Gàidhlig / English
Duain na Nollaige

Duain na Nollaige

Air a sgrìobhadh le Calum air 20mh an Dùbhlachd, 2019
Tha mi an seo an-diugh gus brath a leigeil dhuibh mu dhuain a labhrar aig àm na nollaige mòire. Ma dh’fhaoidte ’s nach eil sùim agaibh uile ann an creideamh, ach tha na Duain dìreach àlainn a thaobh an litreachais agus a’ Ghàidhlig bhàrdail agus eachdraidheil, le briathrachas agus abairtean air leth ciatach agus sgeadachail o linn o shean.

Chlàradh feadhainn de na duain a th’ againn an-diugh ann an Ortha nan Gàidheal, le Alasdair MacGhilleMhìcheil, le eisimpleirean mar “Nuall Nollaig”, “Duan Nollaig”, “Heire Bannag”, “Heire Bannag, Hoire Bannag”, “Bannag nam Buadh”, “An Òigh agus an Leanabh”, msaa. Seo dhiubh dithis dhiubh à Ortha nan Gàidheal (I) agus (III): (1)Rugadh Buachaile (d.146) agus (2) An Òigh (d.114).

(1) Rugadh Buachaille nan Treud
Oidhche sin a dhealraich an reult,
Rugadh Buachaille nan treud,
Le Oigh nan ceudaibh beus,
Moire Mhàthair.
 
Am Trianaid shìorraidh r’a taobh,
Ann am fàsach fuar, faoin.
Thig ’s thoir deachamh de d’ mhaoin,
Dh’an t-Slàn-Fhear.
 
An cobhrach, cìochrach, caomh,
Gun aon dachaidh fo ’n t-saoghal,
Am Fogaran naomha, maoth,
’Manul!
 
A thrì ainglibh nam buadh,
Thigibh, thigibh a-nuas,
Do Chriosd an t-sluaigh
Thugaibh fàilte.
 
Pògaibh a bhasa’,
Tiormaichibh a chasa’,
Le falt bhur cinn;
’S Ò! Thì na cruinne,
’S Iosa, Mhìcheil, Mhuire,
Na fàgaibh sinn.

(2) An Òigh
Chunnacas an Òigh a’ teachd,
Crìosda gu h-òg ’na h-uchd,
Aingle a’ lùbadh dhàibh umhlachd.
Is Rìgh nan dùl adubhradh gur ceart.
 
An Òigh is oirdheirce clearc,
An t-Ìosa ’s ro ghile na ’n sneachd,
Searafa ciùil a’ seinn an cliù,
Is Rìgh nan dùl adubhradh gur ceart.
 
A Mhoire Mhàthair nam feart,
Cobhair oirnn cobhair do neart,
Beannaich am biadh, beannaich am bòrd,
Beannaich an dias, an t-iodh, ’s an lòn.
 
An Òigh is oirdheirce clearc,
An t-Ìosa ’s ro ghile na ’n sneachd,
Ise mar ghealach am beannaibh ag èirigh,
Eise mar ghrèin air bharraibh nan slèibhtean. [air arradh]
 
Tha fear eile a sheinnear air Oidhche Nollaig agus Aifreann Mheadhan-Oidhche, Tàladh Chrìosta (neo Tàladh ar Slànaigheir), a tha air a sheinn san latha an-diugh ann an cuid sgìrean. Cha sgrìobh mi an Tàladh air fad dhuibh ach mholainn oirbh ga leughadh agus cluas a thoirt ris:

Tàladh Chrìosta
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Mo ghaol, mo ghràdh, a’s m’ fheudail thu,
M’ ion’ntas ùr a’s n’ eibhneas thu,
Mo mhacan àlainn ceutach thu,
Cha ’n fhiù mi fèin bhi ’d dhàil.
 
Aleluiah, &c.
 
Ge ’mòr an t-aobhar cliu dhomh e,
’S mòr an t-aobhar cùraim e,
’S mòr an t-aobhar ùmhlachd e,
Rìgh nan dùl ’bhi ’m làimh.
 
Ged’ is leanabh dìblidh thu,
Cinnteach ’s Rìgh nan Rìghrean thu,
’S tu ’n t-oighre dligheach, fìrinneach
Air Rìoghachd Dhè nan gràs.
 
Ged’ is Rìgh na glòrach thu
Dhiult iad an tigh-òsda dhuit,
Ach chualas ainglean solasach
’Toirt glòir do’n Tì is àird.
 

 
Thigeadh na sloigh chur ort fàilte –
Dhèanadh ùmhlachd dhuit mar Shlànai’ear,
Bidh solas mòr am measg sìol Adhamh –
Thàinig am Fear-saoraidh, thàinig!
 
Thig a pheacaich, na biodh sgàth ort,
Gheibh thu na dh’ iarras tu ’ghràsan;
Ge d’ bhiodh do chiontan dearg mar sgàrlaid
Bidh t’anam geal mar shneachd nan àrd-bheann.
 
Hosanah do Mhac Dhaibhidh,
Mo Rìgh, mo Thighearna, ’s mo Shlànui’ear,
’S mòr mo sholas bhi ga d’ thàladh,
’S beannaichte am measg nam mnaoi mi.
 
Lorgar an Tàladh slàn an seo leis an fhonn fhèin an seo, air research.culturalequity.org. Tha mi an dòchas gun do chòrd am bloga seo ribh agus tha mi an dòchas gum bi Nollaig Chridheil agaibh uile. A bheil Duan na Nollaige agaibh fhèin? Nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo