Gàidhlig / English
Mìosachan nan Gàidheal: An Geamhradh (Pàirt 2)

Mìosachan nan Gàidheal: An Geamhradh (Pàirt 2)

Air a sgrìobhadh le Calum air 24mh Am Faoilleach, 2021
Fàilte air ais gu Mìosachan nan Gàidheal: An Geamhradh (Pàirt 2)! An t-seachdain sa chaidh thug sinn sùil air làithean naomha, fèilltean agus siantan àraidh mu àm na bliadhna seo agus bheir sinn sùil orra ann am mìos an Fhaoillich mar an ceudna.
 
Am Faoilleach/Mee s’jerree yn-Gheuray/Mìos Deireadh a’ Gheamhraidh
01/01 – Là na Bliadhna Ùire/Là Fèill Moire Màthair Dhè/Laa Nolick Beg/Quaaltagh/Còmhaltaich –
Air do gach neach an taighe dhùisgeadh gabhar gach neach an taighe dràma uisge-beatha sa mhadainn! An uair sin gabhar bobhla “cabhraich leth-bhruich” airson seilbh.
Bhiodh e sealbhach do muinntir an taighe ma thigeadh deagh chòmhaltaich, "quaaltagh" ann am Manainn. Ma thigeadh buidheann-seinne le Duain na Callainne bhiodh sin air leth sealbhach dhan teaghlach.
’S ann air an là seo mu mheadhan-là, a chluichear geama “iomain mhòr,” no camanachd ma thogras sibh. Cluichear pìobaire aig tòiseach a’ gheama agus gabhar fèill air an deireadh dheth.
Loisgear aiteann anns a’ bhàthaich, còmhaichear beathaichean le teàrr, còmhraichear na taighean le uinnsean - agus sgaoileadh mùin air ballachan, ursainn agus beathaichean an taighe! Thèid seo a dhèanamh airson an cumail sàbhailte o droch spioradan agus o uilc. Tachraidh seo air “A h-uile latha ceann ràithe,” gach ceathramh na bliadhna.
Canar “Uair ri Latha Nollaige Bige” ri sealltainn gu bheil na làithean a’ fàs nas fhaide air adhart a-nis, gu bheilear a’ faighinn uair a bharrachd tron latha. [Chìthear tuilleadh mu seo gu h-ìosal air 12/01].

Diluain Traoidht” agus “Diluain an t-Sainnseil” – Nochdaidh an latha seo air là Dhiluain às dèidh na Bliadhna Ùire. Thathar ag ràdh gum faodar aimsir na bliadhna ri thighinn a thomhais air an là seo, le “deuchainn,” ach tha feadhainn den bheachd gun tomhaisear àird na gaoithe, agus gnè aimsir na bliadhna ri tighinn, air a’ chiadamh là den bhliadhna. Tomhaisear àird gaoth na bliadhna leis an rann seo:
“Gaoth deas, teas is toradh,
Gaoth tuath, fuachd agus gailleann,
Gaoth ’n-iar, iasg is bainne,
Gaoth ’n-ear, meas air chrannaibh.”
[Lorgar tionndaidhean eile den leithid anns a’ bhrath-bhloga seo: Faclan agus Abairtean a’ Gheamhraidh.]

06/01 – Là nan Trì Rìghrean/Laa Giense (Twelfth day)/Shenn Laa Nolick – Thigeadh Dà Latha Dheug na Nollaige gu crìoch air an latha seo. ’S e Laa Giense an t-ainm air an là seo air Manainn (“Là Geàn” ann an Gàidhlig na h-Alba). Bhiodh mòran spòrs agus geamaichean aca leis na h-ainmean “Cutting off the Fiddler’s Head,” “The Lackets,” agus “The Goggans.” Lorgar tuilleadh man deidhinn anns an leabhar “The Folk-Lore of the Isle of Man,” le A.W. Moore.

Thig “Là Fèill Baisteadh an Tighearna” air an Didòmhnaich às dèidh siathamh là den Fhaoilleach.

A thaobh na h-aimsire tha iomadh fhacal agus abairtean againn a bhios math airson aimsir an Fhaoillich a mhìneachadh. Tha “fuaradh froise” a bhios againn leis “na Faoillich” a ruith gu ruige a’ Ghearrain agus “Fèath Faoilich” mar an ceudna. Leis an droch aimsir bidh seo math airson àiteachaidh, far am bi “Todhar an tòrr dhuibh” ri lorg.

Tha “Am Faoilleach” air a mhìneachadh ann an “The Gaelic Otherworld” le Iain MacGhriogair Caimbeul airson co-là-deug mu dheireadh den Gheamhradh agus an co-là-dheug air tòs an Earraich. Canar “Tighinn a-staigh le ceann na nathrach, ’s dol-a-mach le earball peucaig” mun mhìos-sa. Leis an aimsir car bun-fos-cionn aig amannan canar gum faighear “Trì là Faoilleach san Iuchair, ’s trì là Iuchair san Fhaoilleach” agus gu bheil “Fèith Faoilleach agus gaoth Iuchair” an dithis as “leam-leat” san t-saoghal. Canar “Ceò san Fhaoilleach, sneachda ’màireach” mar an ceudna. Tha an t-abairt seo againn cuideachd:
“B’ fhearr leam a’ chreach thigh’nn don tìr
Na ’mhadainn chiùin san Fhaoilleach fhuar.”

Tha rù-rà na h-aimsire air a riochdachadh mar an ceudna leis an abairt “Smeuran dubha san Fhaoilleach,” leis measan agus dearcagan a’ tòiseachadh abachadh. A bharrachd air sin tha abairt againn mar an ceudna a’ sealltainn dhuinn nach e nì dona a th’ ann gu bhith fuar mu àm na bliadhna seo (le ar làmhan nar pocaidean leis an fhuachd, mar eisimpleir) agus gum bi teas againn an uair sin nuair a bhios e nas iomchaidh dhuinn:
“Faoilleach, Faoilleach, cruth an crios,
Faoilte mhòr bu chòir bhith ris;
Crodh is caoraich ruith air theas,
Gul is caoidh bu chòir bhith ris.”

12/01 – Uair a’ Ghille Connaidh/Greeba Fair/Eve of the Feast of Mochonna of Inis-Patrick – Chumadh an là seo air Manainn gus 1834. Tha “Latha Ghille Chonnaidh” againn ann an Alba cuideachd a’ sealltainn na tìme a bharrachd a bhios againn às dèidh Ghrian-stad a’ Gheamhraidh far am bi tìm a bharrachd ri mòine a thrusadh agus a thoirt air ais. (Tha seo air leth coltach ri “Latha Cois-cheum Coillich”). Smaoinichear gun nochd an là seo air Là na Bliadhna Ùire no an dàrna là dheug den Fhaoilleach ach thachradh Là na Bliadhna Ùire o sheann air an là seo.

Mu mheadhan a’ mhìos thig “Aiteamh mòr na Fèill Brìghde” oirnn, le piseach a’ nochdadh air an aimsir a chun tòs an Earraich mu Là Fhèill Bhrìdhge.

25/01 – Laa’l Noo Phaul [Là Fèill Naomh Pòl] – Tha iomradh ann gun toimhaisear aimsir na bliadhna ri tighinn air an là seo, seach Diluain Traoidht a th’ againn ann an Alba, air Manainn. Tha duanag ann cuideachd:
“Laa’l Paul ghorrinagh as gheayagh,
Ghenney er-y-theill as baase mooar sleih;
Laa’l Paul aalin as glen,
Palchey er-y-theill dy arroo as mein.”
[“Paul’s Day stormy and windy,
Famine’s on the earth and much death of the people;
Paul’s day beatiful and fair,
Abundance on the earth of corn and meal.]
 
Sin againn e airson làithean naomha agus Fèiltean nan Gàidheal thar a’ Gheamhraidh agus tha mi an dòchas gun do chòrd e riubh. Tha mi a’ dèanamh fiùghair ris an Earrach nuair a thigeas e leis na tha aige ri chòmhrachadh mar an ceudna! Feumaidh gu bheil làithean agus fèilltean ann nach do dh’ainmich mi ach a bheil là naomh no fèill agaibhse nach do dh’ainmich mi? Leigibh fios thugainn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo