- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Faclan Ionadail airson 'Daddy-Long-Legs'
Air a sgrìobhadh le Calum air 10mh an t-Sultain, 2020
Grunn laithean air ais fhad ’s a bha mi a’ siubhal nan gleann ann an Gleann Uachdar-tìre cha mhòr nach do theann “Daddy-Long-legs,” no “crane-fly” ri m' aghaidh. Cho luaths is a thànaig e dh’fhalbh e agus cha robh fios agam cò a chanainn ris a’ bhiastag sin. Mheòraich mu nan robh iomadh fhacal ann air a shon agus gum biodh e math an ainmeachadh ann am brath-bhloga. Mar sin, theagamh ’s nach eil feadhainn dhiubh deònach a bhruidhinn mu bhiastagan, mialan-chrìona agus meanbh-fhrìdean ach bheir sinn sùil air ainmean na biastaige seo!A’ tòiseachadh anns na h-Eileanan Siar, faisg air “a’ cheann sìos” Leòdhais, ann am Barabhas cluinnear Bodach-na-mòintich. Is ciall dha sin air sgàth ’s gur e àite freagarrach ’s a tha am mòinteach airson a’ “bhodaich” seo. Ann an Cradhlasta agus Pabail tha Murchadh na Mòinteach anns an dà sgìre, agus tha an t-ainm as cumanta a th’ againn airson a’ chreutair seo an-diugh ri lorg ann an Cabhasta; Tarbh-nathrach. ’S e “Tarbh-nathrach”a dh’ionnsaich mi ’sa chiad dol-a-mach mus an do dh’ionnsaich mi mu ainmean eile ann an sgìrean eadar-dhealaichte. Ann an Uig an Iar tha e inntinneach gu bheil ainm pearsanta eile ann air a chleachdadh seach “Murchadh” agus ’s e Calum an t-Sabhail an t-ainm a th’ air. Gu deas dha na Hearadh tha ainm car coltach ri “Calum an t-Sabhail” ri lorg ach ’s e Calum-Figheadair a th’ ann. Feumaidh gun robh muinntir nan sgìre dèidheil air an ainm agus thuiginn carson (tha mi fhìn car aon-taobhach ma dheidhinn...) Lorgar an t-ainm seo ann an Cuidinis agus anns an Òb leis an ainm Caraide-Spàgach mar an ceudna.
Thairis a’ Chaoil cluinnear Cailleach a’ Bheing ann an Uibhist a Tuath. Tha e inntinneach gu bheil gnè a’ chreutair air atharrachadh an seo, cha mhòr gur h-e (no gur h-i) “Màthair-nan-casan-fada” a th’ innte! Is ciall dha sin air sgàth ’s gur e Cailleach-Chòsach an t-ainm a th’ ann airson Sgleutaig agus biastagan eile mar a leithid. Ann an Uibhist a Deas, chaidh Breabadair a lorg, ann am Baghasdail a Deas, agus tha seo inntinneach air sgàth ’s gun can feadhainn dhuibh “Breabadair” airson damhan-allaidh ann an cuid sgìrean den Ghàidhealtachd nas motha. Ann an cuid sgìrean ’s e facal eadar-chleachdadh a th’ ann ach ann am feadhainn eile bidh mìneachadh fa leth dhuibh.
Thairis a’ Chuain Sgìth ’s e Tarbh chuileig a chaidh a lorg anns an Eilean Sgitheannach agus thairis a’ chaol Ratharsach tha an dà chuid Colgadan-na-lampa agus Gobhladair-na-lampa rin cluinntinn. Dha na h-eileanan a-staigh chlaradh an t-ainm Cuibheall-chrò ann an Caolas, Tiriodh, agus tha am facal air a chleachdadh airson dèideig àraidh mar an ceudna [chìthear an seo e.]
Tha “breabadair” eile againn ann am “Faclan bhon t-sluagh”; Breabadair-ladhrach a chaidh a chlàradh anns a’ Chomraich. A’ dol gu Srath Glas, car coltach ri Breabadair, lorgar Figheadair-fodair. ’S e an aon càs a th’ ann le “figheadair” ’s a tha ri “Breabadair,” gu bheil muinntir sgìrean eile ann a chanar “figheadair” airson damhan-allaidh agus “Opliliones” eile. Tha ainm ann a tha nas coltaiche ri “Damhan-allaidh” ri lorg ann an Cill-Fhinn leis an ainm An Damhan rong mhòr. Mar sin tha e inntinneach ri fhaicinn gu bheil agus gun robh na faclan eadar-chleachdadh no co-iomlaideach ri càch a chèile. Tha an t-ainm Gille-giobanach clàraichte ann an Strath Glas airson an fhacail àbhaisteach ann an Cinn-tìre.
Anns an fhaclair Ghàidhlig Dhùthaich Mhic Aoidh le Seumas Grannd tha an t-ainm Anndra nan Cas Fad’ ri cluintinn, ainm eile a tha coltach ri Murchadh na Mòintich agus Calum-Figheadair agus tha mi dèidheil air sin mar an ceudna air sgàth ’s gur e ainm cumanta a tha “Anndra” nam theaghlach! ’S e brath-bhloga math a tha seo a bhith aon-taobhach, a dh’aindheoin cuspair a’ bhloga! Ann am faclair “Faclan is Abairtean à Ros an Iar” le Roy Wentworth bha an t-ainm Corra-bhainne ri lorg.
Ged a tha sinn air mòran ainm ainmeachadh airson na biastaige seo ach bidh mòran dhuibh nach do chlàr mi an seo ach mas èolach sibh air ainmean eile airson na biastaige seo leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo