- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Là Màrtainn Builg
Air a sgrìobhadh le Calum air 16mh an t-Iuchair, 2020
Mar a bhios fios aig feadhainn dhibh mar-thà b’ e Là Màrtainn Builg [St. Swithin’s Day] a bh’ ann an-dè agus ’s e là cudromach do na Gàidheil a th’ ann. ’S ged nach eil an naomh seo cho sònraichte do na Gàidheil mar naoimh Bhrìde, Naomh Calum Cille no Moire fhèin ’s e naomh ainmeil a th’ ann agus tha a bhuaidh agus a dhìleab chlùiteach air a chomharrachadh leis na Gàidheil sna làithean an-diugh.Tha mòran sgrìobhte agus clàraichte le Iain MacGhriogair Caimbeil na leabhar “The Gaelic Otherworld” mun là àraidh seo. Chuimhneachadh an là nuair a rachadh creatlach Naoimh Mhàrtainn, anns a’ bhliadhna 397 A.C., easpaig Thours, “abstol nan Gàidheal”, a dh’ath-thiodhlacadh anns a’ chathair-eaglais ann an Tours, an Fhraing. Canaidh feadhainn dhaoine “St. Martin of the Bullion” ris an là seo agus air sgàth adbhar air choireigin tha sinn air an ainm “Là Mhàrtain Builg” a chur ri “St. Swithin’s day”. Feumaidh gun robh là eile anns an Iuchair a chuimhneachadh “Màrtainn Builg” seach Naomh Swithin ach chaidh am measgachadh gu bhith naaon là air sgàth ’s gu bheil iad faisg air a chèile.
Tha an latha àraidh airson caochladh na h-aimsire a chlàradh, ann an leabhar Chaimbeil tha an abairt “Ma bheir am fiadh a cheann tioram gus an laigh a’ ghrian air Latha Màrtainn Builg, bidh am foghar tioram,” ann. Tha mìneachadh eile aig Caimbeil ag ràdh nan èireadh am fiadh tioram agus nan laigheadh e tioram mar an ceudna anns a’ mhadainn agus san fheasgar bhiodh teamhair thioram ann gu ruige a’ bhuain.
Bha “Là-Màirtean-Builg” ri lorg ann an “Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay,” leis an Athair Urramach Ailean Dòmhnallach agus tha beagan de mhàirnealachd againn mun là àraidh seo, tha an seanfhacal seo ri lorg le Radio nan Gàidheal às a’ prògram “Facal Oirbh”:
“Latha Mhàrtainn Builg tioram
Sia seachdainean tioram
Latha Mhàrtainn Builg fliuch
Sia seachdainean de thuil”.
Mar sin, ged nach robh an t-uisge ann gu buileach far an robh mi fhìn, ann an Glaschu, bha bùrn mìn ann, mar sin is dàicheil gum aimsir fhrasach againn airson sia seachdainean! Bha mi den bheachd gun robh foghar frasach againn an-uiridh, feumaidh gun robh an t-uisge ann Là Mhàrtainn Builg an-uiridh cuideachd!
Tha mi air dithis sheanfhacal eile air tighinn o Dheo-greine, earrann 10, ag aithris mu staid na h-aimsire mu àm na bliadhna seo:
“Iuchair bruthainneach, blath
Bheir e mach toradh is fàs.”
“Fochann Cèitein
Is buan Lunastail,
Chumadh iad a’ ghort
Riamh à Albainn.”
’S e seanfhacal làidir a th’ ann, ag aithneachadh cudrom agus feum a’ Ghàidheil air aimsir mhath a bhiodh eisimealach air toradh aimsir Là Mhàrtainn Builg.
Fhuair mi an smuain an là seo a chomharrachadh ann am foillseachadh bho Sgrìbhisg agus tha mi airson an ainmeachadh airson na h-obrach a th’ aca. Mar sin, nach toir sibh sùil air na duilleagan aca!
A bheil sgeul no fios agaibhse mu na faclan is abairtean fos cionn? A bheil abairt no seanfhacal agaibhse fhèin mun là àraidh? Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo