- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Bòcan gu Tathasg: Faclan Ionadail airson 'Ghost'
Air a sgrìobhadh le Calum air 29mh an Dàmhair, 2020
Cha fada gus am bi Oidhche Shamhna romhainn agus bidh daoine ullaichte agus deònach sgeulachdan-taibhse agus sgeulaireachd rògach innse do an càirdean bochd uile. Chan eil duine sam bith nas dèidheile air sgeulaireachd rògach na na Gàidheil! ’S e àm cudromach a tha tòisich na Samhna ann an saoghal nan Gàidheal. ’S ann aig àm na Samhna is a tha an crìoch eadar an t-saoghail seo agus an saoghal os-nàdarra as laigse, agus mar sin thig iomadh spiorad, bòcan agus biast dhan t-saoghal seo o shaoghal eile. Tha mòran theamhair air feadh na bliadhna far an tig creutairean agus taibhsean dhan t-saoghal seo, mar “Oie Noo Markys” ann am Manainn, agus Bealltainn gu coitcheann. Cha toir sinn sùil air gach seòrsa thathasg agus an gnèithean, mar a’ bhean-nighe(an), ach bheir sinn sùil air an ainmean diubhraichte.Tha iomadh ainm againn ann an gach ceàrn na h-Alba airson “Taibhse” agus gu sealbhach tha iomadh ainm againn aig DASG ann am “Faclan bhon t-Sluagh”: Ann an Sgalpaigh tha iomadh fhacal air an clàradh: tha Manadh, Samhladh, Taibhs, Tanasg, Tannasg, Tathaich agus Tathasg air an clàradh, a’ sealtainn dhuinn gu dè cho rògach is a tha an t-Eilean fhèin! Dè tha muinntir an eilein ris leis an uiread thathasg a th’ aca? Ach na gabhaibh dragh, tha Na Hearadh dìreach cho rògach is a tha Sgalpaigh fhèin! Tha na faclan Tamhasg ri lorg ann am Barraigh agus ann an Àird Àiseig, agus Tàbhairneach de dhuine ri lorg mar an ceudna. Tha tathasgan aca ann an Leòdhas mar an ceudna, tha am facal Tàbhoradh ri lorg ann an Àrnol. Tha Taibhse gu math cumanta air feadh na Gàidhealtachd agus tha iomraidhean do taibhsean ann an “Folksongs and Folklore of South Uist” le Margaret Fay Shaw.
Gu tuath air tìr-mhòr na dùthcha ann an Dùthaich Mhic Aoidh tha Tàsg ri lorg ann an Suairdiligh, am Blàran Odhar. Anns an leabhar “Gàidhlig Dhùthaich Mhic Aoidh” le Seumas Grannd, tha am facal “Tathasg” air a chlàradh agus tha Tàsg ri cluinntinn ann an Stòr agus Deilbhinn ann an Ros an Iar. Ann am Faclair Roy Wentworth, “Faclan is Abairtean à Ros an Iar” tha an dà chuid Tàsg agus Taibhs air an clàradh. Gu Ros an Ear agus do Machair Rois tha Neachd air a chlàradh. Feumaidh gu bheil am facal seo air a thighinn o “riochd.” Anns an Eilean Sgitheanach tha roghainn fhaclan rin lorg: Lorgar Cruchull agus Tàbharnach agus Mana ann an Cille Muire fa leth. Tha Bòcan rin lorg ann an Loch Abar agus ann an Dòrnaidh fa leth. Anns an leabhar “Seanchas Ìle” le Comunn na Gàidhlig Ìle, ’s e manadh am facal cumanta a th’ ann airson tathaisg. Tha iomadh chleachdadh ann airson an aon fhacal, nach faic sibh “Manadh” brath-bhloga a rinn sinn fhèin aig DASG. Nach toir sibh sùil air “Tàcharan” mar an ceudna a th’ againn mar an ceudna.
Tha iomadh mhìneachadh dha na h-ainmean fos cionn agus bu chòir dhuinn an tearraideachadh. Tha taibhse a rèir “Freumh-Fhiaclair Cànan na Gàidhlig,” le Alasdair MacBheathain, air a mìneachadh airson “apparition, ghost, vision” ach tha tamhasg agus tannasg air am mìneachadh le “blockhead, brownie” agus “apparition, ghost.” Tha iomradh aige dhan fhacal “Tàimh” leis a’ mhìneachadh “death, mortality.” Feumaidh gur ann à sin a thàinig am facal taibhse? Tha mìneachachadh eadar-dhealaichte do bòcan ged-tha; ged thèid a chleachdadh airson taibhse ’s e “hobgoblin” am mìneachadh dha. Tha MacBheathain den bharail gu bheil am facal car coltach ris an fhacal “Púca” ann an Gàidhlig na h-Eireann (air a thighinn o “Puka” ann an Lochlannais a rèir coltais.) Ged is biast eadar-dhealaichte a tha am “púca” ri taibhse tha iomadh mhìneachadh ris a rèir an Urr. Iain MacGhriogair Caimbeul ann an “The Gaelic Otherworld.” Dh’fhaodadh e “‘bugbears,’ taibhsean, fuathasan, bòcain, m.s.a.a.” a mhìneachadh. ’S e “an omen, luck” am mìneachadh do Manadh.
Tha uath, fuath agus fuathach ri lorg cuideachd ann an sgeulachdan agus dinnseanchas na h-Alba, le “Leathad Leacanta nam Fuath” faisg air Ulapol. Ann an seanchas nan Gàidheal tha iomradh de fhuath ann an “Duain na Muildheartaich”:
“’S gum b’ ainm don fhuath nach robh tìom
A’ Mhuildheartach mhaol, ruadh, mhuing-fhionn;
Bha aodann dubh-ghlas, air dhreach guail,
Bha deud a carbaid claon-ruadh.”
Dh’fhaodadh fuath “fearg no sgàig” a mhìneachadh no “taibhse, sgàil” ann an cuid dhualchainntean.
Tha mi an dòchas nach eil sibh “Cho bàn ris an anart-mhairbh” no “cho bàn ris an liathag” a bhith a’ bruidhinn mu thathasgan rè a’ bhloga seo agus nach eil sibh air "briosgadh, clisgeadh agus sgal” fhaighinn. A bheil faclan agaibhse airson tathaisg? Nach leig sibh fhios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo