Gàidhlig / English
Briathrachas Riatanach na Nollaige

Briathrachas Riatanach na Nollaige

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 28mh den Dùbhlachd
 
’S e seachdain na Nollaig a th’ ann, Nollaig chridheil dhuibh uileadh!
 
Tha an Nullaig Bheag air a bhith againn, a rèir seann dualchas nan Gàidheal, agus gabhaidh sinn fadachd ris an Nollaig Mhòir fhathast. Cha chreid mi gun d’ rinn sinne, san taigh agam, an uiread de ghàirdeachas riamh roimhe air an Nollaig Mhòir ’s a rinn sinn air an Nollaig Bhig, feumar sin a chur ceart…

Leis a sin a ràdh, cha chreid mi gun do sgrìobh mi roimhe air daorach na Nollaige, rud a tha cumanta gu leòr nar measg air an latha sin fhèin.

Tha e riatanach, nam bheachdsa, gum biodh briathrachas againn airson an daorach, agus mar a dh’fhàsas sibh air ur daoraich. Tòisichidh sibh leis a’ bheothachadh; agus an uairsin bidh sibh air ur blàthachadh, neo bhiodh cèabhar math oirbh, mar a dh’innis neach-labhairt à Sròn an t-Sìthein.

Chòrd an abairt a leanas rium dìreach glan: “Eadar a’ chluas s’ an adhairc.” Ach ma ghluaiseas sibh nas fhaisge air a’ chluais, neo air an adhairc, uill ma dh’fhaoidte gun deach sibh ro fhaisg’ air an dallanach. Chuala mi fhìn an abairt a leanas:“tha sùilean giomaich oirre!”
 
Nach toir sibh sùil air Facal bhon t-Sluagh airson an còrr a leughadh mun daoraich.

Lorg mi facal a mhìnicheadh rud a tha cumanta às dèidh cus bìdh a ghabhail. ’S e losgadh bràghad an abairt a tha air ùisneachadh gu cumanta. Tha ‘cradhadh am beul na duilleig’ caran coltach ris an Uibhist a Deas ach nas gèire buileach, agus ri fhaireachdainn anns a’ bhraghad. Tha an leithid meirbhean, tiorramachd, an teas bralain agus brùchd ruadhain ann cuideachd!

Bha fuachd puinnseanta againn airson beagan làithean aig toiseach na Dùbhlachd. Thoiribh sibhse fideadh a-staigh aig ur nàbaidh air neo fuirichibh nas fhaide ma bhios deagh uisge-beatha aca, ’s e deoch sgléipidh a bhios agaibh an sin. Ann an Uibhist a Deas, ’s e seo a theirte ri bhith fo smùid air sàilleibh uisge-beatha ur nàbaidh. Gabhaibh sibh a-staigh is gar sibh fhèin! Bidhibh cinnteach gu bheil barrachd oirbh na filleag a’ tilleadh air an oidhche!

Èistibh ris a’ chlàr gu h-ìseal airson fuaimneachadh gach abairt a chluinntinn.

 
Nach cuir sibh fios thugainn air Facebook neo Twitter, le tuilleadh fiosrachaidh mun daoraich is tinneasan eile na Nollaige. Gun còrd na làithean-saora ribh uileadh!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo