Gàidhlig / English
An Dreathan-donn (2)

An Dreathan-donn (2)

Air a sgrìobhadh le Calum air 16mh an Cèitean 2019
Tha port air a’ sgrìobhadh mu dheidhinn an dreathan-duinn, “Bàs an Dreathan-duinn” airson ceòl na pìoba. Tha smuain agam gu bheil am port ceangailte ri Latha an Dreathan-duinn (Lá an Dreoilín ann an Gàidhlig na h-Èirinn) air an Eilean Mhanainn, nuair an sealg muinntir an eilein an dreathan-donn air Là Fhèill’ Steafain (26mh là den Dhubhlachd), Laa’l Steaoin ann an Gàidhlig an Eilein Mhanainn. Anns an sgeul, a thachair là o làithean air ais, bha banrigh nan sìth, Tehi Tegi, a’ dol mun cuairt an eilein agus bha ortha orra a bha a’ toirt air fireannaich an eilein a bhith ann an gaol rithe, ga leantainn le dùil a pòsadh. Leis a seo thòisich na croitean agus bàrr na talmhainn ri dol a dholaidh agus cha robh sin a’ còrdadh ri boireannaich an eilein na bu mhotha! Mar a thachair dha lean Tehi Tegi fireannaich an eilein gus an do lean i iad chun na mara far an do theirig iad gu mì-shealbhach. Às dèidh seo chuir na boireannaich agus feadhainn eile a bha air fhàgail rompa grèim fhaighinn orra gus ga chur gu bàs. Ruith agus shealg iad às a dèidh ach theich Tehi tegi ann an cruth an dreathan-duinn. Ged a theich i gu sàbhailte bho muinntir an eilein chaidh a fògradh bhon Eilean Mhanainn tuilleadh nas motha ach bidh cothrom aice tilleadh chun eilein ann an cruth an dreathan-duinn fear latha gach bliadhna: ’S ann air Latha an Dreathan-duinn ’s a tha seo. Seo dhiubh criomag den òran “Helg yn Dreain” bhon leabhar-cruinneachaidh “Manx Ballads and Music” le A. W. Moore:

“Yn dreain, yn dreain, ree eeanllee ooilley,
Ta shin er tayrtyn, Laa’l Steoain, ’sy connee;
Ga te’h beg, ta e cleinney ymmoddee,
Ta mee guee oo, ven vie, chur bine dooin dy iu”
(Tha am fonn, agus fuinn eile de òrain agus puirt ceangailte ris an dreathan-donn anns a’ bhideo seo.)
               
Tha leabhar air leth inntinneach agam “Irish Proverbs in Irish and English” le Gabriel Rosenstock agus tha e air seanfhacal no dhà a chlàradh air an dreathan-donn. Bidh mi fhìn ag ràdh “Is leor don dreoilín a nead” (Is gu leòr dhan dreòlan a nead) nuair a tha mi a’ bruidhinn air flataichean beag bìdeach ann an Glaschu. Tha an t-seanfhacal “Sin méadú ort! Arsa as dreoilín nuair a rinne sé a mhún san fharraige” (Sin meud ort! Ars an dreathan-donn nuair a rinn e mùin sa’ mhuir) air a chlàradh far an theirte seo nuair a bha cuidiegin a’ feuchainn ri cuideachadh ach cha do rinn iad feum no cuideachd mòr. Theireadh seo ri cuideigin a tha a’ sleachdaireachd ann an sgioba.
               
Tha mi an dòchas gun robh an seòrsa bhloga seo inntinneach dhiubh. Leigibh fios thugainn ma tha dad eile agaibh air an dreathan-donn air Facebook agus Twitter.
 
DASG: https://dasg.ac.uk/en
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo