- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Dà Latha Dheug na Nollaige
Air a sgrìobhadh le Calum air 24mh an Dùbhlachd, 2020
Nollaig chridheil agus bliadhna mhath ùr (no bliadhna ùr mhath ma thogras sibh) dhuibh uile! Bidh feadhainn dhuibh a’ comharrachadh na Nollaige mar-tha agus ga comharrachadh ann an iomadh dhòigh eadar-dhealaichte, bidh sinn ga comharrachadh gu h-eadar-dhealaichte na na b’ àbhaist na Gàidheil o shean a comharrachadh. Bidh feadhainn dhiubh seachd searbh sgìth den Nollaig mar tha ach chomharrachadh i thar dà latha dheug! Bha iomadh fhèill agus là naomh air an comharrachadh thar an dà latha dheug àraidh seo agus bheir sinn sùil orra anns a’ bhloga seo.Bidh feadhainn dhiubh eòlach air an òran sa bheurla “The Twelve Days of Christmas” ach tha an t-òran stèidhichte air an dà latha dheug seo a ruitheas o Là na Nollaige fhèin gus a' chòigeamh là den Fhaoilleach (no an sèathamh là nan tòisicheadh an dà latha deug às dèidh na Nollaige fhèin.) Tha an “Kegeesh Ommidjagh” air Manainn airson an àma seo, a’ mìneachadh “Co-là-deug amaideach,” a’ sealltainn nan spòrs an sàs ann an teamhair na bliadhna seo. Anns an leabhar “The Folk-Lore of the Isle of Man,” às dèidh do gach neach an ùrnaighean a ghabhail thòisicheadh an Nollaig agus cha bhiodh sabhal ann nach biodh làn le dannsairean de gach aois agus fìdhleirean a chluicheadh fad an “Kegeesh.”
Comhraichidh iomadh shluagh tionndadh den teamhair seo, às dèidh na h-Aidbhein (Aidmheint) cha mhòr; “Yule,” “Saturnalia,” “Joelfeest,” “Jõulud,” “Lohri,” “Kwanzaa,” “Gancha Ganapati,” m.s.a.a. Tha iomadh dhuibh air leth innteanach, feadhainn a tha glè choltach, mholainn oirbh sùil a thoirt orra!
Mar a bhios agaibhse mar-thà comhraichear Oidhche na h-Aifreinn, Oidhche Nollaig no Oidhche nam Banag an oidhche ron Nollaig. Tha e air a ràdh gun seasaidh crodh aig meadhan oidhche ro Là na Nollaige gus urram a thoirt do dh’Iosa, a rugadh Là na Nollaige. Ged tha an latha cudromach dhuinn san latha an-diugh chan eil an latha air a chunntadh ann an dà latha dheug na Nollaige. Tha “Oie’ll Verrey” aca air Manainn, a’ mìneachadh “Oidhche Fhèill Mhoire” far an teidheadh muinntir dhan eaglais airson seirbheis, no Aifreinn, ron Nollaig.
Seo dhuibh an dà latha dheug (cha mhòr) mar a thachras iad ann an saoghal nan Gàidheal Albannach agus Mhanainneach:
25/12 – Là Nollaig. ’S e seo tòs dà latha dheug na Nollaig, no an “Kegeesh Ommidjagh” ma thogras sibh. Air an latha gabhar “Jough-y-Nollick,” deoch a tha coltach ris na th’ againn sa bheurla le “Wassailing” no coltach ri fion mìlsichte.
26/12 – Là Naomh Steaphain. Air Manainn gabhar geama “Cammag,” (geama coltach ri ioman, no camanachd ma thogras sibh) far an tig muinntir an taobh tuath ri muinntir an taobh deas ri chèile airson geama an aghaidh a chèile. Tha an aon cleachdadh againn ann an cuid sgìrean ann an Alba air Là na Bliadhna Ùire. Bidh “Shelg yn Dren” ("Sealg an Dreathan-Duinn") aca air Manainn, cleachdadh a tha air leth innteanach air a dh’aithris mi mar-thà ann am brath-bhloga mun dhreathan-duinn. Tha cleachdadh coltach aca ann an Èirinn cuideachd.
27/12 – Là Fhèill Eòin na Nollaige [Feast of St. John the Apostle]. Tha an là seo air a chomharrachadh air Manainn leis an ainm “Laa’ Ean ’syn Nollick.”
28/12 – Tha an latha “Laa’l ny Macain” ("Là nan Neo-chiontaich Naomha") [Childermas no “Feast-day of the Innocents”] air a chomharrachadh ann am Manainn. ’S e Fèill na h-Eaglaise an latha seo.
Bidh “Là Fèill an Teaghlaich Naoimh” [Feast of the Holy Family] air fear Dhidòmhnaich eadar an an Nollaige agus Là na Bliadhna Ùire. Mas e Didòmhnaich a tha an dà latha sin thig an latha air an 30mh den Dubhlachd.
31/12 – An Nullaig (Nollaig) Bheag. Tha iomadh ainm againn airson an latha seo; “Oidhche nan Callainean,” “Oidhche Choinnle,” “A’ Chollainn,” “Oidhche nam Bannag,” “A’ Challainn” agus “Oie Nollick-Beg” air Manainn. Tha cleachdadh aca air Manainn far an cuirear meòirean-làn salainn airson gach neach an taighe air truinnsear agus gum fàgar iad tro na h-oidhche gus an ath-mhadainn. Ma bhios fear de na tùdain air an tuiteam thig am bàs don neach a chuir a mheur shalainn ud. Tha cleachdadh eile ann far a bheil luath an teine air a sgaoileadh air an ùrlar mus teidhear innte san oidhche agus ma dhùisgear le lorg-coise a’ dol a dh’ionnsaidh an doruis thig am bàs do neach san taigh. Ma lorgar lorg-coise a’ dol a-steach am broinn an taighe bidh leanabh aig cuideigin an taigh sa bhliadhna ri tighinn. Tha an cleachdadh seo aig Gàidheil na h-Alba mu àm na Bealltainne mar an ceudna.
01/01 – Là na Bliadhn’ Ùire/Là Fèill Moire Mathair Dhe (Feast of the Circumcision of Christ/Solemnity of Mary, Mother of God). ’S e “Laa Nolick Beg” agus an “Quaaltagh” a tha an latha seo ann am Manainn, tha “Quaaltagh” air a thighinn on fhacal “Còmhaltaich” a’ mìneachadh “ciad-chuairt” dhaibh. Mar a bhios na Manainnich a’ cluich iomain (no camanachd) air Là Naomh Steaphain gabhaidh Gàidheil na h-Alba geama iomain, no camanachd, ri chèile air Là na Bliadhna Ùire.
06/12 – Là nan Trì Rìghrean. [“The Epiphany”]. ’S e seo an latha mu dheireadh de dhà latha dheug na Nollaige. Air Manainn bidh an seo an “Laa Giense” ("Là Ghean”) far an sguir an “kegeesh ommidjagh” agus gun tèid daoine ann an dithis ri chèile (le dòchas), agus canar gur e an “Shenn Laa Nolcik” (an t-seann Là Nollaig) a th’ ann. Tha iomradh anns an leabhar “The Folk-Lore of the Isle of Man” do na geamaichean “Cutting off the fiddlers head,” “The Lackets” agus “The Goggans,” a’ sealltainn “a’ ghean” air an latha seo. Tha an t-ainm “Shenn La’il Chibbert Ushtey” ann airson an latha seo cuideachd a tha car còltach ris na tursan a ghabhar os làimhe le “Chibbyr Baltane” agus “Chibbyr Vreeshey” airson an uisgeachan seunta.
Thig “Là Fèill Bàisteadh an Tighearna” an Didòmhnaich às dèidh “Là nan Trì Righrean.”
Tha mi an dòchas gum bi Nollaig Chridheil (agus “Nollick Gheanail”) agus Bliadhna Mhath Ùr agaibh. Cuimhnichibh mas eòlach sibh air daoine mosach mun Nollaige “Am fear nach dèan an Nollaig nì e trasg na aindheoin.” A bheil sibh eòlach air fear de na làithean fos cionn? A bheil seanchas no fios a bharrachd agaibhse mu fhear de na làithean an seo? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo