shamhna/Oie Houiney/Hop tu naa – ’S e seo an latha mu dheireadh an Fhoghair agus a’ chiadamh latha a’ Gheamhraidh. Thathar a’ creidsinn gun tig buidsichean, doideag agus droch spioradan às an t-saoghal eile. Thig na “daoine beaga” [Na Sìthichean ma thogras sibh] mar an ceudna air an oidhche, far am fàgar am biadh nach do ghabh ithe an oidhche sin, le deòchan ùra bùrn, air an son. Togar agus beòthaichear samhnagan air an oidhche seo mar a thogar air oidhche Bhealltainn.
 
An t-Sàmhain/Ciad mhìos a’ Gheamhraidh/Yn-chied vee jeh’n gheurey/Yn Tauin/Sauin/Hollandtide
01/11 – Là nan Naomh Uile/Samhain/Laa Souney (Hollandtide Day)/Laa’l Mooar ny Saintsh – Thòisicheadh a’ bhliadhna Ghàidhealach air an là seo anns na seann làithean. Chumadh an là seo ann am “Balley Keeill Eoin.”

02/11 – Là nam Marbh/Laa’l Feoill ny Marroo.

11/11 – Oie Houiney (seann là Shamhna)/Laa’l Noo Martin (Là Fèill Màrtainn).

12/11 – Shenn laa Houney – B’ e seo an seann Là na Samhna air Manainn o sheann.
Cèitean-Samhna – ’S e co-là-dheug de aimsir mhath a bhios againn anns an t-Sàmhain a th’ ann an Cèitean-Samhna. Feumaidh gu bheil seo ceangailte ri “Seacanaich na Samhna” far an tughte an taighean san àm seo. Tha feart eile coltach ris leis an ainm “Foghar Clann a’ Ghobhainn” far an do chleachd teaghlach ionadail tìm na h-aimsire maithe airson am buain a choileanadh. Ann an àm aimsir mhath thachradh “Coileachadh” nam breac agus gum buainear “bàrr-dearg” a bhios math airson innearaich.
Là Taingealachd an Fhoghair – Nochdaidh an là seo air dàrna Dhiciadain na Samhna.

18/11 – Laa’l Spitlin Geurey – ’S e “Fèill Ospadalan a’ Gheamhraidh” an t-ainm air sa Ghàidhlig. Còmhraichear an là seo air leth luchd nan ospadal Òrdugh Naoimh Eòin Ierusalem o sheann. Tha an aon latha air a còmhrachadh san t-samhradh leis an ainm “Laa’l Spitlin Sourey.” Còmhraichear an dà là seo ann an Eaglais Naoimh Eòin Baiste.

22/11 – Laa’l Kickle/Kial [Là Fèill Cecilia].

25/11 – Shenn Laa’l Catreeney [Là Fèill Chatrìona] – Chòmhraicheadh an là air an là seo mus deach atharrachadh dhan t-siathamh Là den Dùbhlachd.

26/11 – Laa’l Maghal Geuree [Là Fèill Maghal a' Gheamhaidh] – Tha tionndaidh samhraidheil den là seo a bhios air a’ chiadamh là deug air fichead den Iuchair.

30/11 – Là Fhèill Anndra/Shenn Laa’l Andreays – ’S e seo là Naomh Nàiseanta na h-Alba agus mar sin còmhraichear an là seo air an deicheamh là air fichead den t-Sàmhain. Gu h-innteanach tha an là seo air a chòmhrachhadh air a’ chiadamh là dheug den Dhùbhlachd air Manainn, seach an t-seann là a bhios sinn a’ cleachdadh ann an Alba.
 
An Dùbhlachd/Mee ny Nollick/Mee veanagh y gheuree
06/12 –Laa’l Catreeney –  Còmhraichear an là seo ann an eaglais Arbory, Colby. B’àbhaist cille a bhith ann, “Keeilll Catreeney, le tobar faisg air làimh rithe, “Chibbyr Catreeney,” far an cumadh an Fhèill seo air “Magher Catreeney.” Chumadh an là seo air taobh a deas an eilein. Tha duanag ceangailte ris an là cuideachd:
“Kiark Catreeney maroo,
Gow’s y kione,
As goyms ny cassyn,
As ver mayd ee fo’n thalloo.”
[“Catherine’s Hen is dead,
Take thou the head,
And I will take the feet,
And we will put her under the ground.”]
Mas e gum bithear air mhisg aig an fhèill canar gur “plucked a feather of the hen” a tha neach.

08/12 – Là Fhèill Moire a ghineadh gun smàl.

11/12 – Shenn Laa’l Andreays – B’ e seo seann Là Naomh Anndra air Manainn mus deach atharrachadh.

20/12 - Oie’l Fingan – Air Manainn canar “Faaid mooar son Oiel Fingan” (“Fàd mòr ’son Oidhche Fhèill Fionnain”) airson ullachadh nam biadh (airson spleadhan thar tìm na Nollaige) air Fèill Fionnain.

21/12 –Là Nan Trì Suipearan/Fèill Fionnain/Laa’l Thomase/Laa’l Fingan. – ’S e Là nan Trì Suipearan an oidhche as fhaide a th’ againn anns a’ bhliadhna – “Grain-stad a’ gheamhraidh” mar a chanar e. Tha an oidhche cho fada is gun urrainnear trì suipearan a ghabhail (ma thograr!) Leis an aimsir, agus gum bi an oidhche cho fada airson trì suipearan, canar “Tha ’n t-uisge na fhìon agus tha ’s na clachan ’nan càise” airson fealla-dhà!
Air Manainn b’ e “Laa’l Fingan” an t-ainm air an là mus atharraich e gu “Laa’l Thomase.” B’ e easbaig Chluain Ioraird ann an Èirinn anns an t-siathamh linn a bha e. Tha feadhainn den bheachd gun tig an là seo air an t-siathamh là deug den Dhùbhlachd ach nochdaidh an là eadar an dà cheann-latha.
A thaobh màirnealachd mu Là Fhèill Fiongain canar “Ny nee yn rio gymmyrkey guiy roish yn Ollick cha nymmyrkey e thunnag lurg yn Ollick” (“If the frost will bear a goose before Christmas, it will not bear a duck after Christmas.”)
Latha Cois-cheum Coillich” – ’S e seo an tìm a bharrachd a bhios againn às dèidh Grian-stad a’ Gheamhraidh, air Là nan Trì Suipearan, leis na làithean a’ fàs nas fhaide. Leis a’ bheagan de thìm a bharrachd, agus gu dè cho goirid is a tha an tìm a bharrachd, tha fada gu leòr gum bi aig a’ choilleach agus na cearcan ceum a bharrachd dha am biadh.

24/12 – Oidhche Nollaig/Oie’l Verrey/Myrrh/Fastyr Laa yn Ollick/Kegeesh Ommidjagh. – ’S e cleachdadh a th’ ann air Manainn “Mollag Bands” a chruthachadh agus a bhith an sàs anns an fhealla-dhà mu àm na Nollaige. Tha àm na Nollaige cudromach airson spòrs agus tachartasan sòisealta mar an ceudna. Tha an cleachdadh coltach aca ann an Èirinn leis an an “Hunt the Wren” far an tèid an Dreathan-donn a shealg agus thèid buidheann a chruthachadh a’ siubhail nan taigh airson airgead a thogail airson a thìodhlachadh! Tha òran aca ann an Èirinn ma dheidhinn: “The Wren, The Wren.”

25/12 – Là na Nollaig/Oidhche Chainnle/Laa Nollick/Yn Ollick – Tha an Nollaig loma-làn le seanchas agus cleachdaidhean. Chìthear mòran man deidhinn anns a' bhrath-bhloga “Briathrachas Riatanach na Nollaige.” Tòisichidh “Dà Latha Dheug na Nollaige” air an là seo, a ruitheas dhan 6mh là den Fhaoilleach, nach toir sibh sùil air a’ bhloga "Dà Latha Dheug na Nollaige."
Earrach Beag nam Faochag – ’S e an t-àm far am bi maoraich aig àird an càilidheachd agus deiseil ri buain. Tòisichidh an t-àm seo mu àm na nollaige gu Là Naomh Bhrìde. Leis a’ mhaoraich ri fhaighinn faodar brot math a dhèanamh leotha leis an ainm “Siabh” no “Brochan fhaochaig.”
[Lorgar mòran sheanchas mun àm seo air a’ bhloga “Duain na Nollaige.”]

26/12 – Là Naomh Steaphain/Laa’l Steaoin/Cammag – Tha an là air a chomhrachadh ann an Manainn agus ann an Èirinn gu h-airidh. [Chìthear gu h-àrd le “Mollag Bands” mu “Hunt the Wren” agus an seanchas ceangailte ris.] Gabhar geama “Cammag” air Manainn mar an ceudna, mar a ghabhar geama iomain, no camanachd, air Là na Bliadhna Ùire.

27/12 – “Laa’l Eoin Nollick” no “Laa’l Ean ’syn Ollick” [Là Fèill Eòin an t-Sòisgeulaiche].

28/12 – “Laa’l Macan” agus “Laa’l ny Macain” [Là nan Neo-chiontaich Naomha].

31/12 – A’ Challainn/Quaaltagh/Oie Nollick-Beg. [Lorgar mòran sheanchas mun àm seo air a’ bhloga “Duain na Callainne.”]

Leanaidh sinn oirnn le pàirt a dhà an ath-sheachdain leis an Fhaoillich agus ceann-deireidh a’ Gheamhraidh. Feumaidh gu bheil làithean agus fèiltean nach do dh’ainmich mi ach a bheil là naomh no fèill agaibhse nach do dh’ainmich mi? Leigibh fios thugainn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo