Gàidhlig / English
Faclan agus Abairtean a’ Gheamhraidh

Faclan agus Abairtean a’ Gheamhraidh

Air a sgrìobhadh le Calum air 21 an Dùbhlachd, 2018
Tha an Nollaig agus a’ Challainn a’ teannadh oirnn a dh’aithghearr agus tha iomadh fhacal agus abairt againn a tha ceangailte ri àm na bliadhna seo. ’S ged nach e brath-bhloga slàn a tha seo, seo thugaibh faclan agus abairtean a th’ againn bho “Faclan bhon t-Sluagh” agus leabhraichean eile:

Am fear nach dèan Nollaig, nì e trasg a dh’aindheoin”. – Port Sgioba, Ìle.
’S blianach Nollaig gan sneachda” – Taigh a’ Ghearraidh, Uibhist a Tuath.
 
Seo thugaibh gnàthasan-cainnt bho “Aithris is Oideas” a tha ceangailte ris a’ gheamhradh:
“Gaoth a deas na Callainn, teas is toradh,
Gaoth an iar na Callainn, iasg gu carraig,
Gaoth a tuath na Callainn, fuachd is feannadh,
Gaoth an ear na Callainn, meas air crannaibh”.
 
“Gaoth an iar iasg is bainne,
Gaoth tuath fuachd is gailleann,
Gaoth deas teas is toradh,
Gaoth an ear do fhearaibh a’ chuain”.
 
“Cha robh samhradh riamh gun ghrian,
Cha robh geamhradh riamh gun sneachd,
Cha robh Nollaig mhòr gun fheòil,
No bean òg le deòin gun fhear”.
 
Tha toimhseachain air a bhith air an sgrìobhadh mun àm na bliadhna seo cuideachd. A bheil na freagairtean agaibh air a h-uile fear dhiubh? (Bidh na freagairtean aig deireadh a’ bhloga):
 
“Cailleach bheag a’ chòta bhàin,
Mar is tighe thig i bhàn,
’S ann as fhèarr a laigheas i.” (1).
 
“Chì mi, chì mi, fada bhuam,
Trì mìle thar a’ chuain,
Fir gun fhuil, gun fheòil, gun anam,
A’ dannsa’ air an talamh chruaidh” (2).
 
“Thànaig fear a-nall thar barraibh nan tonn,
Fear buidhe fionn, fear tana, caol, donn,
Fear bhualadh na sùiste, fear rùsgaidh nan crann” (3).
 
“Drochaid air loch,
Gun mhaide gun chloich” (4).
 
Cuiridh mi crìoch air a’ bloga seo le “Duan na Collainn” a leugh mi ann an leabhar “Gàidhlig Dùthaich Mhic Aoidh” le Seumas Grannd. Bu dual do chlann an duan seo a lìbhreagadh gus bonnach fhaighinn air Oidhche na Callainn.
 
“Thànaig mi le mo dhuan,
’N oidhche mus do ghluais a’ Chollainn -
Carson a leiginn dhe mo chuimhne,
Rud a bh’ ann ri linn mo sheanair?
Ithidh mi na mìrean bruith,
Bruithidh mi na mìrean iamh,
Òlaidh mi an deoch fhuar,
Fuairidh mi an deoch theth:
Neach nach toir dhòmhs am bonnach,
Cuiridh mi an caolan aig’ a-mach an fhàirleas.”
 
Tha mi an dòchas gum bi Nollaig chridheil, saor-làithean sònraichte agus Bliadhna mhath ùir leibh uile!
 
  1. – Sneachda
  2. – Clachan-meallain
  3. – Na ràithean
  4. – An deigh
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo