- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Faclan na Gàidhlig ann an Albanais Chatach agus Gallach (2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 29 an Lùnastal
An t-seachdain sa chaidh thog sinn sùil air faclan faclan na Gàidhlig ann an Albais agus Albais fo bhuaidh na Gàidhlig, sa chiad dol a-mach bheir sinn sùil air faclan eile innteanach bhon obair agus rannsachadh a chaidh a dhèanamh leis an Dotair Alasdair MacMhaoirn airson pàipeir le Tàr-ghnìomhan Comann na Gàidhlig Inbhir Nis. Togaibh sùil air san tìm ri teachd!
- Ochanie, bho ochan an rìgh/ochan-ì.
- Oi, bho ogha agus mar an ceudna tha Oines ann airson oghaichean.
- Panner-cappel, (bogbean) bho pònair-chapaill.
- Paelig, peallag/peilig.
- Peepag, bho phìobag.
- Peallad, bho phiullachan.
- Rannag, bho raineach.
- Ruddag, bho ruadhag, seach brù-dhearg, m.s.a.a.
- Ruthag, bho rùdhag/portan.
- Scarf, bho sgarbh.
- Scoollag, bho sgiollag.
- Sheet, bho shuith.
- Sile, bho shìol, ged gu bheil sile a’ ciallachadh èisg bheag seachd sìol.
- Simmans, bho shìoman.
- Skiach, bho sgìtheach.
- Skilde, bho sgoldair, facal eile, ionadail airson muir-teachd.
- Sookag, bho shùgag.
- Soorag, bho shùrag.
- Tartar, bho thartarach (noisy).
- Teuch, bho thiugh.
- Thrang, bho thrang.
- Trock, bho throc.
- Boddach agus bodach. Tha seo inntinneach air sgàth ’s gun do mhair an ceangail ri obair na mòine leis a’ chiad fhòid a ghearrar ’s e sin am bodach ach tha am boddach seo a’ ciallachadh fòid fheurach.
- Smagan agus màgan. Tha seo inntinneach air sgàth ’s gum bi daoine an-diugh ag ràdh “màgan” dìreach airson “losgann”. Nar corpus fhèin tha iomadh fhacal againn airson an leithid, mar eisimpleir giulla-mhàgach, iul a’ mhàgain, losgaid, meall-mhàgan, Poll-a’ mhàgain, agus smàgach. Tha nòta ann lùib cuideachd ag ràdh "“magan, on all fours" a chuir cuimhne orm air bloga a chaidh a dhèanamh le Àdhamh Ó Broin air Gàidhlig Srath Spè le Nól Gobha, rinn iad iomradh air sgeulachd le “ura” (leanabh) aig cuideigin agus chaidh a dh’fharraid air “Ciamar a tha an ura bheag?” ris a fhreagair e dha “Ó, tha i air mhàgan a-nis”.
Seo agaibh faclan measgaichte leis an dà chànan a bha inntinneach anns an dòigh a chaidh an “cruthachadh”:
- Tha Bo-chiel air a thighinn bhon fhacal “bò” ach tha e inntinneach an dòigh a chaidh am facal a chruthachadh leis a’ Ghàidhlig agus a’ bheurla (ghallda).
- Tha Broug air a thighinn bhon fhacal “brog” agus “bròg” ach tha broug a’ ciallachadh minidh agus brog fhèin. ’S e minidh-crom a th’ againn sa’ chorpus cuideachd à Eurabol.
- Tha Cushie; air a thighinn bho (chalman-)cuthaidh, agus an dòigh a bhios an calman a’ cur ’itean fhèin.
- Ess cockie; tha ess gu math coltach ri eas, a’ dèanamh ceangail ri uisge air dòigheigin.
- Griushan; ’s ann bhon fhacal “gnùis” is a tha e, le gnriushan a’ ciallachadh “fringe” sa’ chàs seo.
- Lonnans; ’s ann bhon fhacal lòn, ged gu bheil am facal lonnans a’ ciallachadh “punnd” no “feur nan con”.
- Maigs; ’s ann bhon fhacal màg a tha seo, le ciall “màg chearbach” no “làmh mhàgach” no “fliopair, crubhan no pliuthan”.
- Ochanear; ’s ann bhon abairt “àrd an ear” a tha am facal seo, le ciall “briseadh-latha”.
- Pirlag; ’s ann bhon fhacal “pùrlag” a tha am facal seo, le ciall “winnet” sa bheurla (ghallda).
- Ronyal; ’s ann bhon fhacal “rongach” a tha am facal seo, le ciall “neach cearbach” no mar a chanar Chatach à Mhachair Chait, neach “clampach”.
- San lairig; ’s ann bhon fhacal “laireag” [chìthibh sa’ bhloga roimhe seo mu dheidhinn an fhacail seo] ach tha am facal a’ ciallachadh “bodhag, ladhran agus luatharan”.
- Seed bird; cha mhòr nach eil am facal seo air ’eadar-theangachadh mar-thà, gu h-ìre, le “seed” car coltach ri “sìol” airson “Breac an t-sìl” a tha a’ ciallachadh an aon nì airson “seed bird”.
- Shangans; tha am facal seo air a thighinn bho seangan ach bidh feadhainn dhiubh nas eòlaiche air snioghan, no sneangan a bharrachd. ’S ann bho dhualchainnt Gàidhlig na sgìre ’s a thàinig am facal.
- Smeurach; ged a tha am facal seo air a sgrìobhadh airson dearcan na drise a rìochdadh tha am facal a’ ciallachadh smùrach agus èibhleagan a mhìneachadh.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo