Gàidhlig / English
Sgeulachdan ann an Cluas ri Claisneachd

Sgeulachdan ann an Cluas ri Claisneachd

Air a sgrìobhadh le Abi air 14mh Am Màrt 2019

Chaidh Cluas ri Claisneachd air-lòidhne anns an Lùnastal 2018. ’S ann bhon obair-chruinneachaidh airson Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG) a thàinig a’ mhòr-chuid de na clàraidhean, is chaidh clàraidhean eile a thoirt do Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean. Tha Tasglann Mòthan againn cuideachd a tha làn chlàraidhean a rinn Tracy Chipman. ’S ann às na Stàitean a tha Tracy ach b’ ann tric a bha i anns na h-eileanan anns na 1990an a’ clàradh dhaoine. Mar sin, tha an tasglann againn làn òran, fhaclan ionadail, sgeulachdan-beatha agus sgeulachdan ficseanail, anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla. Chan e dìreach gu bheil na clàraidhean a th’ againn ann an Cluas ri Claisneachd feumail airson ionnsachadh mu dheidhinn briathrachas Gàidhlig agus Gàidhlig labhairte ach tha iad cuideachd gu math cudromach mar thùsan eachdraidh.
 
Thàinig cuid de na clàraidhean a th’ againn ann an tasglann FEG à Alba Nuadh agus a’ dol cho fada air ais ri 1953. Tha Songs and Piping recorded for CBC Sydney làn òran-gaoil, òran-iomraidh agus ‘bàrdachd baile’, cuid air an robh sgioba DASG eòlach agus cuid air nach robh idir. Tha cuid dhe na h-òrain mu dheidhinn chuspairean ris a bheil seinneadairean Gàidhlig anns na làithean an-diugh gu math cleachdte mar A’ Choille Ghruamach, ’S Toigh Leam Fhìn Mo Chruinneag Ghuanach agus Tha Mi fo Lionn-dubh ’s Mi ’m Ònar. Ach cuideachd tha òrain ann a tha ag innse dhuinn mun bheatha làitheil a bh’ aca ann an Alba Nuadh, mar Òran nam Mohawks. Cha chuala mi riamh an t-òran seo air a ghabhail ann an Alba!

Peadair Buidh’ an-dràsta gun fàth aige a dhol a-mach,
A thogail a’ bhuntàta ’s a chàradh far bheil an lag.
Thàinig na Mohawks air, cho dàna ’s gun do dh’iarr iad air,
Buiseal dhen bhuntàta ’s gum pàigheadh iad e air ais.
 
Seinn airidh o horo
Seinn ò, seinn ò
Seinn airidh o horo
Seinn horò nàillibh.
 
Murchadh Buidh’ ag èigheach gu h-àrd air mullach nan cnoc
Labhair e ri Gabriel “’S feàrr dhuit fuireach air ais”
Chunna mise dhà dhiubh am bràigh a’ bhail’ againn fhìn
Gillean Dhòmhnaill Ruaidh ’s iad gam fuadach a-mach o thìr.
 
Seinn airidh o horo
Seinn ò, seinn ò
Seinn airidh o horo
Seinn horò nàillibh

Gu mì-fhortanach chan eil ach dà rann againn air a’ chlàradh seo ach ma tha duine sam bith agaibh eòlach air a’ bharrachd na sin no an cuala sibh riamh cuideigin ga ghabhail bu mhath leam cluinntinn bhuaibh!
 
Anns a’ chlàradh, Stories and Songs from Jim Charles MacNeil, tha Seumas Teàrlach MacNèill ag innse dhuinn rud beag mu a bheatha, mun choimhearsnachd a bh’ aca ann an Ceap Breatainn, agus mar a chaidh Colaiste na Gàidhlig aig St Annes a stèidheachadh:

[Mar a chaidh] a stèidheachadh thall a’ sin. [...] Thàinig an t-Urramach MacCoinnich a bha anns a’ Chiad Chogadh ’s thàinig e dha na Stàitean ’s chaidh e a cholaiste, fhuair e òrdan ministeir, thàinig e an uair sin a-nuas a Chanada. Agus bha e goirid na mhinistear ann an Baddeck, agus bha Coinneach, bha fear MacLeòid, ministear a bh’ ann fhèin, thug e sluagh mòr à Saint Annes a-null gu Astràilia... Agus bha fear ann, air an robh e, ann an siud agus bha esan a’ cantail gum bu chòir rudeigin a thogail, fhios agad, airson nan oighreachd phrìseil a bh’ aig ar sinnsearan a chumail suas mar chuimhneachan air an duine seo [...].

Ann an aon dhe na clàraidhean as fheàrr leam tha Aonghas MacDhòmhnaill ag innse dhuinn mu dheidhinn an turais a ghabh an teaghlach aige fhèin air a’ Hector a’ siubhal gu Alba Nuadh airson beatha ùr a thòiseachadh;

Uill, thàinig na MacInneses a-mach. Clann Aonghais, thàinig iad a-mach à Scotland, thàinig iad a-mach às an t-seann dùthaich air a’ Hector. Shettle dithist aca ann an seo, Mìcheal Mòr a chanadh iad ri mo shinn-seanair, agus Niall, shettle e ann an seo cuideachd.

Chan eil na clàraidhean aig Tracy Chipman làn òran is sgeulachdan a-mhàin ach cuideachd fiosrachaidh air dòigh-beatha, reasabaidhean agus leigheasan. An-dràsta, tha mi ag obair air clàradh dhe Tracy ann an còmhradh ri Kate Ann MacLellan à Taigh a’ Ghearraidh, Uibhist a Tuath. Tha Kate ag innse dha Tracy gu robh dòighean sònraichte aig a seanmhair airson cha mhòr galar sam bith a leigheas agus tha e soilleir gu robh deagh chliù aice san eilean. Nuair a bha Kate gu math beag, chuir i seachad ùine mhòr còmhla ri a seanmhair a’ buain feamainn air an tràigh agus bha reasabaidhean aice airson gach rud, fiù ’s airson chonachagan (conch shells).

Large conch shells. Sometimes you would get some of them with food in them and sometimes they were empty. And always when you put them to your ear you would think the sea was murmuring inside them. Well, my granny used to take home every single one she would see empty of these shells. And she used to boil them as well. And she would strain that and she was bottling it as well. And this was supposed to be lime water that was made out of theses conch shells. And in those days children were very bad with worms, and this is the cure for the worms, was to give them this lime water.

Anns a’ chlàradh, Stories and Discussion on the SS Politician, tha Raghnall MacDhòmhnaill ag innse dha Tracy sgeul a’  Pholitician.
 
Tha Alasdair MacLeòid ag innse dhi mu chaithris na h-oidhche ann an Scalpaigh. Cha rachadh duine sam bith a-mach a chaithris ach tron t-seachdain, air eagal ’s gum biodh iad fhathast a-muigh air Là na Sàbaid! Cha robh mòran Gàidhlig aig Tracy aig an àm sin agus mar sin, tha cuid dhe na clàraidhean seo anns a’ Bheurla. Ach tha iad ag innse dhuinn mu na nòsan Gàidhealach a bh’ ann agus tha mi smaoineachadh gu bheil iad fhathast gu math chudromach mar thùsan eachdraidh.
 
Air ais gu tasglann FEG airson an sgeòil mu dheireadh agam, agus ’s e sgeul ionadail às an Tairbeart a th’ ann. Anns a’ chlaradh, A Discussion on Fishing, tha Aonghas Màrtainn a’ bruidhinn ri Alexander Black (a rugadh 1893), Mrs Jess Campbell (a rugadh 1892), Hugh Macfarlane (a rugadh 1885) agus Caroline Martin (a rugadh 1904) agus tha iad ag innse dha mun tobar a bh’ aca. Airson an tobar sin a chumail glan, bha iad a’ cumail breac ann. Thuirt iad gu robh an t-uisge an-còmhnaidh gu math glan agus gu robh e cho fuar as t-samhradh ’s a bha e anns a’ gheamhradh.
 
Dè an sgeul as fheàrr leibh a chuala sibh anns an tasglann againn? Nach cuir sibh fios thugainn air Facebook no Twitter, no cuir post-D gu mail@dasg.ac.uk.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo