- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Na Fir-Chlis
Air a sgrìobhadh le Calum air 18mh an Dùbhlachd, 2020
Chan eil ni cho draoidhteach no sgiamhach ri fhaicinn ann an nàdar mar Na Fir-Chlis (“Aurora Borealis” ann an Laideann) – no “Na Fir Chlisnidh” ann an Ìle agus “Na Fir Chlisne” ann an Uibhist a Deas. Tha an aon t-ainm aca ann an Dùthaich MhicAoidh agus Machair Chat na tha aca anns a’ Ghalldachd: “Na Dannsairean” (no na “Merry Dancers.”) Chitheadh Na Fir-Chlis far leis na dùthchanan gu leth tuath, agus gu leth deas a rèir coltais (leis an “Aurora Australis,”) air feadh na cruinne, gu h-àraidh air Lochlann. Tha Na Fir-Chlis air a bheil dìreach cho cudromach ann an seanchas nan Gàidheal na tha iad air a bhith ann an Seanchas nan Lochlannach no Tùsanaich air feadh an t-saoghail agus bheir sinn sùil air feadhainn dhuibh anns a’ bhrath-bhloga seo.Tha an t-ainm, ann an Laideann, air a thighinn on Bhan-Dhia Ghreigeach “Aurora”, a shiubhlas o àird an ear gu àird an iar ag aithris teachd na grèine ris a brathair agus piuthar, Helios, Dia na Grèine, agus Selene, Ban-Dhia na Gealaiche.
Ann an seanchas nan Gàidheal smaoinicheadh le feadhainn gur e aingealan air am fuadachadh o nèamh a th’ anns na Fir-Chlis agus na sìthichean. Anns an leabhar “The Gaelic Otherworld” leis an Urramach Iain MacGriogair Chaimbeul, tha iomradh ann gun do chuala an t-Urramach Ailean Dòmhnallach gun deach aingealan nach do ghabh pàirt idir ann an àr-a-mach nan aingeal air nèamh fhuadachadh don tàlamh, a bhith nan sìthichean, gus am beathaichean a choileanadh air tìr gus an toir Dia maitheanas dhaibhse. Ann an iomradh eile dh’aithriseadh le Dia ris na h-aingealan ri sguir le sabaid agus thuiteadh feadhainn dhuibh dhan tàlamh agus dh’atharraich iad ann an riochd shìthichean, thuiteadh feadhainn dhuibh gu na creigean agus dh’atharraich iad a bhith am mac-talla agus dh’fhan feadhainn dhuibh san adhar agus dh’atharraich iad gu bhith na Fir-Chlis. Tha iomradh eile ann gum bi na Fir-Chlis a’ corraid le chèile agus nuair a leigeas fear dhiubh am fuil tuitidh i dhan tàlamh gu bhith nan clachan daithte leis an ainm “Fuil Sìochaire.” ’S e an aon sgeul againn ann an “Not an orchid...,” le Ùisdean Dan MacIlleEathain, ag ràdh gun robh na gus “Fir Gorma a’ Chuain” nan
aingealan air an tuiteam o nèamh.
Ann an seanchas nan Lochlannach bhathar den bheachd gur e gleansadh lùirich nam “Valkyrie” fhad ’s a bha iad a’ togail Laoich gu Valhalla. Bha feadhainn eile den bharail gum b’e anail nan laoch treuna a bh’ ann a theirig ann an cathaichean, no gum b’ e an Drochaid “Bifrost” fhèin, an drochaid a shiubhladh na laoich treuna air an rathad gu Valhalla. Anns an Nirribhidh tha smuain ann gur e anaman sheann mhaighdinnean a’ siubhal gu Nèamh, a’ smèideadh an làimhean ris an dìlsean agus càirdean, a bha Na Fir Chlis. Ann an Innis Tìle, tha daoine den bheachd gun toir Na Fir-Chlis cobhair do mnathan a’ fulaing le pian bhreith. Ach, molar air mnathan throma na a choimhead gu dìreach air Na Fir-Chlis air neo gum biodh an clann claon-shùileach.
Tha e eadar-dhealaichte ann an seanchas nan Sámi ged-thà, tha na Sámi den bharail gur e droch mhanadh a th’ ann Na Fir-Chlis. A bharrachd air sin, cha bu chòirear a bhruidhinn mu nam fear clis. Tha e cunnartach ri feadaireachd no seinn fon nam fear clis air sgàth ’s gun leigear fios dhaibh far a bheil sibh agus nan lorgadh iad sibh thogadh iad sibh a chun nam speur leotha! Tha feadhainn den bheachd gun toir Na Fir Chlis ur cinn dhiubh nam faigh iad greim oirbh! Mar sin, ’s fheàirrde dhuibh ri fuireach aig an taigh nuair a bhios Na Fir-Chlis a-miugh. Ann an Suòmaidh tha an t-ainm “Revontulet,” a’ mìneachadh “Sionnach teine” ann air an son. Tha sgeul àlainn ann gun d’ chruthaich am Madadh Ruadh “Na Fir-Chlis”, a’ ruith tron nam speur, leis an earballan a’ bruiseadh le mullach nam beann, a’ cruthachadh sradagan san adhar. Creididh feadhainn eile gun do sguab earballan nan sionnach teine na brìdeagan an-àird san adhar a ghlac solas na gealaiche agus a chruthaich nam fear clis. Tha cuimhne agam nuair a chuala mi mu seo chuir e cuimhne ormsa gu bheil “Teine-Sionnachain,” no “Teine Sionachain,” againn ann an Alba agus gun robh e inntinneach gun robh an t-aon ìomhaigh againn a dh’aindheoin ar dualchasan eadar-dhealaichte!
Ann an Graonlann tha e eadar-dhealaichte bho an Nirribhidh air sgàth ’s gur e spioradan cloinne a chailleadh aig àm a’ bhreith a’ dannsadh sna speuran seach anaman mhaighdinnean. [Airson tuilleadh fios mu Na Fir-Chlis nach toir sibh sùil air na duilleagan “Hartigruten” an seo, “EwebTribe” an seo, “CulturallyOurs” an seo, “TabithaBear” an seo, “Lapland.fi” an seo agus “NatHub” an seo m.s.a.a.]
Bha, agus tha, na Fir-Chlis nan còmharra den t-sìde ri tighinn, ann am “Màirnealachd,” cluinnear e anns a’ phrògram “Dealan-Dè” air Tobar an Dualchais.
A bharrachd air seanchas tha na Fir-Chlis air mac-meanmna nan Gàidheal a ghlacadh mar an ceudna; ann an sgrìobhaidhean Rob Donn MacAoidh tha an t-abairt “Cho luath ris na Fir-Chlis” ri fhaicinn. Nuair nach robh briathrachas stèidhichte againn airson bheairtean ùra sa Ghàidhlig agus bha daoine air “Radio” fhaighinn airson a’ chiad thurais ach cha robh facal Gàidhealach againn air a shon. Chante, agus canar san latha an-diugh, “Rèidio” ris ach chante “Bocsa Fhir-Chlis” mar an ceudna, a’ sealltainn mac-meanmna nan Gàidheal a’ smuaineachadh gun robh Fir-Chlis a’ dannsadh agus a’ seatadh anns a’ bhocsa agus mar sin ’s e sin an t-adhbhar is gun robh fuaim agus ceòl a’ tighinn às!
Chan eil mi air gach seanchas a th’ ann air na Fir-Chlis a shealltainn dhuibh ach mholainn oirbh ri leughadh man deidhinn air sgàth ’s gu bheil mòran sheanchas inntinneach, fad is farsaing, ann man deidhinn a chòrdadh riubh. A bheil seanchas agaibhse mu na Fir-Chlis? A bheil sibh air cluinntinn mu na tha againn fos cionn cheana? Nach leig sibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo