Gàidhlig / English
Dealan-dè

Dealan-dè

Air a sgrìobhadh le Calum air 5mh an t-Sultain
Tha cuimhne agam bliadhnaichean air ais bha mi fhìn agus càraidean a’ bruidhinn air faclan “ionadail” a th’ againn à sgìrean eadar-dhealaichte airson “dealan-dè”. Bha mo chàraid à Cheap Bhreatainn ag ràdh dealan-dè (air a ràdh mar “dea(w)an-dè”) ach tha cuimhne agam gun canar “calman-dè” ann an Srath Spè a thaobh phàipear air Gàidhlig ann an Srath Spè [earrann LXI, tàr-ghnìomhan Comann na Gàidhlig Inbhir Nis]. Thog sin ùidh orm ri faclan eile sa’ chorpus a lorg agus tha pailt dhiubh ann!

Tha mòran dhinn eòlach air “dealan-dè” mar-thà agus tha tionndaidhean eile dheth, le dallan-dé, dealaman-dé, dearbadan dé é ann an iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd, in An Ros Muileach, Tairbeart agus am Bogh Mòr.

Gu h-inntinneach, chaidh “amadan dè” air a lorg ann am Baghasdail a Deas, Uibhist a Deas, ged a tha dealan dè air a lorg ann an Baghasdail a Deas agus Loch Càrnan mar an ceudna. ’S e strainnsear a tha air a chlàradh ann an Ceann Loch Biorbhaidh ach air an làmh eile ’s e Beusach a tha air a chlàradh. Tha amharas agam gu bheil sin ceangailte ris an fhacal “beus” o chionn ’s gu bheil am beathach ceangailte ri naidheachd gu bheil e seunta no diadhach. Ann an Ortha nan Gàidheal [Carmina Gadelica] tha MacGilleMhìcheil air a chlàradh gur e ainglean bho nèamh a th’ annta gus anman nam marbh a thogail. Mar sin, canaidh clann nuair a chì iad dealan-dè buidhe na leanas:

“Dhealain-Dé! Dhealain-Dé!
Co an deò thug thu fhé,
Dhealain-Dé! Dhealain-Dé!
Thug thu ’n dé do fhlathas?”

Tha e soilleir ri tuigsinn carson a theireadh tuath Srath Spè "Calman" ri creatair naoimh mar seo a-nis. A rèir bheul-aithris cha robh dealan-dè air domhain mus an do dh’èirigh Crìosda às an uaimh  mar sin chaidh an lìonsgaradh air feadh an t-saoghail às a dhèidh. Mar sin chan fhaicear dealan-dè “am measg dhaoine dona, measg droch chuideachd, measg droch chainnt, measg droch obair, measg nì gràineil, nì tàireil, nì duairce,.” [Carmina Gadelica, earrann IV, d.4]

Tha feileacan agus fuatharlan air an clàradh, ged a tha fuatharlan air a chleachdadh airson “leòmann” no “muchais” cuideachd. Tha Uibhist a Deas an seo le Learbad a chaidh a lorg ann am Baghasdail a Deas a-rithist.

’S ann bho àird a tuath a tha a’ mhor-chuid de na faclan a leanas; tarmachan (Am Blàran Odhar), tarbhan-dé (Geàrrloch), tormachan (A’ Mhormhaich), tormachan-dé (Achd Ille Bhuidhe), teilean-dé agus teilean-dé (Leòdhas), tormachan-dé (Na Hearadh) agus teilean-dé (Uibhist a Tuath). Tha seo inntinneach air sgàth ’s gu bheil feadhainn de na faclan an seo a’ ciallchadh “tàrmachan” no “tormachan” cuideachd. Tha e inntinneach gu bheilear air ceangail a dhèanamh leotha ach chan eil adhbhar soilleir agam carson.

’S e tormachán, tormachan-dé, tormán-dé, dealán-dé agus sailmeán-dé uile a th’ aig Roy Wentworth ann an “Faclan agus Abairtean à Ros an Iar” agus tha e fhèin air an aon co-dhùnadh a lorg mar a th’ againn os cionn. Tha Wentworth air nota a dhèanamh air diofairean nam facal a stèidheachadh eadar sailmeán-dé agus càch, ag ràdh gu bheil sailmeán air a ràdh airson dealanan-dè agus leòmannan a lorgar tron oidhche seach dealan-dè no leòmann àbhaisteach an latha. Bha an fheadhainn eile air an cleachdadh airson dealan-dè agus leòmann gu co-mhalairteach.

Ann am faclair “Etymological Dictionary of the Gaelic Language” le Alasdair MacIlleBhàin tha dealan-dè air a thighinn bho “God’s fire” agus “the phenomenon observed by whirling a stick lighted at the end”. Tha sin fìor a thaobh nòtaichean Seumas Grannd; nuair a bhathar tinn le leamhnag bha neach eile a’ dèanamh dealan-dè faisg air an t-sùil le bioran no maide lasraichte ag ràdh:

“Cha till dealan-dé, cha till dealan-dé, cha till dealan-dé, tha fèidh air an loch” [earrann LXI, tàr-ghnìomhan Comann na Gàidhlig Inbhir Nis]

Tha am rann seo gu math coltach ris rann eile a tha clàraichte ann an “Aithris is Oideas”. ’S e seo an rann air fad:
“Dealan dealan-dé!
Tha na féidh air an loch,
Tha MicShimidh ás an déidh,
Cha tig na féidh dhachaigh nochd.”

Tha rann cha mhòr co-ionnan ann an "Verse, Story and Fragments from Various Districts, part II" le Ùisdean Barran,  tàr-ghnìomhan Comann na Gàidhlig Inbhir Nis; seo dhiubh e
"Dilean, Dealan Déigh, tha na féidh air an loch,
Tha MacShimidh as an déigh
's cha tig féidh dhachaidh nochd."

’S e Tarmachan-dé  a tha’ sgrìobhte san aon leabhar cuideachd, ged a tha tàrmachan a’ ciallachadh “Ptarmigan” seach dealan-dè ann am faclair MacIlleBhàin.

A bheil facal eile agaibh airson dealan-dè? Dè ur beachdan air na faclan againn an seo? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo