- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Faclan Ghallach (2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 4mh an t-Iuchair 2019
Mar an ceudna leis a’ bhloga an t-seachdain sa chaidh, lorg mi iomadh fhacal a bha ceangailte ri dualchainntean eile Gàidhlig na h-Alba a tha cumanta an-diugh agus grunn eile a lorg mi ann an leabhraichean. (Ma bhios sibh airson innse dhuinn ur faclan fhèin agus faclan eile air a bheil sibh eòlach bho Fhaclan bhon t-Sluagh agus Dwelly, bhitheamaid nur comann an seo, leis gu bheil seo air leth inntinneach agus cuideachail dhuinn!):
- Bainne Lampan – Ann an Gallaibh tha seo a’ ciallachadh bainne a bhios a’ fàs tiugh gu luath, ach ann an Dùthaich Mhic Aoidh tha lampan a' ciallachadh lamban no gruitheam.
- Giollan – Tha seo gu math collach ri “Gille”, balach agus Giollan ann an cuid dhualchainntean mar-thà.
- Griogairean – Tha Grioglachan, an Griaglachan, Grioglachan agus Nighean Rìgh Mheangain air an clàradh ann Faclan bhon t-Sluagh. [Tha e inntinneach fhaicinn gu bheil an “l” air atharrachadh gu “r”, feart a tha cumanta ann an Leòdhas ach Machair Rois agus Machair Chait gu dearbh. Leugh "East Sutherland Gaelic: the dialect of the Brora, Golspie and Embo fishing communities" agus "Saoghal Bhana-mharaiche" airson seo a leughadh nas mionaidaiche].
- A’ mearachadh – Tha mi air “a’ meilich” a leughadh anns na Tàr-ghnìomhan Commann na Gàidhlig Inbhir Nis: earann... "Some Recorded Words and Meanings in the Gaelic of Badenoch" le "R. Barron. Tha am facal a' ciallachadh "rach bàs leis an acras" agus "eug". [Faic am puing gu àrd airson barrachd fhios].
- Neul – Thachair mi ri neul san abairt “Neul an acrais” agus “Tha coltas neul air” ann an "Some Recorded Words and Meanings in the Gaelic of Badenoch" le "R. Barron
- Smiorcadh – Tha sin a’ ciallachadh smior san dòigh bhunasach ach ’s urrainnear “smiorcadh” a chleachdadh airson “smior” agus “spùt chiall”.
- Sopachan – Chan eil sopachan co-ionnan leis an fhacal “Fraings'” a leugh mi bho Màirin mhòr Uilleam, air an làrach-lìn Droitseach, air Gàidhlig Bhàideanach ach tha e inntinneach a chlàr gu bheil an aon inneal aca, ged a tha ainm diofraichte air a shon. Cruinneachadh Fraoch (ann an càs na fraingse bha Fraoch Fraingeach air a chleachdadh) gus inneal-sgrìobaidh nan truinnsear a chruthachadh.
- Sùstan – Tha seo collach ri Dusan, no tùsan, a thathar ag ràdh an àite “mìle” ann an cuid sgìrean.
- Ullag – Lorg mi am facal seo ann an "Some Recorded Words and Meanings in the Gaelic of Badenoch" le "R. Barron ach chan eil e a’ ciallachadh an aon nì; ann an Gallaibh tha ullag a’ ciallachadh cnap-coirce amh, air a thàthadh le bainne neo bùrn. Ann am Bàideanach tha e a’ ciallachadh beul làn mìn-choirce a-mhàin.
DASG Website: https://www.dasg.ac.uk/gd
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Steaphan
a’ mearachadh
2019-08-23 00:31:09air a mhearachadh leis an fhuachd
Tha mi am beachd gu bheil seo co-ionann ri « air do mheileachadh » mar th’aca air ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
A’ ciallachadh gu bheil thu air do ragachadh leis an fhuachd, mar a tha « air do lathadh » leis an fhuachd, etc (benumbed with cold)