- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Flùr na Cuthaig
Air a sgrìobhadh le Calum air 11mh An Cèitean, 2023
“Thig an smeòrach as t-Earrach, Thig a’ chuthag sa Chèitein”: an loidhne ainmeil, agus fìor, ach tha flùr aig a’ chuthag agus thig i mus tig a’ chuthaig: ’s e “Flùr na Cuthaig” (Cardamine pratensis) an t-ainm a th’ air.Tha grunn ainmean eadar-dhealaichte airson Flùr na Cuthaig: Biolair-ghriagain, Spòg na Cuthaige; Smùgaid na Cuthaig; agus Gleòrann. Tha iomradh ann gun do chuir daoine Cholbhasach an t-ainm “Peabar-uisge” a rèir aithris a rinneadh ann an 1909.
Chualas gu bheil e math airson an “Tachas-Tioram” fhògradh agus gu bheil i math airson an tinneis-thuiteamaich.
Thig Flùr na Cuthaig aig tòiseach an Earraich, le piseach air an aimsir. Fàsaidh e ann am monaidhean agus gormain fliuch. Cho luath ’s a thig a’ chuthag falbhaidh i agus a flùr mar an ceudna, cha bhith i ach cuide ruinn treis mus tèid i leis a’ chuthaig. Leis a teachd-agus-falbh luath canar gu bheil ceangail os-nàdarra ann leis: Canar gu bheil e air leth mì-shealbhach nan toirtear e taobh a-staigh taigh leis gu bheil e naomh dha na “Daoine-matha”. Mar sin cha tèid a chleachadh ann am peadaran agus lus-chrùin.
An aithne dhuibh am flùr seo? A bheil ainm no eòlas eile agaibh airson an fhlùir seo? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo