Gàidhlig / English
Duain na Callainne

Duain na Callainne

Air a sgrìobhadh le Calum air 27mh an Dùbhlachd, 2019
Sgrìobh mi ann am bloga roimhe air Duain na Nollaige mòire ach bheir sinn sùil air Duain na Nollaige bige, neo A’ Challainn anns a’ chumantas, anns a’ bhloga seo.

Anns an fhreumh-fhaclair Gàidhlig na h-Alba le Alastair MacBheathain tha “A’ Challainn” a’ ciallachadh “New Year’s Day,” coltach ris an fhacal “Calláin,” ann an Gàidhlig na h-Èireann”, a’ tighinn às an fhacal “Calendae,” ann an Laideann, a’ ciallachadh “the first day of the month.” Le sin tha mòran tionndaidhean den fhacal ann an sgìrean eadar-dhealaichte, leis “A’ Challainn, A’ Chollainn (Earra-Ghàideal & Machair Rois), A’ Challaig (Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla & Barraigh), A’ Chollaig (Uibhist a Deas & Èirisgeigh), A’ Chullaig, A’ Challaing (Ros Meadhanach), A’ Chollaing (Arainn), A’ Bhliadhna Ùr (Taobh Siar Leòdhais), Oidhche nam Bannag (Taobh Tuath Leòdhais), An Nollaig Bheag, msaa.” Chaidh an fheadhainn seo air an clàradh air Faclair Dhwelly agus ar làrach-lìn fhèin.
Bu chaomh leam dà Dhuan na Callainne a shealltainn dhuibh à “Ortha nan Gàidheal (1)”, air a sgrìobhadh le Alasdair MacGilleMhìcheil, leis a’ “Bheannachadh Bliadhna Ùir” agus “Oidhche Challaig”:
 
Beannachadh Bliadhna Ùir
Dhè, beannaich dhomh an là ùr,
Nach do thuradh dhomh roimhe riamh;
Is ann gu beannachadh do ghnuis,
Thug thu ’n uine seo dhomh, a Dhia.
 
Beannaich thusa dhomh mo shùil
Beannaicheadh mo shùil na chì,
Beannaichidh mise mo nàbaidh,
Beannaicheadh mo nàbaidh mi.
 
Dhè tabhair dhomh-sa cridhe glan,
Na leig a seall do do shula mi;
Beannaich dhomh mo ghin ’s mo bhean,
’S beannaich dhomh mo nearc ’s mo nì.
 
Oidhche Challaig
“Thàin’ sinn chon an dorais,
Feuch am feàirrde sinn an turas,
Dh’innis a mnathan còir a’ bhaile,
Gur e ’màireach La Cullaig.”
 
Às dèidh an rann seo aithris theidheadh na gìsearan, a dh’aithriseadh rann na Callaine aig gach taigh anns a’ choimhearsnachd, timcheall an teine gu deiseil, ag aithris –
“Gum beannaicheadh Dia an t-àrdach,
Eadar chlach, is chuaille, is chrann,
Eadar bhithe, bhliochd, is aodach,
Slàinte dhaoin’ bhi daonnan ann.”
 
Mur a bhiodh na gìsearan toilichte leis an aoigheachd a fhuair iad, theidheadh iad mu timcheall an teine gu tuathail mus coisicheachadh iad a-mach an taigh, far a thogadh iad càran faisg air doras an taighe leis an ainm “Càrnan Mollachd” neo “Càrnan Crònachd”. An uair sin chanadh iad –
“Mallachd Dhè is Challaig oirbh,
’S crònachd chlaimhein chiuchaich,
Fioinn, fithich agus fiolair,
’S crònachd sionnaich liugaich.
 
Crònachd chon is chat oirbh,
Thorc is bhroc is bhrugha,
Mhathain mais ’s mhadaidh-alla’,
’S crònachd thaghain tutaidh.”

Tha deagh dhuan aca ann am Manainn, air aithris ann an "The Folk-Lore of the Isle of Man," le A.W. Moore:
"Ollick ghennal erriu, as blein feer vie;
Seihll as slaynt da'n slan lught thie;
Bea as gennallys eu bioyr-ry-cheilley,
Shee as graih  eddyr mraane as deiney;
Cooid as cowryn 'stock' as stoyr.
Palchey puddase, as skeddan dy-liooar;
 Arran as caashey, eeym as roauyr;
Baase myr lught ayns ullin ny soalt,
Cadley sauchey tra vees shiu ny lhie,
Gyn feeackle y jiargan, cadley dy mie."
 
Tha mi an dòchas gun do chòrd am bloga seo ruibh agus tha mi an dòchas gum bi Callainn Mhath agus spòrsail agaibh uile. A bheil Duan na Nollaige agaibh fhèin? Nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo