Gàidhlig / English
Gairmean do Bheathaichean

Gairmean do Bheathaichean

Air a sgrìobhadh le Calum air 6mh An Giblean, 2023
Thigibh! Èistibh! Thallaibh (mas àill leibh)! Tha iomadh dhòigh ann gus neach a thàladh thugaibh agus chan eil sin eadar-dhealaichte le beathaichean eile, ach dè a ghabhas a ràdh gus beathaichean a thàladh, no beathaichean eadar-dhealaichte a thàladh fa-near? Bidh am brath-bhloga seo eadar-dhealaichte seo bhon fheadhainn eile ach bheir sinn sùil air gàirmean do bheathaichean à sgìrean eadar-dhealaichte.

Cù:
  • Cuilidh (Gleann Lìomhain).
  • Gos (Ìle).
  • Iosg – Canar “Iosg” airson crodh a shaodachadh leis a’ chù. Tha am facal air a thighinn bho na gairmean “Isk, iskie, hiskie, hiss” ann am beurla.
  • Thirr, thir thad – Canar an leithid los cù fuiteachadh ri crodh a shaodachadh. Tha am facal air leth coltach ri “Hirr” ann an Cuimris.
Tha “Bios, bios thad, Ios, ios thad” ann airson beathach sam bith a thàladh.
Airson cù a chur na thost canar na leanas:
  • Drois (Arainn).
  • Tiuth (Arainn).
Caoraich:
  • Cioraidh (Garradh na Mòna, Uibhist a Deas).
  • Cire (Am Baile Mòr, Canada).
  • Ciridh (Arainn).
  • Ciridh, Ciora (Crabhlasta, Leòdhas).
Cat: Cearc: Crodh:
  • Husgus (Cataibh).
  • Pruch (Gleann Urchadan).
  • Prì-lo/prìd-bheag (Ìle).
  • Pruidh (Siorrachd Pheairt, Earra-Ghàidheail a Tuath, Muile).
  • Pruidh-dhé (Bàideanach, Earra-Ghàidheail a Tuath).
  • Pruidh-dhè bheag (Muile).
  • Pruidh-so (Ìle).
  • Pruigean (Ros an Iar).
  • Pruis/pruisidh (Arainn).
  • Pruis-o/pruis-so (Muile).
  • Trobhad, siugan, siugan beag (Ùig, Leòdhas).
  • Thuirlidh/thuirlidh mhìneig – Tha an gairm seo air a thighinn bho “Hurly hawkie” (Arainn)
  • Tu-rui (Ros an Iar).
Tha e inntinneach ri lorg gu bheil “Tairis, teiris, teirid” air an cleachdadh le banachaig gus bò a shocrachadh ach tha “Taorais” air a chleachdadh ann an Camus Chroise, An t-Eilean Sgitheanach, gus bò a stadadh.

Each:
  • Huistir (An t-Eilean Sgitheannach).
  • Huistir(e).
  • Prog (Earrad-Ghàidheal a Tuath).
  • Progaidh (Bàideanach, Siorrachd Pheairt, Earra-Ghàidheil a Tuath) – Tha daoine den bheachd gu bheil am facal gu math coltach ri “Approchez” ann an Fhraingis. Ma dh’fhaoidte gun d’ thàinig am facal Gàidhealach bhon Fhraingis?
  • Pru-siuch (Ros an Iar).
  • Pruis-ò (Ìle).
  • Siuc.
Sin againn e airson a’ chiadamh phàirt den bhrath-bhloga seo. Tillidh sinn le pàirt a dhà an ath-sheachdain. Mas aithne dhuibh gairm sam bith fos cionn, no gu bheil gairmean eile agaibh, leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo