| fùideadh | to rush a job. |
| sporran feannaig | a pouch like bit of seaweed found on shore. |
| nemart | a person who is lacking mentally. |
| fochal | gossip. |
| feithean | little glens between hills. Also in sense of gaps between little hummocks on moorland. |
| air aghaidh fhein | self employed. |
| trinnsigeadh | turning the furrow over with a spade when the plough fails due to the stubbornness of the soil. |
| as onarach | dishonest. |
| emairt | when is someone is left empty. [sic] “Dh’fhàg iad e air an emairt.” |
| staoig | a portion, fragment, bit of something. |
| preis | pot. |
| dol a’measad | deteriorating. |
| air a’ pharais | on social security. |
| Seanfhaclan |
| [mèirleach] | “’S leis a’ mheirleach mhath a chuid gus a beirear air.” |
| [marsanta] | “’S math am barr a riaraicheas am marsanta ged is olc an fhéill a dh’fhàgas duin’ e fhein air an emairt.” |
| [beul] | “Cha tig feuch air beul duinnte.” If you keep your lips sealed no one will know your secret. |
| [urram] | “Urram chlaisneachd chluas na Roinn Eorpa aig an earba, ’s a dh’aindheoin na chloinn i cha teich i gu faic i.” |
| [facal] | “Tuigidh fear leughaidh leth an fhacal.” |
| [lite] | “Na bi bogadh do shliopean air an lìte [sic] nach òl thu.” Make sure you know what you are getting involved in. |
| [duine] | “Aon duin’ a dh’iarras ’sa dhà dheug a dh’òlas.” |
| [gaoth] | “’S olc a ghaoth a shéideas nach dean feum a chuideigin.” |
| [beò] | “’S ioma rud a chì an duine bhios fada beò; chì e sagart a’ gabhail pioba ’s sgriobhadh le ìte geoidh.” |
| [laogh] | “’S fhearr aon laogh coir na dà chraiceann.” |
| [làmh] | “’S fhearr aon ghiadh air làimh na dhà dheug air ìteag.” |
| [ugh] | “Ugh aig eireag ’s bean aig sgalag.” |
| [facal] | “’S mór am facal nach toill ’sa bheul.” |
| [milis] | “Cha dean corrag mhilis ìm, cha dean glùtaire caise.” |
| [comhairle] | “’S fhearr aon chomhairle bho Dhia na dhà dheug bho dhaoine.” |
| [còta] | “’S fhearr an còta bhith fàs fada na bhith fàs goirid.” |
| [eucoir] | “Cha bhith suaimhneas aig eucoir neo seasamh aig droch bhean.” |
| [bròn] | “Chan fhiach bròn a ghnath agus chan fhiach ceòl a ghnath.” |
| [bun] | “Cha do chuir a bhun nach do chinnich leis.” |
| [creag] | “Na creagan siorruidh tuitidh sios ’san ùir, ach seasaidh firinn dhìleas Righ nan Dùl.” |
| [Dia] | “Chan eil math nach teirig ach math Dhé.” |
| [Dia] | “Is gearr gach reachd ach riaghailt Dhé.” |
| [amadan] | “Chan eil eadar an duine glic is an t-amadan ach gur ceil an duine glic a rùn agus gun innis an t-amadan e.” |
| [lag] | “Is fhearr an dicheall lag na an neart lag.” |
| [teine] | “Na toir teine a tigh far a bheil leanabh gun fhiaclan.” |
| [aodach] | “Nuair a gheibh thu brògan neo aodach ùr gabh greim arain nuair a chuireas tu umad e.” |
| [pòsadh] | “Tha am pòsadh coltach ri siorram, tha mil ann is gathan.” |
| [latha] | “Diardaoin latha Cholum Chille Chaomh, Di Sathuirne là crathadh na balg.” |
| [Samhainn] | “Mas e ciadaineach an t-Samhain ’s largainneach fir domhain. ’S mairg is mathair dh’an Mhac Mhaoth mas e Diardaoin latha Samhna.” |
| [faisg] | “Is fhaisg a’ ghlùin na’n uilinn.” |
| [fuachd] | “Cha tig fuachd gu earrach, cruaidh chàs no droch ceannachd, cha dean bean ach air eiginn gun aithnich i ceud ghin.” Not sure of meaning behind this one. |
| [beul] | “Miaran bho bheul gu beul, ’s an t-eunan bho thòm gu tòm.” |
| [uiseag] | “Thuirt an uiseag ris an fhaoilleach càite an do dh’fhàg thu an laoghan bochd. Dh’fhàg mise e an cùl a’ ghàraidh ’sa dhà shùil na cheann mar phlòc.” |
| [eun] | “Ùgh air ionnad? (inid) ’s eun air Càsg, mur bidh sin aig an fhitheach bidh am bàs.” |
| [gaoth] | “Gaoth a tuath a ruaigeas an ceò.” |
| [teanga] | “A’ snaim a cheanglas an teanga ’s nach fhuasgail na fiaclan.” Am pòsadh. |
| [Màrt] | “Ma gheibh a Màrt clais thiorram gun gleidh e tiorram i.” |
| [grian] | “Grian fàs cuirp ’s dian fhàs fuilt.” |
| [oidhche] | “Na mòl oidhche ’s na di mhol latha.” |