- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mìosachan nan Gàidheal: An t-Earrach (Pàirt 1)
Air a sgrìobhadh le Calum air 1mh An Gearran, 2021
Beannachadh an Earraich oirbh! Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile cho sona ri smeòrach agus deiseil airson an Earraich is a tha mi fhìn. Mar a thug sinn sùil air fèilltean, làithean naomha agus còmharraidhean aimsire – no caochlaidhean aimsire – ann an saoghal nan Gàidheal anns na brath-bhlogaichean roimhe seo (“Mìosachan nan Gàidheal: An Geamhradh (Pàirt 1)”) bheir sinn sùil air orra a bhios againn san Earraich, a’ tòiseachadh leis a’ chiadamh mhìos den Earrach: An Gearran.A’ Chiad Mhìos den Earrach/An Gearran/Mìos Crochadh nan Cliabh/Mìos Mharbh/Yn-Chied Vee jeh’n Arragh
01/02 –Là Fhéill Brìdge (Earrach)/Laa’l Breeshey/Imbolc
Ged gun cleachd sinn “Am Faoilleach” airson na mìosa “January” ’s ann mu mheadhan na mìosa a thòisicheas am Faoilleach, a ruitheas gu meadhan a’ Ghearrain. Tha sin soilleir anns an fhacal “Na Faoilich” a th’ againn air DASG. ’S e gaoth fhuar a mhaireas eadar an Fhaoilleach agus an Gearran a tha “Na Faoilich.” Tha “fuaradh froise” againn mar an ceudna mun aon tìm.
Tha iomadh abairt agus gnàthas-cainnt againn ceangailte ri Là Fèill Brìdge, a’ chiadamh là den Ghearran. Tha aimsir an là seo air a dearbhadh anns an abairt –
“Nead air Brìde, Ubh air Inid, ’S mur bi sin aig an fhitheach Bithidh am bàs.”
Anns an abairt seo ’s e an dùil a th’ ann gun nochd an Inid air a’ cheathramh là deug. Tha abairt eile coltach ris; “Ugh air inid ’s eun air Càsg, mur bidh sin aig an fhitheach bidh am bàs.”
Tha an t-abairt “Suipeir soillse latha latha Fhèill Brìde, ’s dinneir soillse latha latha Fhèill Pàdruig” a’ sealltainn sìneadh nan uair-soillse eadar an dà là às dèidh “Là nan Trì Suipearan."
Tha Là Fhèill Brìde air a chòmharrachadh le cleachdaidhean innteanach mar an ceuda; anns na làithean sa chaidh dhèanadh na boireannaich leabaidh le geugan beithe leis an ainm “leaba bharraich” agus gun cante “Brìde, Brìde thig a-staigh, tha do leaba dèante” air Naomh Brìde fhèin ri cur seachad an oidhche leotha. Tha an aon dualchas aca air Manainn cuideachd, far an canar “Brede, Brede, tar gys my thie, tar dysthie ayms noght. Foshil jee an dorrys da Brede, as lhieg da Brede cheet stiagh,” air Oidhche Fhèill Brìde (“Oie’l Breeshey.”)
Seo liosta dhuibh de abairtean agus gnàthasan-cainnt eile a tha aca air Manainn mu Là Fhèill Brìde:
- “Laa’l Breeshey bane, Dy chooiley yeeig lane.” [“Bridget’s Feast-day white, every ditch full.”]
- “Choud as hig y skell ny-gah-ghreinney stiagh Laa’l Breeshey, hig y sniaghtey roish Laa Boayldyn.” [“As long as the sunbeam comes in on Bridget’s Feast-day, the snow comes before May Day.”]
Canar “Laa’l Moirrey ny Gianle, Lhie foddyr as lhieh traagh” [“Mary’s Feast-day of the Candle, half straw and half hay.”] air Manainn mu aimsir a bhios sinn an dùil fhaighinn air an là fhèin.
03/02 – Là a’ Chuilein.
06/02 – Periwinkle Day/St Dorothy’s Day – Tha seo air a chòmharrachadh air Manainn far an toirtear crodh, caoraich agus sprèidh ri creic air an tràigh, leis an ainm “Pooyl-Vaaish,” aig an aon àm a chreicear na faochagan!
15/02 – Oidhche Inid/Oie Ynnyd (Am-bliadhna) - Bidh oidhche Inid againn am-bliadhna air a’ chòigeamh là deug.
Tha iomraidhean ann gun gabhar “Sollaghan” ann am Manainn anns a’ mhadainn, le crambagan agus feòil san fheasgar. A bharrachd air sin tha “Bonnach sùith, Bonnach Inid” air a dhèanamh a rèir coltais agus tha e gu math còltach ri cleachdadh a th’ aca air Manainn le “Soddag Valloo.”
16/02 – Bidh an Inid, Dimairt na h-Inide, againn air t-siathamh là dheug am-bliadhna. Tha e air a ràdh gur e “A’ chiad Di-màirt den t-solas earraich” a th’ ann an Di-màirt seo.
Tha “Inid Bheadaidh” ["shameless Shrovetide"] air a chantainn mar an ceudna air sgàth ’s gun còmraichear là na h-Inide ro Oidhche na h-Inide: “An Inid bheadaidh, thig an latha roimh’ ’n oidhche.”
Canar “Seachd seachdainean geàrr goirid Eadar Inid is Càisg” airson sealltainn àm a’ Charghuis romhainn. Mar is soilleir dhuinn atharraichidh an aimsir tron àma seo agus tha seo air a thaisbeanadh anns an abairt seo:
“Thuirt an Inid ris a’ Chàisg, ‘Càit am faigh mi àite cluich?’
‘Thoir thusa dhòmhsa pàilliun geamhraidh ’S togaidh mi taigh samhraidh dhuit.’”
Tha abairt coltach aca air Manainn mar an ceudna mun latha seo –
“Ec shibber Oie Ynnyd my vees dty volg lane; My jig Laa Caisht yiow traisht son shen.”
[“At Shrove-Tuesday supper if thy belly be full; Before Easter-Day thou mayest fast (hunger) for that.”]
17/02 – Di-ciadain na Luaithre – Bidh Diciadain na Luatha againn air an t-seachdamh là deug am-bliadhna, a’ tòiseachadh a’ Chàrghuis mar an ceudna.
24/02 – Laa’l-noo Mian.
Leanaidh sinn oirnn le pàirt a dhà an ath-sheachdain. Feumaidh gu bheil làithean agus fèiltean nach do dh’ainmich mi ach a bheil là naomh no fèill air a bheil sibh eòlach nach do dh’ainmich mi? Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo