- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seann Abairtean Sgitheanach
Air a sgrìobhadh le Eilidh air 25 An Giblean 2019
Shaoil mi son blog na seachdain-sa gur e deagh bheachd a bhiodh ann sùil a thoirt ann am Faclan bhon t-Sluagh gus feuchainn air beagan a bharrachd fhaclan ‘Sgitheanach’ ionnsachadh gus mo dhualchainnt a neartachadh agus airson cuid de na h-abairtean a chur air ais ann an cleachdadh. Thachair mi air liosta de dh’fhaclan a bh’ aig Murchadh MacCoinnich à Port Rìgh, agus abair gun robh e làn abairtean nach robh agamsa idir! Leis a sin, seo agaibh cuid de na faclan is abairtean ùra a thog mi bhon fhear seo.‘Rinn e an t-sùil-bheag orm’. ’S e priobadaich a bh’ agamsa air ‘winking’ ron a seo, ach gu dearbh, tha an t-sùil-bheag a’ còrdadh rium tòrr na b’ fheàrr!
‘Tha beagan suaithealas aige ris’. Tha am facal seo, suaithealas, aig an Fhaclair Bheag mar ‘suathalas’, is cha robh facal ceart agam riamh airson a leithid. Dh’fheumainnsa a ràdh: ‘Tha esan rudeigin coltach ris-san’ – tha seo fada na bu bhlasta ri ràdh!
‘Duine làn mealghan’: tha mealghan aig an Fhaclair Bheag mar ‘wrangling’. ’S fìor thoil leam an ciall a th’ aig an abairt seo ’s an ìomhaigh a bhios e a’ nochdadh – cuideigin a bhios a’ feuchainn ri trioblaid adhbhrachadh!
Cha chreid mi gun cuala mi am facal fosgarra a-riamh, ach gu dearbh nì mi mo dhìcheall a chleachdadh bho seo a-mach! A rèir coltais tha e air a chleachdadh mu chuideigin a tha fosgailte, càirdeil, cridheil.
Sin agaibh abairt neo dhà as urrainn dhuibh a chleachdadh gus blas na bu Sgitheanaiche a thoirt air bhur cuid Gàidhlig – cò nach iarradh a leithid?!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo