- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seanchas a' Choilich (2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 18mh an t-Ògmhios, 2020
““Gog-a-ghuidhe-ghaoidhe!” Mar a dh’fhogras an coileach an latha roimhe, a’ cur fàilte air an latha, bu mhath leam ur fàilteachadh air ais dhan dàrna leth a’ bhloga seo! Tha sinn a’ leantainn oirnn le seanchas a’ choilich le gnàthasan-cainnt nar corpus fhèin agus leabhraichean eile.Anns an leabhar “The Gaelic Otherworld” le Iain MacGhriogair Caimbeul tha clàr ann a’ moladh a’ choilich: “Is e sin coileach-tighe, dubh ’san dath, agus a thugadh a mach am mìos a’ Mhàirt. Cha ’n ’eil coileach eile a ghlaodhas cho fìor. Goiridh e ’s a’ mhionaid a thionndaidheas an oidhche gu là,” agus gu sìmplidh “Coileach dubh a’ Mhàirt, Coileach is fìre ’tha.” Tha sgeulachd ann gun deach màthair a ghoid leis na sìthichean agus dh’fhalbh a duine gus a lorg. Fhuair e fios gum b’ urrainear a lorg ann an tom, a bha na shìthein, agus dh’fhalbh e na bhroinn le “coileach dubh màirt” agus pìos “cruaidh” (stàilinn). Mu beul an latha thòisich an coileach ri gairm agus thòisicheadh sireadh air a shon. Nuair a chaidh a lorg, le cruaidh agus coileach, bha ceud aige ri tilleadh leis a bhean.
Nuair a ghairmeas an coileach ro meadhan na h-oidhche bhiodh sin na rabhadh de naidheachd ri tighinn, ma bhiodh a casan teth ’s e naidheachd math a bhios agaibh ach nan robh a chasan fuar thigeadh am bàs gu cuideigin faisg oirbh. ’S ann air àird a chinn a bhios àird an naidheachd ri tighinn mar an ceudna.
Ann an cuid sgìrean, gus tinneas an tuiteamais a shlànachadh, chuireadh coileach beò san talamh agus clacdhte! Tha seo air a chlàradh ann an “Life in the Highlands and Island of Scotland” le Cailean MacDhòmhnall.
Tha an coileach air leth cudromach ann an saoghal nan Gàidheal mar an ceudna ann an dòighean eadar-dhealaichte, mar eisimpleir canar gu bheil a’ mhuir “a’ gabhail coilich” le sruth builgeanach agus glogach air bàrr nan tonn, leis na “cìrean” ri fhaicinn air am mullach. Tha “coileach an t-sruth” ann an leabhar Urramach Ailean Dòmhnallach, “Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay” a’ ciallachadh “eddy” ann an sruth.
Tha “Coileach an teas” air a ràdh airson “na diobardan” agus “na luinn”, le cìrean do-fhaicinn a’ rèagail san adhar.
Canar “Tha a h-uile coileach làidir air a dhùnan fhèin” anns an aon dòigh a chanar “Tha an cù dubh air ’òtrach fhèin,” ach tha e fad nas coltaiche ris an t-seanfhacal a leugh mi ann am Beurla Ghallda; “The Cock is crouse o’ his midden!”
Ma tha “Cuir coileach air do ghuth” air èigheamh oirbh tha sin a’ mìneachadh gum bu chòir dhuibh a bhruidhinn nas àirde!
Tha “Coilleach dubh” air a chleachdadh mar ghnàth-cainnt a mhìneachadh nach eil “lorg” de nitheigin, no cuideigin, air fhàgail tuilleadh nas motha air sàilleibh ’s gu bheil e no i fograichte leis a’ choileach dhubh. Dh’fhaodar a chleachdadh mar gu bheil nitheigin claoidhte no caithte mar an ceudna.
Tha “Coileach gaoithe” air a chleachdadh air bàrr an taighe gus àird na gaoithe a thomhais ach cha mìnich “Coileach-gaoitheadh” an aon nì, tha am facal a’ ciallachadh “madadh-greine,” “suidheag” no “a’ ghrian ’na trì” (“Sundog”).
Chanadh “Tha na h-amsain dol don mhonadh agus na coilich dhubha dol don chuan” le iasgaire Ìleach nuair a chunnaic e tuathanaich air bàta a cheannachadh a’ dol dhan mhuir. Canar an gnàth-cainnt seo nuair a ghabhas neach mì-chomasach agus mì-theòma an sàs ann an gnìomh air nach eil iad eòlach agus cha dàicheil dhaibh a shoirbheachadh.
Ann an sgìre Mhuintir Luimhnigh, ann an Contaigh Fear nam Managh, ann an Gàidhlig na h-Èireann, tha an gnàth-cainnt “Is olc an coileach nach fiú a bhrot ól” a’ mìneachadh gum bu chòirear an giùlan gu còir air sgàth ’s gun tig an latha nuair nach tèid e math leotha agus bidh aca ri dèiligeadh ris na buil.
Tha pàilt ri sgrìobhadh mun choilich ’s gu bheil e duilich a sgrìobhadh a h-uile nì ma dheidhinn anns a’ bhloga seo ach bidh cothrom agaibh ur n-eòlas a sgrìobhadh thugainn! A bheil sgeul no fios agaibhse mu fhaclan is abairtean a’ choilich? A bheil sibh fhèin eòlach air fear de na faclan os cionn? Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo