- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Smuais
Air a sgrìobhadh le Calum air 3mh an Dàmhair 2019
O chionn ghoirid chaidh dealbh air fhoillseachadh leinn air facebook agus twitter air an fhacal Smuaisleadh a’ ciallachadh “A lively reaction, e.g. someone quickly awakening from a deep sleep”. Tha teagamh ann gun d’ thàinig am facal às an fhacal Smuais, a’ ciallachadh spionnadh, lùth agus smòis (vigour, energy and pith). Tha smuais air a chlàradh anns a’ Chòigeach, a’ ciallachadh an aon nì, le eisimpleir an fhacail anns an rosgrann “Tha mòran smuais ann”. Chaidh am facal seo a chlàradh ann am Beinn na Faodhla leis an Urramach C. T. MacCoinnich.Bha e inntinneach am facal seo a’ lorg air an làrach-lìn o chionn ’s gun robh cuimhne agam air nitheigin a leugh mi ann an “The Peculiarities of Gaelic as spoken in the Writer’s District” leis an Urramach Teàrlach M. MacDhonnchaidh, air Gàidhlig Sìorrachd Pheairt. Anns an aiste tha a’ moislich air a chlàradh ann an Srath Tatha, a’ ciallachadh “to stir (out of sleep)”. Tha e innteanach gu bheil na nòtaichean a’ clàradh “a’ smuaislich” mar an ceudna à Leòdhas. Air an làrach facebook againn tha an Doctair Dòmhnaill Meek air teachdaireachd a sgrìobhadh, a’ soillearachadh tionndaidhean eile an fhacail ann an Tiriodh le smuaisleachadh agus smoisleachadh fa leth. Tha e inntinneach a lorg gu dè cho coltach ’s a tha iad le moislich ann an Srath Tatha.
Tha caisleachadh air a chlàradh le ‘Learngaelic.scot’ na fhacal eile airson smuaisleachadh. Air Dwelly tha smoisleachadh, moisleachadh agus mosgladh air an fhaclair bheag. Ann am Freumh-fhaclair a’ chànain Ghàidhealach, le Alasdair MacBheathain, tha mosgail ann, a’ ciallachadh “awaken, arouse”, a tha faisge ri moislich no smoisleachadh.
Tha Caraich anns an leabhar “Bho Chluaidh gu Calasraid” le Mìcheal Newton agus, ged nach eil am facal co-ionnan ri smuaisleach, tha sguch air a chlàradh leis a’ Phroifeasair Nancy Dorian ann an “East Sutherland Gaelic”, a’ ciallachadh “move, stir”. Tha am facal seo ann am faclair MhicBheathain, a’ ciallachadh “sprain, strain a joint” agus “spring”. Ged nach eil am facal ceangailte gu buileach le smuaisleadh, no sguch, ’s e am facal raghaidh a tha clàraichte le Dorian, a’ ciallachadh “a knock to wake someone up in the morning”! Ma dh’fhaoidte ’s gum b’ àbhaist muinntir Chataibh is Rois a bhith nam fìor shuain fa leth!
A bheil sibh eòlach air faclan, abairtean ris na faclan os cionn? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
DASG: https://dasg.ac.uk/gd
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo