- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Là Buidhe Bealltainn
Air a sgrìobhadh le Calum air 1mh an Cèitean, 2020
Bu chaomh leam “Là Buidhe Bealltainn” a ràdh ruibh uile! ’S e latha air leth cudromach a th’ ann, is a bh’ ann, an latha seo ann am bliadhna nan Gàidheal, air a chomharrachadh ann an Alba, Èirinn, Manainn agus Sasainn fa leth. Anns a’ bhloga seo bheir sinn sùil air dualchasan, cleachdaidhean agus faclan ceangailte ris an là àraidh seo.Tha am facal “Bealltainn” air a thighinn bho “Beal teine”, ag aithneachadh an seann dhia “Baal”, Beall, o linntean o sheann, le teinntean mòra air an togail air a leth. B’ ann o na Pheniceach a thàinig Beall, mar dhia. Ann am “Faclair Tùs-eòlas a’ Chànain Ghàidhealach”, le Alasdair MacBheathainn, tha e air a chlàradh gun comhrachadh an latha air leth diathan Belenos agus Belisama, o na diathan Ghallach a bha aca. Tha daoine eile den bheachd gu bheil am facal “belo-” ceangailte ris an fhacal “bale” a th’ ann am beurla, ceangailte ri nitheigin a tha caoir-gheal leis an teas, mar theine.
Tha an t-aimsir car bun os cionn mu àm na Bealltainn; tha seo air a shealltainn leis na h-abairtean “Glaisein cumhach na Bealltainn” no “caisean-cumhach na Bealltainn” a’ mìneachadh dè cho fuar is am faodadh an t-aimsir a bhith agus a rèir coltais lorgadh “sneachda mu bhial na Bealltainn” leis le fuachd mun àm seo. Tha iomadh abairtean eile ceangailte ris a’ Bhealtainn againn air “Faclan bhon t-Sluagh”, seo feadhainn dhuibh: “Balt Bealtainn,” “Garraiseach na Bealltainn,” “Glaisean clumhag na Bealltainn” agus “Rotach Bealltainn”.
An oidhche ron Bhealltainn fhèin chaidh a chreidsinn gum bu dual do bana-bhuidsean riochd a’ ghearraidh a ghabhail gus toradh a ghoid bho na bà. Gus an toradh a chumail bho làimh a’ bhana-bhuidsean shìoladh mùn air cùl cluaisean nam bò agus sgeadachadh an sabhal no bàitheach le geugan caorainn.
Mar a tha fios againn cheana ’s sàr-mhath leis na Gàidheil a’ chuthag, tha sin air a shealltainn ann an iomadh sheanfhacal is abairtean ceangailte rithe. Chomharrachadh a’ chuthag air nochdadh mu àm na Bealltainn leis an abairt “‘Gug-ùg’ ars a’ chuthag latha buidhe Bealltainn”. Tha e mun àm seo is a nochdas a’ chuthag ann an coitcheannas.
Tha cleachdadh ainmeil againn mun àm seo far an togadh dà thein’ aighir, air a h-uile teine sa’ choimhearsnachd a mhùchadh agus smàladh, agus crodh uile a’ bhaile a shaodachadh eadar an dà theine. A rèir “The Gaelic Otherworld”, le Iain MacGhriogair Caimbeil, bha aig na bà ri leum thairis sop na lasair. Tha an dà chleachdadh air tighinn bho linntean a b’ àbhaist do dhaoine a chreidsinn ann am Baal agus diathan o sheann. Chuireadh daoine agus beathaichean ris an teine mar ìobairtean airson na bliadhna. Ach o chionn na linntean sa chaidh tha an cleachdadh a-nis airson an “glanadh” agus an “slànachadh” o uilc agus “ealtraigh” agus “dosgaidh”. Às dèidh an crodh uile a shaodachadh eadar an dà thein’ aighir thogadh fàd no caor à fear de na teinntean is thogadh teinntean taighean a’ bhaile leis an lasair. Chanadh “Beannachadh Bealltainn” mun latha seo, a’ coisrigeadh gach nì a rachas eadar, no mu timcheall, an dà theine. Seo dhuibh trì rainn às a’ Bheannachadh air a chlàradh ann an Ortha nan Gàidheal earrann 1, le Alasdair MacIlleMhìcheil:
“Beannaich, a Thrianailt fhioir nach gann,
Mi fein, mo cheile agus mo chlann,
Mo chlann mhaoth ’s am mathair chaomh ’n an ceann,
Air chlar cubhr nan raon, air airidh chaon nam beann,
Air chlar cubhr nan raon, air airidh chaon nam beann.
-
Trath threigeas buar am buabhal bho,
Trath threigeas cuanal an cual chro,
Trath dh’ eireas ceigich ri beinn a cheo,
Treoir na Trianaid bhi triall ’n an coir,
O treoir na Trianaid bhi triall ’n an coir.
A Thi a chruthaich mi air tus,
Eisd is fritheil rium aig lubadh glun,
Moch is anamoch mar is iul,
A d’ lathair fein a Dhe nan dul,
A d’ lathair fein a Dhe nan dul.”
Anns an aon leabhar tha seanfhacal ri fhaighinn a tha a’ mothachadh saothar a’ chleachdaidh seo: “A Mhoire! Mhicean, bu dora dhomhsa sin a dhèanamh dhuit na dhol eadar dhà theine mhòir Bheall!” Tha “Eadar dà theine Bhealltuinn” aig MacBheathainn mar an ceudna.
Dhèanadh tadhail air tobraichean naoimh, mar Chibbyr Baltane ann am Manainn, far an glanadh an uisge sheunta daoine bho thinneasan, ghalairean agus gun cumadh an uisge na daoine àlainn airson na bliadhna ri tighinn. Mar thìodhlac dhan thobar dh’fhàgadh airgead no cearban chlobht no poidhreag aig an tobar. Tha iomadh chleachdadh ann am Manainn aig Boaldyn. Chruthaicheadh “croish cuirn” (crois caorainn) gus dìonadh a chumail bho na droch spioraidean agus na “mooinjer veggey” (muinntir bheaga, na sìthichean) airson rè na bliadhna.
Mar is soilleir dhuibh tha pàilteas de dhualchasan agus cleachdaidhean a thaobh an latha sònraichte seo den bhliadhna. Tha iad cho pàilt nach robh mi comasach gach criomag dhualchas a chur anns a’ bhloga ach nach leig sibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin mu dhualchasan agus cleachdaidhean eile na Bealltainn!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo