- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Far-ainmeam Bhailtean Ionadail (Pàirt 6): Comghall, An t-Eilean Bòd agus Arainn
Air a sgrìobhadh le Calum air 24mh An Lùnastal, 2023
Tha sinn a’ cumail a dhol leis an t-sreath a th’ againn de dh’fhar-ainmean Bhailtean Ionadail, a’ dol deasail gu Comhghall, Arainn agus Bòd. Fhuaireadh mòran den fhiosrachadh na leanas ann am Far-ainmean Dùthchail na Gàidhealtachd, le Dòmhnall C. Frìseal, ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness XLIX. Mholainn oirbh uile ga leughadh, mas urrainn dhuibh.A’ tòiseachadh le Loch Fìn, a chuairticheas Comhghall mu thuath, tha diubhras eadar muinntir Loch Fìn a Tuath agus a Deas. A rèir coltais canar “Muc Biorach” ri fear a bhios a’ fuireach aig taobh Loch Fìn a tuath agus “Òigeach” ris a’ chòrr aig an taobh Deas. Comhghall chan eil cliù cho mòr air na Comhghallaich a rèir gnàth-cainnt a chualas: "Comhal creagach far a bheil na daoine bradach". ’S e “Ceathrach” a th’ ann an duine à Rubha “Kerry” air Comhghall.
A’ leantainn oirnn gu Bòd, eilean beag bìdeach aig taobh Deas an Eilein. B’ àbhaist a’ Ghàidhlig a bhith air leth cumanta air an eilean, a-measg nam “Bòdach” agus “Ban-bhòdach”, turas ach chaidh an cànan a chrìonadh le teachd luchd-labhairt na Beurla. A dh’aindeoin sin tha daoine èasgaidh ann a tha glè dheònach a’ Ghàidhlig a thoirt air ais dhan eilean a-rithist, guma fada thèid iad leis an iomairt! A bharrachd air ath-leasachadh na Gàidhlig air an eilean bidh aca ri cliù an eilein atharrachadh oir chan eil a cliù cho math anns an abairt an-seo: "Chan ann am Bòd uile tha an t-olc - tha cuid dheth sa Chumradh bheag làimh ris." Chan eil mi buileach cinnteach dè tha nas miosa: a bhith ceangailte ris an olc no ceangailte ri Cumaradh! (Tha mi ri fealla-dhà, na gabh dragh). Tha deagh litir a chaidh a sgrìobhadh anns an litir bhig, le Ruairidh MacIllEathain, ann an litir bheag 411 mun Eilein a bheireas fiosrachadh seachad gun do thàinig “Bòd” bho “Mòd”, ach mholainn oirbh ga leughadh gun dàil airson fiosrachaidh a bharrachd!
Air adhart gu Arainn canar gur e Arainn “Arainn nan Aighean Iomadh”, rud a tha fìor chun an latha an-diugh. Tha na h-Arainnich air far-ainm a chosnadh cuideachd: “Coineanan Mòra”. Tha sgeul ann am Far-ainmean Dùthchail na Gàidhealtachd." Ach tha far-ainmean fa leth aig muinntir bhailtean ionadail an eilein fhèin agus tha iad uile ceangailte anns an rann bheag na leanas air taobh Deas na Luirginn (taobh siar an eilein eadar Whitefarland agus Thundergay): "Meanbh-chuileagan Acha-rà Coilich-dhubha Dhubh-ghearradh Stùcanaich Acha-charra Cuileagan-ìme Chatagail." Chan eil fios agam gu buileach carson a tha gach baile beag ainmichte às dèidh bheathaichean no biastagan, chan eil “Feannagan Achadh a' Ghallain” cho eadar-dhealaichte nas motha mar sin, ach tha deagh choltas gu bheil ann rann agus am far-ainmean a-mach air tuathanachas na sgìre agus na beathaichean nam broinn. Canar gu bheil ceann a Tuath an eilein air leth cosail ri ceann circe, comharra a bhios maraichean a’ cleachdadh airson carraige-iùil airson an stiùiridh. Tha rann ann a bhios maraiche à iomadh sgìre ag ràdh agus a’ cleachdadh airson an iùlaidh, le gach carraig coltach ri àl circe: “A' chearc Leòdhasach, an Coileach Arannach agus an Eireag Mhanannach.”
Nas fhaide deas air Comhghall, Bòd no Arainn tha Creag Ealasaid agus ged nach robh tuineachadh fada no seasmhach riamh air Creag Ealasaid tha a’ chreag air a bhith ann an smuain agus seanchas a’ Ghàidheil o chion. Tha iomadh fhar-ainm air a son ann am beurla (“Paddy’s Milestone”) agus anns a’ Ghàidhlig: A’ chreag; Creag Alasdair; Ealasaid a’ Chuain; Alasan’; Carraig Alasdair agus Allasa. Tha gnàth-cainnt againn ceangailte ris an ainm “Allasa” a bhios glè chuideachail dhuibh; mas e gum bi sibh airson dìmeas a dhèanamh air cuideigin a tha grànnda no mì-thlachdmhor dhuibh nach can sibh “’S truagh nach robh thu eadar Allasa agus Eabhainn!” ’S e Sanda a tha Eabhainn, eilean beag air ceann a Deas Cinn-tìre, aig a’ Mhaoil. Mar sin, bidh sibh ag ràdh gur e truagh a th’ ann nach eil iad anns a’ mhuir fhèin!
Tha mi an dòchas gun do chòrd am brath-bhloga seo ruibh. An aithne dhuibh fear de na far-ainmean no rannan fos cionn? A bheil fiosrachadh, gnàthas-cainnt no far-ainm eile agaibhse nach eil againn an-seo? Leigibh fios dhuinn air Facebook, Twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo