- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 1): Ros an Iar
Air a sgrìobhadh le Calum air 27mh an Gearran
“Dè an t-ainm a th’ort/oirbh?” Sin fear de na ciadamh ceistean a dh’ionnsaichear ann an cànan sam bith, tha e feumail agus ’s ann mar sin is a tha daoine gur cuimhneachadh is a’ cur aithne oirbh. Tha e na phàirt den fhèin-aithne againn fhèin is ar n-ìomhaigh, mar pàirt dhinn gu nàdarra. Tha sin fìor anns an tòimhseachan seo:“Tha tòimhseachan agam ort,
Chan e do cheann, chan e do chas,
Chan e d’ èideadh, chan e d’ fhalt,
Chan e ball a tha nad chorp,
Ach tha e ort, ’s cha tomhais thu e”.
Cho fhad ’s a cuimhne dhuinn tha far-ainmean, no frith-ainmean, anaisg no ainm-baidh ma thogras sibh, air a bhith nam pàirt làidir de ainmean nan Gàidheal, gu h-àraidh nuair a tha aon ainm, no ainm-sloinneidh, gu math cumanta san sgìre agaibh, tha sin fìor le far-ainmean mar "Dòmhnaill ‘Splash’ MacFhilip” “Dòmhnaill ‘Beag’ Walker,” “Calum ‘Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phost’ MacNìll”and “Màiri Mhòr nan Òran”. Tha far-ainm agam fhìn, “Calum a’ bhaindseo”. Dh’fhaodadh am far-ainm tachartas a thachair riubh a mhìneachadh, coltas ur dreuch no ur nàdar no ur n-obair aithneachadh no ur cur-seachadan aithneachadh mar an ceudna – ’s e sin an càs agam a thaobh ciùil. Mar an ceudna tha sin a’ sìneadh do mhuinntir agus sluaghan sgìrean, no dùthchanan eadar-dhealaichte, fad is farsaing. Tha sinn air a bhith ag obair air Faclair Roy Wentworth “Faclan is Abairtean à Ros an Iar”, leabhar luachmhor, prìseal, làn stòras de fhaclan, abairtean, dinnseanchas, bàrdachd, òrain, toimhseachan, duanagan agus seanchas, agus tha e air far-ainmean nam baile a thogail agus a chlàradh air ar son, is mar sin, togamaid sùil orra bho sgrìre gu sgìre.
A’ Chomraich
- Àilligin: “saoidheánan Àiliginn” agus “adhaichean Àiliginn”.
- Àird Heisleag: “buic Àird Heisleag” agus “Na Cràcánaich”.
- Àirigh nan Cruithneachd: “Druinich [Draoidhean] Àirigh nan Cruithneachd”.
- An Annaid: “Daoin-uaisle na h-Annaide”.
- Badan Mhugaidh: “Mùgairean Bhadan Mhùgaidh”.
- Balgaidh: “Balgairean [Madaidhean-ruadh/Sionnaich] Bhalgaidh”.
- Cùthaig: “Tùthagan Chùthaig” agus “Rùcánaich Chùthaig”.
- Doire: “Tuath an Doire”.
- Doire-aonar: “Bruic Dhoir’ Aonáir”.
- Dìobaig: “Cnùdánan Dhìobaig” agus “Cnòdain Dhìobaig”.
- Feàrna: “Tùchánaich na’ Feàrn”.
- Feàrna Beag: “Eireagan na’ Feàrna Beaga”.
- Feàrna Mòr: “Coin na Feàrna Móra”.
- Cal na cille: “Slatan-mara Chal ’a Cille”.
- Ceann Mòr: “Ceann-phollánan na Ceannmhoire”.
- Lòn Bàn: “Bodaich bheaga bhireach a’ Lon Bhàin”.
- Sìldeag: “Gathan-dubha Shìldeág”. Tha Roy Wentwoth air mìneachadh a thoirt anns an fhaclair aige: “The people of Shieldaig (Applecross) have the nickname “gathan-dubha Shìldeág,” where “gathan-dubha” may either mean beard or awns of oats or barley, or else Dwelly’s “storm-riders, the dark undulations seen in falling rain, when gusts of wind compress and scatter the rain like the waves of the sea”.
Geàrrloch
- An Achadh Garbh: “Sgairbh an Acha Ghairbh”.
- An t-Allt Beithe/Am Fàn (Braonach): “Rodoin [Radain] an Fhàin”.
- Allt Grìsean: “Crùbagan Allt Grìseán”.
- Geàrrloch: “Truisg Gheàrrloch”.
- Inbhir Àsdail: “Cannibals Inbhir Àsdail”.
- Leothad: “Caoirich mhaola ’Leothaid”.
- Mealabhaig: “Buic Mhealabhaig”. Tha far-ainmean air an toirt airson Mhealabhaig fhèin: “A’ Bhoilc,” mar sin ’s e “Boilceach” a th’ ann an neach à Mhealabhaig.
- Sannda: “Eich Shannda” agus “Làraichean Shannda”.
- An Uaimh: “Buic na h-Uamhach”.
Loch Braoin
- Coire: “Fir a’ Choire”.
- Loch Braoin Beag: “Crodh a’ Locha Bheag”.
- Sgoraig: “Coin Sgoraig”.
- Ulapol: “Crodh Ulapol”.
Urchard agus Lògaidh an Iar
- Drochaid Sguideil: “Geòcairean Dhroichid Sguideil”.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo