- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
An Dàmhair: Faclan Ràitheil ceangailte ris na Fèidh
Air a sgrìobhadh le Calum air 15mh An Damhair, 2020
Tha an Dàmhair air teannadh oirnn agus cha mhòr nach eil nithein air slaodachadh rud beag mus tig crìoch an fhoghair, ach tha cùisean dìreach air an sìneadh airson na fèidh, no na h-àbhaich. Chan e co-thuiteamas a th’ ann gur e an “Damh[-fiadh]”-air a th’ann airson na mìosa seo.Tha teamhair na bliadhna seo air a chòmharrachadh ann am bàrdachd le iomadh bhàrd, le “Moladh Beinn Dòbhrain” le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, na dheagh eisimpleir. Tha iomraidhean dha na fèidh anns a’ Phìobaireachd seo anns an t-Siubhal, An Dàrna Ùrlar, agus an Crùnluath. Seo dhuibh a’ chiadamh siubhal dheth:
“Tha ’n eilid bheag bhinneach
Bu ghuidhe sraonadh,
Le cuinnean geur, biorach
A’ sireadh na gaoithe:
Gasganach speireach
Feadh chreachainn na beinne,
Le eagal ro theine
Cha teirinn i h-aonach;
Ged thèid i na cabhaig
Cha ghearain i maothan.”
Tha an t-aon meas aig Mac an t-Saoir mar an ceudna anns ’òran “Cumha Choire a’ Cheathaich” a thaobh a mheas air nàdar a’ choire agus na fèidh na làthair:
“ – Bidh an coire mar a bha e
Bidh laoigh is aighean dàra ann,
Bidh daimh a’ dol san dàmhair
Air fàsach nam beann.
Bidh buic ’sna badan blàtha,
Ma bric ’san abhainn làimh riu,
Is na fèidh air Srath na Làirce
Ag àrach nam mang....”
O chionn ghoirid bha mi anns an Eilean Sgitheanach agus leig mo charaidean rium toidhe a thoirt ris na Daimh a’ langanaich tro na h-oidhche, le srann cianail faramach. Tha mi air an claistinn iomadh thuras ach bu glè fhaisg a bha am fear mu dheireadh a chuala mi, cha mhòr nach robh cuideigin ann a’ tòiseachadh “motorbike” ri mo cheann! Ach cha bu fhada gus an do ghluais an damh-fiadh seo air adhart. Theagamh ’s gun do lorg e agh, no eilid!
Bidh na na Daimh ri bùireadh, anns a’ mhìos seo, far an cluinnear am bùirich. Thèid cabraichean nan damh-fiadh ri chèile agus feuchaidh gach fear buaidh fhaighinn air an nàmhaid agus còmhragach airson taoidhe nan agh a thogail. Tha deagh eisimpleir den leithid ann an “Òran na Comhachaig” le Dòmhnall Mac Fhionnlaigh nan Dàn:
“Nuair bhùireas damh Beinn Beige
’S a bheucas damh Beinn na Craige,
Freagraidh na daimh ud d’a chéile
’S thig féidh á Coire na Snaige.”
Às dèidh dhaibh a bhi a’ bùireadh bidh poll-bùirean, no poll-dàmhair, air fhàgail, a’ feuchainn far an deach an corraid air an tìr. Bhiodh aca a bhith faiceallach nan robh slat-chabar aca. Cha bhiodh Damh slat-chabrach gu mòran fheum anns a’ bhùireadh! (Theagamh ’s gum biodh fear dhuibh gu feum airson bochuill a dhèanamh ach cha creid mi gur e miann na fèidh sin idir, no a bhith nam breiche nas motha!) Lorgar faobhadach no dhà mu teamhair na bliadhna seo.
Dh’fheuch mi fhìn agus càraid beagan “stàcaireachd” (no “ag ianach” no “a’ liùgadh”) a dh’easbhuidh chuilbheart no gunna air greigh air a’ bheinn turas, le laogh no dhà nam measg. Theagamh ’s gum b’ e earbaichean no ruadhagan a bh’annta. Cha b’e ar rùn an ruagadh gu eillearaig, no eilrig, no an leithid ach bu spòrsail feuchainn ged-thà. Chuir sin cuimhne orm air crùnluath “Moladh Beinn Dòbhrain” aig Mac an t-Saoir a-rithist:
“Tha ’n eilid anns a’ ghleannan seo,
’S chan amadan gun eòlas
A leanadh i mur b’aithne dha
Tighinn farasta na còmhdhail:
Gu faiteach bhith na h-earalas
Tighinn ’m faisge dhi mun caraich i –
Gu faicilleach, glè earraigeach,
Mum fairich i ga còir e,
Gun glacadh e dha h-aindheoin i
Le h-anabarra seòltachd.”
Tha mi an dòchas gu bheil sibh a’ cumail “mar fhiadh na beinne” agus “cho fallain ri fiadh” gum mar sin a chum sibh tron fhoghair agus tron gheamhraidh mar an ceudna. A bheil faclan ràitheil eile agaibhse ceangailte leis na fèidh? Nach leig sibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo