- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seanchas a' Choilich
Air a sgrìobhadh le Calum air 11mh an t-Ògmhios, 2020
Tha iomadh eun sònraichte ann an seanchas nan Gàidheal, mar eisimpleir an dreathan-donn (Rìgh nan Eun), an t-iolaire, a’ Chomhachag, a’ Chuthag, am Brù-dhearg mar sin air adhart, ach chan eil eun cho sònraichte ris a’ Choileach.Bho linne Oisein tha àl air a bhith aig na Gàidheil agus mar sin tha coilich air a bhith againn agus tha e air a bhith gu math cudromach dhuinn ann an iomadh dhòigh. Tha an coileach math airson bìdh, mar is soilleir e dhuibh, agus anns an t-seannfhacal, às an leabhar “Campbell Collection of Gaelic Proverbs and Sayings”, (206) “Ceum coise coilich air an latha, Latha Nollaige” agus “Lath cois-cheum Coillich” tha e math airson amannan na bliadhna a thomhais. Tha na h-abairtean os cionn a’ ciallachadh sìneadh an latha bhon an latha as giorra air adhart, sean latha na Nollaige no latha na bliadhna ùire.
Tha an seanfhacal (382) “Coileach a’ Mhàirt, bidh e ’na thràthadair daonnan” a’ sealltainn feum a’ choilich a bhith a’ dùsgadh dhaoine a’ bhaile leis a ghairm. Bha a ghairm feumail airson droch spioradan, na sìthichean agus iomairtean agus gnìomhan an diobhail fhèin fhògradh. Tha so soilleir leis an t-seanfhacal (554) “Is binn uiseag ’sa chamhanaich, ach is binne coileach mu mheadhon oidhche” a’ sealtainn a bhuadh, ’fheart agus a dhìonadh. Ann an “Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay,” leis an Urramach Ailean Dòmhnallach, tha an aon mìneachadh aige gun robh an coileach dubh a’ Mhàirt nas sealbhaiche na coileach a ghuir an fhoghar, leis an ainm “Gogan foghair.” Cha robh “Coileach Ruadh an Fhàis” cho sealbhach ged-thà a-rèir coltais. Tha iomadh fhar-ainm air a shon, a’ sealtainn a bhuadhan: “Fear-coimhid na h-ùrnaigh, Fear-dìon nam baoth, Fear-dùsgaidh nan creidmheach, Fear-dùsgaidh nan naomh, Fear-faire, Fear-faire na h-oidhche, Fear-faire nan tràth, Fear-seannsaidh na maidne.”
Tha buadh a’ choilich ainmeil ann an seanchas na h-Èireann mar an ceudna; anns an leabhar “Irish Superstitions”, le Dáithí Ó hÓgáin, dh’fhogradh an coileach dubh leis a ghoireil spioradan olca agus nan guireadh an coileach anns a’ Mhàirt bhiodh ’fheartan nas làidire na càch (’s e sin an t-adhbhar ri “Coileach a’ Mhàirt” a mholadh). Cha bhiodh an coileach bàn air a mholadh ged-thà air sgàth ’s gun robh mì-shealbh ceangailte ris. Tha sgeul ann gun do cheannaich maraiche coileach dubh o thuathanas faisg air a’ chladach agus cho luath ’s a bha an coileach air a thoirt on taigh bhuail beò-bheithir an taigh! Anns an leabhar “The Otherworld: Music & Song from Irish Tradition”, le Comhairle Bhéaloideas Éireann, tha iomradh ann à siorrachd Chiarraí nach rachadh duine sam bith a-mach air cuairt gus an do ghoireadh an coileach, mu leth uair an dèidh dà uair sa mhadainn. Chreideadh gum falbhadh na sìthichean às dèidh a ghoireil agus gum biodh e sàbhailte cuairt a ghabhail an uair sin (d. 105).
Tha an iomhaigh seo air a shealltainn anns an òran “Tá an Coileach ag fogairt an lae” ann an Gàidhlig na h-Eireann, leis a’ choileach “a’ fogairt” an latha ach tha e nas coltaiche gu bheil e a’ fògairt na h-oidhche agus na uilebheistean agus deamhain an sàs leatha:
“Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá an mhuc ag an doras
A d’iarraidh é oscailt
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá ’n chearc is a hál
Ina gcodladh go sámh
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá bó na leath-adhairce
’Tál bhainne do’n teaghlach
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae
Tá an ghealach ’na lui
Is an ghrian ag éirí
Tá ’n coileach a’ fógairt an lae.”
Air sgàth ’s gu bheil an uiread de sheanchas, seanfhaclan agus abairtean ceangailte ris a’ choileach leanaidh sinn oirnn le bàrrachd dhiubh an ath-sheachdain. A bheil sgeul no fios agaibhse mu fhaclan is abairtean a’ choilich? A bheil sibh fhèin eòlach air fear de na faclan os cionn? Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo