- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gabhann, Geodal agus Goileam: Faclan Ionadail airson 'Gossip'
Air a sgrìobhadh le Calum air 10mh An Lùnastal, 2023
Na can nach dèan sibh e, tha beagan de chabaire annainn uile – agus gu bheil aileag air feadhainn dhinn air naidheachdan - tha ar cultaran stèidhichte air seanchasan agus sgeulachdan (matha no dona), mar sin chan eil sinn cho eadar-dealaichte mar sin.Seo dhiubh clàr agus liosta de dh’fhaclan rin lorg agus leughadh ann am faclair Dwelly agus Faclan bhon t-Sluagh a th’ againn. Tòisichidh sinn le faclan ionadail airson gabhann fhèin:
- Allairt – An t-Eilean Sgitheanach
- Bàilich – Èirisgigh
- Baraglair – Tiriodh
- Barra-chaint – Barraigh
- Beòlam
- Beulam
- Blabaireachd – Eilean na Nollaige, Canada
- Brosguill – Leòdhas
- Cabaireachd
- Ciabalais – Tiriodh
- Clabalais – Leòdhas
- Clabhaist – Beinn na Faodhla
- Clabhas – Barraigh; Ìle
- Clabhs – Cill Fhinn
- Clab-sgàinn – Ìle
- Cladar – Beinn na Faodhla; E.S.
- Deob – Tiriodh
- Feothal – E.S.
- Fochal – Griomasaigh
- Fodhal – Uibhist a Deas
- Fothal – Griomasaigh; Dùthaich MhicAoidh; Uibhist a Tuath
- Frachd – U.a.D.
- Gabhann – Siorrachd Pheairt
- Geòbaireachd
- Geodail – U.a.D.
- Geop – E.S.
- Geotal – U.T.; Bnf; U.D.
- Giusgal – E.S.
- Glagaireachd – Loch Tatha
- Glaige – Srath Ghlas
- Gobaireachd
- Goileam – Na Hearradh; U.T.; Bnf; Tiriodh
- Gotal
- Gusgal – E.S.
- Leibideach – U.a.D.
- Mablaich – E.S.
- Nuadal – U.a.D.; U.a.T.
- Ràbhad bruidhinn – U.a.D.
- Rabht – Leòdhas, E.S.
- Ràdh, ràidh – Srath Ghlas
- Ràfard – U.a.D.
- Raidh – A’ Chomraich, Ros an Iar
- Raip – Srath Ghlas
- Rannachdail – Eilean na Nollaig, Canada
- Rog-gaoithe – Scalpay, Na Hearadh
- Sgathach – Dòrnaidh, A’ Mhorbhaich, Cinn t-Sàile
- Sgeil – U.a.T.
- Sguan – Srath Ghlas
- Sgudal – Na Hearadh
- Siurdan – Srath Ghlas
- Suainsean – Srath Ghlas
- Thùrt-thàrt – Scalpaigh, Na Hearadh
- Toglaichean – Scalpaigh, Na Hearadh
- Tramascal – U.a.D.
- Tuairm - Ìle
- Tum-tam
Ge b’e am facal a th’ agaibhse airson geòb, goileam, m.s.a.a. tha “gossiping” na fhacal agus buadhair glè chudromach a th’ ann a rèir coltais ann am Faclan bhon t-Sluagh:
- A’ boilich – Ìle
- A’ caige – Barraigh
- A’ clàbhair
- A’ clabhus – Barraigh
- A’ dèanamh cùlchainnt – U.a.D.
- A’ raidh - Srath Ghlas
- A’ seamasan – Tiriodh
- A’ sguallaich – U.a.T.
A thaobh daoine a bhios a’ dèanamh goileim no a bhios a’ bleideireachd, fir (f.) agus mnathan (m.), tha ainmean eile air an son mar an ceudna:
- Bana-choigle (m.)
- Bana-ghoistidh – Ros an Iar; Bàideanach; Cinn-tìre (m.)
- Beadag (m.)
- Beuladair – Na Hearradh
- Bilisteir
- Bleideire – U.a.D.
- Brionnag (a’ bhaile)
- Cabag – Innse Ghall (m.)
- Cabairneach – Cliuthar, Na Hearradh
- Caban – IG (f.)
- Cabaire – Ùig an Iar, Leòdhas (f.)
- Clabadair
- Clabaire – E.S.
- Claban-muilinn
- Claban-muilleadh – Ratharsair
- Claban-muilneadh – Ratharsair
- Clabharsaich – U.D.; Na Hearadh
- Cleitreach – Scalpay, Na Hearadh (m.)
- Coirmeag (f.)
- Cuirmeag
- Cullaid
- Cuthag-cluaise – Na Hearradh
- Fear-cèile (f.)
- Fodhalag – (m.)
- Gobag – (m.)
- Goistidh – Innse Ghall; Bàideanach; Cinn-Tìre (f.)
- Preigeadair – Leòdhas
- Preigire – Leòdhas
- Piùthrag (m.)
- Rabhdair
- Sealgair-seanchais
- Sgeultach
- Sgimilear
- Slugan – Leòdhas; Na Hearradh; E.S.; Àird nam Murchan; Loch Tatha; Arainn; Ceap Breatainn.
- Sràcair
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo