- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 2): An t-Eilean Sgitheannach
Air a sgrìobhadh le Calum air 24mh an t-Sultain, 2020
Mìosachan air air rinn mi bloga, “Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 1): Ros an Iar” far an do thog sinn sùil air far-ainmean, agus frith-ainmean, air an toirt do bailtean ann an sgìrean diubhraichhte agus tha sinn air ais le bailtean eile agus mìneachaidhean eile anns an Eilean Sgitheannach.Chaidh rannsachadh a dhèanamh le Andreas Wolff far an deach mòran mu sheanchas, abairtean, bhriathrachas agus dualchainnt Shlèite a chlàradh agus fhoillseachadh airson aire a thoirt mun sgìre agus a muinntir is a Gàidhlig, an lùib chaidh rannsachadh a dhèanamh mu fhar-ainmean (agus frith-ainmean...) nam baile diubhraichte agus tha mi an comann Andreas Wolff airson an fhiosrachaidh agus an luaidh seo. Nach toir sibh sùil air a làrach-lìn “èibheasach” an seo: http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/aite/Sleite/.
Tha e innteanach gu bheil “cuspair” a’ ruith leis na far-ainmean ann an Slèite; ’s e “eòin” a tha mòran dhuibh! Tha mòran fhar-ainm ann ceangailte ris an sgìre seo, ’s e “Lios an Eilein” a th’ ann a rèir bheachdan fheadhainn, ach ’s e “Na h-Eireagan Shlèite” a chanar ri Slèitich an diugh agus tha ainmean eòin air muinntir bhailtean diubhraichte na sgìre far an lorgar “Faoileagan na h-Àirde,” “Cearcan Breaca Chaileagarraidh” agus “Cearcan Àird a’ Bhasair.” Ach tha beathaichean eile rin lorg ann an Slèite mar an ceudna: lorgar “Coin an Druim Fhearna,” “Meirlich Heasta,” agus, à sgìrean eadar-dhealaichte, lorgar “Faochagan an t-Sratha,” ann an sgìre an t-Sratha, sgìre Ealaghoil, agus gu tuath dha na “Coin Thròndairnis.”
Anns an leabhar “Far-ainmean Dùthchail na Gàidhealtachd,” le Dòmhnull C. Frìseal, le Tàr-Ghìomhan a’ Chomainn Ghàidhealach Inbhir Nis, tha na h-ainmean na “Coillich Rotha[i]g,” mu Hàrlois, a’ leantainn le “cuspair” le ainm eun a-rithist! Tha ainmean inntinneach aig muinntir Thròdairnis air muinntir Dhiùrarnais le “Dùthaich nam Mogan,” “Fearann nam Mogan” agus “Fearann Moganach” agus tha “Dùthaich nan Stapag,” “Fearann nan Stapag” agus “Fearann Stapagach” aig muinntir Dhiùranais air Muinntir Thròdairnis.
Tha abairtean eile againn air Slèite, le “Slèite Riabhach nam Ban Bòidheach” agus “Clachan an t-sratha ’s mnathan Shlèite” rin lorg, a’ moladh nam Ban-Shlèiteach Bòidheach agus a’ dì-mholadh nam Ban-Shrathach bochd! Theidhinn fhèin nam “fhaochag” nan d’ fhuair mi fhìn an t-aon dì-mholadh a fhuair iad fhèin! Ach cuiridh mi ceann air a’ bhloga seo le abairt a bheil mi glè eòlach; “Cèilidh nam Ban Slèiteach.” A rèir Andreas Wolff thèid an t-abairt a chleachdadh airson cèilidh, no cruinneachadh, a tha air a ruith ro fhada agus anmoch, abairt air leth cuideachail airson cèilidh an t-Sabhail Mhòir a mhìneachadh!
Feumaidh gu bheil far-ainmean eile agaibhse airson bhailtean ionadail air an Eilean Sgitheanach ach bu chaomh leam an cluinntinn bhuaibhse agus cò th’annta! Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo