- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seanfhaclan agus Shennocklen: Càirdeas agus Comasan ann an Seanfhaclan Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig Mhanannach (2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 30mh an t-Samhain, 2019
An t-seachdain ’s a chaidh bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn comasan ann an Seanfhaclan Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig Mhanannach agus, mar a sgrìobh mi sa’ bhloga an t-seachdain ’s a chaidh, bha mòran eile air cuspairean eadar-dhealaichte an-diugh.Thagh mi grunn a bha coltach ri chèile a thaobh “Faiceall”:
- "Moyll y droghad myr heu harrish” [“Praise the bridge as thou wilt go over it”]. Tha am fear seo gu math coltach ri dithis eile a lorg mi san leabhar fhèin a tha a’ mìneachadh an aon nì, cha mhòr. “Coontey ny hein roish ta ny hoohyn guirt” [“Counting the chickens before the eggs are hatched”] agus “Lurg roayrt hig contraie” [“After spring tide will come neap”]. Smaoinich mi gun robh iad gu math coltach ri “Mol an là mu oidhche” a tha againn ann an Alba
- “Ta laane eddyr raa as jannoo” [“There’s much between saying and doing”] – “‘Theab ’s cha d’ rinn,’ [an] cù [a] bu mhiosa a bha riamh aig na Féinne”. Tha am fear seo ceangailte ris na Fèinne agus na coin-seilge a bh’ aca. A thaobh a’ chiadamh fhear tha mi eòlach air seanfhacal a leugh mi ann an leabhar sheanfhaclan Gàidhlig na h-Èireann, “‘Sin méadú ort!’ Arsa as dreoilín nuair a rinne sé a mhún san fharraige” [That’s an amount for you! Said the wren when it peed in the sea]. Thèid am fear seo a chleachdadh nuair a thathar ag ràdh gu bheilear a’ cuideachadh ged nach eilear gu feum idir! Rinn mi aithris air an dreathan-donn, le seanfhaclan agus gnàthasan-cainnt ceangailte ris, anns a’ bhloga seo.
- "Eddyr daa stoyl ta toinn er laare” [“Between two stools the bottom is on the floor”] – “Eadar dà stòl tuitidh tòin”. Cha mhòr nach ionnan an dà sheanfhacal seo leis an ìomhaighean agus an teachdaireachdan.
- "Tra s’reagh yn chloie, share faagail jeh” [“When the play is merriest it is better to leave off”] – “Fear nach bi glic san oidhche, bidh e glic sa mhadainn”. Tha a’ chiad fhear ann an Gàidhlig Mhanannach gu math coltach ri “Stiark keart ta dooinney siyragh ass seaghyn” [“Seldom is the time that a hasty man is out of trouble”] ’s ged nach eil e a’ ciallachadh an aon nì idir. Bha e innteanach gu leòr iomradh a dhèanamh dheth ged-thà!
- “Tra ta thie dy naboo er aile gow cairail jeh dty hie hene” [“When thy neighbours house is on fire take care of thine own house”] – “Sguabaidh fear taobh a theine fhèin mus tèid thu gu taobh an teine neach eile”. Ged nach eil an dà sheanfhacal seo bùileach co-ionnan tha an ciall air an cùl gu math fìor. Ged gu bheil ìomhaigh an teine soillear annta fa leth’s e na tha na daoine a’ dèanamh a tha eadar-dhealaichte
- "Cha jean un ghollan-geayee sourey, my un chellagh-keylley geuray”] – “Cha dèan aon smeòrach samhradh”.
- Cha nee yn woa smoo eieys smoo vlieauyns” [“It is not the cow which lows the most will make the most”] – “Chan e a’ bhò as motha beum a’ bhò as motha bainne” agus “Sieyn follyn smoo sheean nee” [“Empty vessels will make the most noise”] a tha coltach ris a’ chiadamh fhear.
- Cronk aalin foddey voym, glas glas tra roshym eh” [“A beautiful hill far from me, grey, grey when before me”] – “Itean bòideach air eòin fad às” [“Beautiful feathers on far away birds”]. Chan eil am fear seo anns an leabhar bhon t-seachdain ’s a chaidh (an seo) ach leugh mi e anns an leabhar “Saoghal Bana-mharaiche” cuideachd.
Uill, mar a thuirt mi an t-seachdain ’s a chaidh, tha iomadh nì agam ri ràdh mu dheidhinn abairtean eile ach bidh cothrom eile ann a bhruidhinn air seanfhaclan coltach agus eucoltach airson bloga eile. A bheil sibh eòlach air fear sam bith de na seanfhaclan os cionn? A bheil seanfhaclan eile agaibh? Nach leig sibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo