- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seanfhaclan agus Shennocklen: Càirdeas agus Comasan ann an Seanfhaclan Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig Mhanannach
Air a sgrìobhadh le Calum air 22mh an t-Samhain, 2019
Tha sinn dèidheal air gnàthasan-cainnt agus seanfhaclan aig DASG, gidheadh tha grunn dhiubh againn mar-thà ann am “Faclan bhon t-Sluagh” an seo, agus cànain eile, gu h-àraidh cànain Cheilteach, mar sin lorg mi cuspair inntinneach airson bloga a sgrìobhadh an-diugh. Anns a’ bhloga seo tha mi airson sùil a thoirt air seanfhaclan a th’ againn ann an Alba an taca ri seanfhaclan a th’ aca ann am Manainn. O chionn ghoirid tha mi air a bhith a’ leughadh leabhar air leth inntinneach, “The folk-lore of the Isle of Man: being an account of its myths, legends, superstitions, customs & proverbs, collected from many sources-” le A.W. Moore, a bha air leth feumail dhomh leis an rannsachadh seo. Às dèidh cuairt no dhà ga leughadh bha mi den bheachd gun robh mòran de na seanfhaclan aca gu math coltach ris na feadhainn againn, le tionndaidhean beaga dhiubh. Bha e iongantach dhomh dè cho coltach is a bha na teachdaireachdan a bha air an cùl agus an dòigh a chaidh am mìneachadh le ìomhaighean, no “sgeulachdan” eadar-dhealaichte. Uaireannan chan eil an cainnt ionnan nam mìneachadh gu bùileach ach sgrìobh mi ann an camagan cearnagach am mìneachadh anns a’ Bheurla.
Seo feadhainn dhiubh a tha ceangailte ri “Fìrinnean Chumanta” agus na tionndaidhean againn dhiubh:
- "Eaisht lesh dagh cleeaysh, eisht jean briwnys” [“Listen with each ear, then do judgement”] –“Fear nach cluinn gu math, cha fhreagair e gu math”.
- Tha na seanfhaclan os cionn ceangailte ri feadhainn eile an seo: “Cha vel fer erbee cha bouyr, as eshyn nach jean clashtyn” [“There is no man so deaf as he who will not hear”]. Chuir seo cuimhne orm de “An nì nach cluinn thu an-diugh, chan aithris thu a-màireach”.
- "Eshyn lhieys marish moddee, irrys eh marish jarganyn” [“He who will lie down with the dogs will rise up with the fleas”] – “Am fear a laigheas sa pholl, èiridh e gu fluich, salach”. Chan eil mi eòlach air faclan an fhir seo gu bùileach ach ma tha fios agaibh fhèin nach leig sibh fios dhuinn!
Lorg mi mòran sheanfhacal a tha ceangailte ri “Fèineachas”, an aghaigh fèineachas gu h-àraidh:
- "Dy chooilley ghooiney er a hon, as Yee son ain ooilley” [Every man for himself, and God for us all”] – “Do gach fear a sgarbh fhèin”. Chan eil an dà sheanfhacal seo buileach ceangailte ri chèile ach cha chanainn nach eil iad ceangailte. Chuir e cuimhne orm de thionndadh eile a lorg mi ann an “Proverbial Lore in Embo and the other Gaelic-speaking fisherfolk communities of East Sutherland” le Nancy Dorian, le “Thoir a h-uile fear sgor à creig d[h]a fhèin!” [“Every fellow will take a chip out of a rock for himself!”]. Mar an ceudna tha cuimhe agam air seanfhacal às an leabhar “Saoghal Bana-mharaiche” le Seòsamh Watson, le “’S iomadh fear [a] chaidh gus a’ choille airson bata d[h]a fhèin”.
- "Slaa sahll er toinn muck roauyr” [“Daub grease upon the rump of a fat pig”] – “A’ cur mèith air muc mhèith” [“Putting fat on a fat pig”]. Ged nach eil cuimhne agam air cò às a lorg mi am fear seo, tha cuimhe agam air seanfhacal eile a bha coltach ris an fheadhainn os cionn: “’S ann air a’ chàrn as motha a thuiteas clachan (beaga) air a mhullach” Nach leig sibh fios dhuinn ma tha fiosrachadh agaibh air an fhear seo!
Tha mòran agam ri sgrìobhadh air coimeasan agus coltasan an dà chànain, ach leanaidh mi ris a’ chuspair seo an ath-sheachdain. A bheil sibh eòlach air na seanfhaclan os cionn? A bheil molaidhean no fiosrachadh agaibh air na seanfhaclan anns a’ bhloga seo? Nach leig sibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo