- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Faclan na Gàidhlig ann an Albanais Chatach agus Gallach
Air a sgrìobhadh le Calum air 22mh an Lùnastal, 2019
Grunn mhìosan air ais rinn mi dithis bhloga air Gàidhlig Ghallach, a’ bruidhinn air faclan ionadail, inntinneach a chanar ann an Gallaibh, le cuid de na faclan a bha coltach ri faclan Chatach agus faclan Gàidhlig Dhùthaich Mhic Aoidh. Fhuair an Dotair Alasdair MacMhaoirn grèim oirnn agus tha Dr. MacMhaoirn air a bhith a’ rannsachadh faclan na Gàidhlig ann an Albais ann an Gallaibh agus Cataibh an-diugh, Inbhir Ùige agus Sgìre Raoird (mar a chanas muinntir an àite fhèin) gu h-àraidh. Tha e air faclan a thrusadh agus a chlàradh agus bha e air leth fialaidh ri cuid de na faclan aige a thoirt dhuinn. ’S ann airson Tàr-ghnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis a rinn e an obair seo is mar sin thoiribh ur n-aire air a’ phàipear seo san tìm ri teachd![Bidh feadhainn dhiubh air fhaicinn mar-thà gu bheil mi a’ sgrìobhadh “Albais” seach “Beurla Ghallda”, ach air sgàth ’s gu bheil “Albais” nas fhasa a sgrìobhadh gach turas, tha mi air sin a sgrìobhadh. A dh’aindheoin nan gearan a bhios mi a’ faighinn ag ràdh “it’s one of the worst neologisms ever in Gaelic”! - Do na daoine-gearanaich agam, seo sean-fhacail dhiubh à Mhachair Chait, “Am fear a bhios ’talach [a’ gearan] sa’ bhaile-sa bios e ’talach sa bhaile ud thall”!]
’S ged a tha iomadh fhacal mìorbhaileach anns a’ phàipear cha bhitheamaid comasach ach air grunn dhiubh a thearraidearrachd agus a rannsachadh an t-seachdain-sa, gun a bhith a’ leigeil mòran de rannsachadh Dhotair MacMhaoirn fhèin! Bheir sinn sùil air na faclan a chlàr e agus na faclan nar corpus fhèin.
- Airt bho àird, mar “àird an iar”.
- Baak bho bhac, a tha air a thighinn bho seann Lochlainnis, bakki.
- Birrach, bho bhiorach ach sa chàs seo tha birrach a’ ciallachadh neach eudach.**
- Boorag, bhùrag, a’ ciallachadh fòid mòine air a chleachdadh ri tughaidh, ach dh’fhaodadh bùrag fòd mòine a mhìneachadh sa’ chorpus againn.
- Buss, air a thighinn bho bhus.
- Cawnach, bho chanach.
- Cir-cavaig, bho churrac-cubhaige.
- Cown, bho “chaoin”.
- Crellag, bho chreithleag.
- Deathin, bho dhetheodha agus te-theotha.
- Deisal, bho deiseil.
- Gu h-inntinneach bha am facal Diùc, Juke ann an Albais, air a ràdh seach “tunnag”. Chaidh a chlàradh am broinn a’ phàipeir gun gairmear tuig tuig gus eòin-taighe a thàladh, tha an aon facal air a chleachdadh anns an dà chàs seo.
- Faddish, bho fhàlaisg.
- Farsach, bho fharspach, farspag neo arspag.
- Gevelag, bho gobhlag.
- Tha Gabag air a chantail, a’ mìneachadh “a sharp or snappish person” (Dwelly). Tha am facal Gobag sa’ chorpus glè choltach ris. Gu h-inntinneach ’s e gobaidh a chanar ann an Euraboll airson gille-bhrìghde.
- Gill-towal, bho ghille-t(oll) no deal.
- Gilpin, bho ghealbhonn.
- Tha Glaur, gu math coltach ri glàr, no poll. Ma dh'fhaoidte 's gu bheil am facal air a thighinn à Albais seach a' Ghàidhlig.
- Groser, bho ghròiseid, no crobhrsag ann an dualchainnt na sgìre.
- Hairy brottag, bho bhratag agus ’s e brudag a th’ againn sa’ chorpus à Eurabol.
- Laraig, laireag, facal eile bho uiseag, topag no riabhag.
- Lissean-leesach, bho lus an leasaich.
- Live, bho làmh ged a tha live a’ ciallachadh “bas”.
- Me-an, bho mhòthan.
- Moo-ag, bho mhaothag.
- Mullach, bho “mo luach/m’ ullaidh”.
- Nether, bho nathair.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo