- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Oidhche Shamhna
Air a sgrìobhadh le Calum air 31mh an Dàmhair, 2019
’S e Oidhche Shamhna a th’ ann a-nochd agus tha sinn air bhioran aig an oifis! Chuir sinn romhainn gum biodh e math bloga a sgrìobhadh ma dheidhinn leis na faclan a th’ againn ann an “Fhaclan bhon t-Sluagh” a tha a’ bualadh ri cleachdaidhean agus seanchasan na Samhna.Tha an gnàth-cainnt “O Bhealtainn gu Samhainn” ann a tha a’ clàradh àm an t-samhraidh gu crìoch an fhoghair, cha mhòr.
Tha Oidhche nan Cleas a th’ againn, tha sin air a mhìneachadh le cleasan a bha daoine ris aig an tìm: tha gathan gainnisg againn far an cleachdadh mùran mar lasair agus leusan tron oidhche. Gu h-inntinneach tha gathan-ganaisg againn agus, a rèir coltais, gun cuireadh gillean pìos ghathan-ganaisg fo sgiortaichean bhoireannach, far an urrainn dhaibh sin a dhèanamh! Bheireadh an “cleas” seo torrachas, a rèir coltais. Tha gathan gannaisg againn agus tha naidheachd ann gun tilgeadh balaich òga ultachan dhiubh aig càch a chèile, a’ gairm “Mo shaighead air do shaighead-sa!”. Chumadh an cleas seo na sìtheachan air falbh bho chron a dhèanamh tron bhliadhna. Rachadh golan gaoithe a dhèanamh, fear bhuntàta air a sgeadachadh le itean eala ann. (Chan eil fios againn, gu buileach, ciamar a tha seo ceangailte ri cleasan eile na Samhna, ach ma tha fios agaibh, nach leig sibh fios dhuinn!) Tha cleas eile ann a bha inntinneach na dòigh, Pollag na Samhna, far an cladhadh toll san tìr gus ur cuid fhortan gus sealbhachas fhaicinn, no dearbhadh. An ath latha nam tachradh cruimh, no faoiteag, anns an toll rachadh a’ bhliadhna leibh le deagh shealbh, ach nam biodh an toll falamh cha rachadh nithein leibh ach droch shealbhachas leis a’ bhliadhna romhaibh.
Rachadh samhnag a chruthachadh, craoslach neo teine-aghair, agus ghabhadh hòro-gheallaidh le crannag, cèilidh (no partaidh) son Oidhche nan Cleas. Le fèill mar seo bhiodh biadh agus ròic ann gu dearbh, far an gabhadh Bò Shamhna, no caora chàraidh, mu àm na Samhna, far an deachadh a’ bhò no an caorach dhan cheann-chinnidh no dhìlseanach. Gheibheadh an clann fuarag, milis de mhin-choirce agus bàrr. Bhiodh seo na mhilis mu dheireadh den bliadhna, cha mhòr, air sgàth ’s nach biodh bàrr a bharrachd ann gus an ath-bhliadhna. Tha seo beagan coltach ri “Trick-or-Treat”, nach eil? Fhad ’s a tha mi a’ dèanamh luaidh air “Trick-or-treat” rachadh cuid mhuinntir sa’ bhaile mun chuairt le aghachoimheach, (aghaidh-choimheach), aodainn-fuadain agus aodaichean-sgàilidh mar an ceudna. Tha e inntinneach gu bheil mòran de na cleasan a th’ againn an-diugh cho coltach ris na cleachdaidhean a bh’ againn o chionn fhada agus ghoirid ann an Alba.
A bheil sibh fhèin eòlach air fear sam bith de na cleasan no cleachdaidhean os cionn an seo? A bheil tionnadadh eile agaibh-se air feadhainn de na th’ againn an-seo? Nach leig sibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
DASG: https://dasg.ac.uk/gd
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo